BBC - Alba - Naidheachdan
	<language>gd</language>
BBC Alba
Tha tràlair le ceithir duine deug air bòrd air a dhol air tìr faisg air Hiort. 
		<description>Tha tràlair, le ceithir duine deug air bòrd, air a dhol air tìr faisg air Hiort. Chaidh heileacoptair maoir-chladaich Steòrnabhaigh a ghairm gus cobhair a dhèanamh air an Spinningdale. Thuirt neach-labhairt Feachd an Adhair nach deach duine dhen chriutha Spàinnteach a ghoirteachadh, ach gun do dh’fhàilnich orra faighinn de na bàtaichean-sàbhailidh. Thuirt Seumas Ralston à maoir-chladaich Steòrnabhaigh gu bheil luchd-teasairginn an dòchas an criutha a thogail far a’ bhàta cho luath 's as urrainn. </description>
Tha mìle gu leth duine anns na h-Eileanan Siar agus an Earra-Ghàidheal às aonais an dealain. 
Tha mìle gu leth duine anns na h-Eileanan Siar agus an Earra-Ghàidheal às aonais an dealain. Thathas an dùil gum mair an droch shìde, le trioblaidean dealain fad an latha an-diugh, ach tha an Hydro ag ràdh gu bheil iad a' feuchainn ri a' chàradh. Tha Poilis a’ Chinn a Tuath a' toirt rabhadh do dhràibhearan an A9 a sheachnadh air sgath sneachd trom aig Deimhidh. </description>
A rèir aithrisean à Baghdad, chaidh còig-deug air fhichead duine a mharbhadh às dèidh spreadhadh ann am meadhan a bhaile. 
A rèir aithrisean à Baghdad, chaidh còig-deug air fhichead duine a mharbhadh às dèidh spreadhadh ann am margaidh ann am meadhan a bhaile. </description>
Tha buill na buidhne comhdhail HITRANS amharasach gun tèid cur às dhan a' bhuidheann a dh'aithghearr. 
Tha buill na buidhne comhdhail HITRANS amharasach gun tèid cur às dhan a' bhuidheann a dh'aithghearr. Chan eil càil anns a' chunntas aca airson na bliadhna a tha tighinn airson pròiseactan calpa ùr. Tha sin a' fàgail mì-chinnt co thèid air ceann phròiseactan còmhdhail a tha gu bhith feumail dhan a' Cheann a Tuath gu lèir. </description>
Tha mì-chinnt ann a thaobh dè dh'fhaodadh a bhith an dàn do phoileasaidh Riaghaltas na h-Alba cùram an asgaidh a thoirt do seann daoine. 
Tha mì-chinnt ann a thaobh dè dh'fhaodadh a bhith an dàn do phoileasaidh Riaghaltas na h-Alba cùram an asgaidh a thoirt do seann daoine. Thuirt Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba nach eil fhios aca de tha e a’ cosg dhan Riaghaltas an-dràsta no dè dh'fhaodadh e cosg san àm ri teachd. Cho-dhùin iad gu bheil barrachd airgid 's stiùireadh nas fheàrr a dhìth ma tha seann daoine a’ dol a dh'fhaighinn buannachd cheart fon a' phoileasaidh. </description>
Tha Stòras Uibhist air iarraidh air Comhairle nan Eilean Siar Àrd-sgoiltean Dhalabroig, Lìonacleit agus Phabail a thoirt còmhla mar aon sgoil, ach air na làraich aca fhèin. 
Tha Stòras Uibhist air iarraidh air Comhairle nan Eilean Siar Àrd-sgoiltean Dhalabroig, Lìonacleit agus Phabail a thoirt còmhla mar aon sgoil, ach air na làraich aca fhèin, agus thathar cuideachd airson ’s gum bi trèanadh ann an sgilean sònraichte ri fhaotainn do dh'òigridh airson piseach a thoirt air an eaconamaidh. Chaidh na beachdan seo a chur dhan a’ chomhairle mar phàirt dhen cho-chomhairleachaidh air a bhith a' dùnadh Àrd-sgoil Dhalabroig agus Phabail san Rubha. </description>
Thig na prìomh bhuidhnean a tha an lùib gnìomhachas a' Chlò Hearaich còmhla Diluain airson a' chiad turas ann am bliadhnaichean.
Thig na prìomh bhuidhnean a tha an lùib gnìomhachas a' Chlò Hearaich còmhla Diluain airson a' chiad turas ann am bliadhnaichean. Ghabh na companaidhean ri cuireadh bhon a chomhairle, thighinn a mhìneachadh dhaibhsan agus do HIE Innse Gall, na feumalachdan agus iarrtasan a th' aca. A rèir Stiùiriche Leasachadh Eaconamaiceach na Comhairle, Joe Mac a' Phì, tha na buidhnean poblach ionadail a' coimhead air a' chlò mar rud a tha bunaiteach dhan sgìre.</description>
Bidh muinntir Eige a' faighinn siostam dealain ùr an-diugh. 
Bidh an sluagh de cheithir fichead duine 's a còig a tha a' fuireach air Eilean Eige an-diugh a' faighinn siostam dealain ùr a dh’fhàgas gum bi cumhachd aca fad na tìde. Thuige seo, bha an cuid dealain air a chruthachadh le einnseanan dìosail beaga agus sgeamaichean hydro. Cleachdaidh an siostam ùr cumhachd na gaoithe, hydro agus cumhachd na grèine. </description>