http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/

15 Am Faoilleach, 2008 - Air fhoillseachadh aig 11:45 GMT

Farpais ùr 'son òran à mion-chànain Cheilteach agus Albais

Chaidh farpais ùr air a bheil "Nòs Ùr", a tha a' comharrachadh òran à mion-chànain Cheilteach agus Albais a chur air bhonn an t-seachdainn seo.

Thathas a' cur fàilte air daoine òrain a tha iad fhèin air an sgrìobhadh, ann an stoidhle sam bith a chur a-steach, mar phàirt de cheithir roinnean deireannach air feadh na Roinn Eòrpa.

Thathas a' coimhead airson òrain anns a' Ghàidhlig, a' Ghaeilge, a' Ghàidhlig Mhanainnich, a' Chuimris, a' Chornais no a' Bhreatanais agus cuideachd Albais agus Albais Uladh.

Thèid an t-òran a bhuannaicheas troimhe gu farpais dheireannaich Liet Lavlut - farpais "Eurovision" nam mion-chànan.

Cruth Eurovision

Tha an cruth farpais "Eurorpean Song Contest" air Liet Lavlut - far am bi seinneadairean agus còmhlain-ciùil a' seasamh airson an dùthchannan fhèin, no airson a' mhion-chànain aca fhèin.

'S e an aon fharpais den t-seòrsa seo san Roinn Eòrpa agus a' chiad fharpais òran a thèid a chumail ann an Inbhir Nis.

Leis an fharpais thathas ag amas air a bhith a' togail ùidh bho sheinneadairean agus luchd-ciùil bho choimhearsnachdan nam mion-chànan, agus gus farsaingeachd chultarach agus chiùil a chur air adhart do luchd-èisteachd eadar-nàiseanta.

Thèid an fharpais Liet Lavlut a chumail san Damhair an ath-bhliadhna ann an Lulea san t-Suain.

Tha a' phròiseict ga cur air bhog le goEvents, agus tha iad a' co-obrachadh le Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE).

Thathas cuideachd a' faighinn taic bho Chomhairle na Gàidhealtachd, ColmCille, Scottish Arts Council, Seribheis nam Meadhanan Gàidhlig, agus Institùd OGE nam Mìle Bliadhna (UHI).

Brosnachadh

Tha Brian Ó hEadhra, a tha a na mhanaidsear air a' phròiseict agus a tha cuideachd na fhear-ciùil, an dòchas gum brosnaich seo ginnealach ùr de sgrìobhadairean-ciùil Cheilteach agus Albais.

Agallamh le Brian Ó hEadhra

"Tha sinn ag iarraidh air luchd-gnìomhachais tuigsinn gu bheil ùidh mhòr gu ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta anns ar cànain agus ar cultar, an dà chuid traidiseanta agus co-aimsireach."

"Tha sinn cuideachd an dòchas barrachd dhaoine òga a thàladh dhan tachartas le bùthan-obrach sgrìobhaidh òrain, agus gum bi ginealach ùr de sgrìobhadairean òran Gàidhlig agus Albais air am brosnachadh," thuirt e.

Feumaidh na h-òrain a bhith air an cur a-steach dhan fharpais ro 14 den Mhàrt 2008.

Bidh an fharpais Nòs Ùr ann air 21 den t-ÒgMhios ann an Eden Court.

Thathas an dòchas gun tèid a' chuairt dheireannach den fharpais Liet Lavlut a chumail ann an Inbhir Nis ann an 2010.