BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 25 Am Faoilleach, 2008 - Air fhoillseachadh aig 17:44 GMT
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Duais-airgid don t-Sabhal Mhòr
 
An tùr aig Sabhal Mòr Ostaig
Cuidichidh an t-airgead daoine òga air a' Ghàidhealtachd
Chaidh fhoillseachadh gum faigh Sabhal Mòr Ostaig - a' Cholaiste Ghàidhlig san Eilean Sgitheanach - duais mhòr airgid.

Fhuair a' cholaiste £200,000 bho Chaidreachas nan Gàidheal - an duais mu dheireadh a thèid a thoirt seachad leis a' Chaidreachas, agus obair na buidhne a' tighinn gu crìch.

Thuirt Cathraiche na buidhne sin, Murchadh Moireasdan:

"Aig deireadh an là, rinn sinn an co-dhùnadh gur e Sabhal Mòr Ostaig an t-àite a b'fheàrr dhan deadh an t-airgead, ach an cuidich e a' Ghàidhealtachd, na h-oileanaich agus SMO cuideachd."

Thuirt Stiùiriche na colaiste, an t-Oll. Tormod Mac 'ill-Ìosa, nach deadh ainm Caidreachas nan Gàidheal à bith leis a' bhuidhinn:

"Thèid an t-airgead seo a thasgadh ann an cunntas sònraichte leis an ainm Caidreachas nan Gàidheal, gus am bi an t-ainm sin beò cho fad 's a bhios sinn fhèin beò.

"Tha sinn den bheachd gun urrainn dhuinn barrachd airgid a thional a-steach air sgàth an ainm a tha sin."

Thuirt e cuideachd gun robh an Caidreachas agus Sabhal Mòr Ostaig a' tarraing air an aon ràmh a thaobh nan amasan aca.

"Bidh sinn a' cleachdadh an rèidh a bhios a' tighinn bhon airgead a tha sin airson a bhith a' toirt taic do dhaoine òga a th' airson am bith-beò a dhèanamh air a' Ghàidhealtachd," thuirt an t-Oll. Mac 'Ill-Ìosa.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy