BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

BBC Homepage

Scotland
Alba
Foghlam

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Tidsearan
tiny tiny tiny tiny tiny
Na th' air an làraich   Mar a chleachdar an làrach   Cisteachan cànain
Balla tiny tiny Balla
Flash
HTML

Feumar plugin Flash 6 airson an làraich leasaichte Flash a chleachdadh. Mur eil e agaibh mar-thà, brùth an seo gus am plugin a thoirt a-nuas. Bu chòir gum faigh a' mhòr chuid de sgoiltean am plugin. Ach, ma tha trioblaidean agaibh, bruidhnibh ris an neach aig a bheil uallach airson ICT san sgoil.

Tha cruth HTML de làrach Snasail a' toirt seachad am fiosrachadh a th' ann an cruth Flash ach chan eil na duilleagan seo cho beòthail agus chan eil fuaim orra.

Stiùireadh
Tha an taic agus na stiùiridhean gu leìr a tha a dhìth airson dùbhlain na làraich a choileanadh rim faighinn anns an leabhar stiùiridh le bhith a' bruthadh a' phutain "stiùireadh" no ìomhaigh an leabhair aig bonn na sgrion.

Stiùireadh
Tha stiùiridhean aig toiseach gach dùbhlain. Tha an taic gu leìr a tha a dhìth airson dùbhlain na làraich a choileanadh rim faighinn le bhith a' bruthadh a' cheangail, cisteachan cànain air an taobh chlì den duilleig.

Ceistean ùra
Tha stòr-data de cheistean ann airson gach dùbhlan. Mar sin, gheibh na sgoilearan ceistean ùra a' chiad còig no deich tursan a dh'fheuchas iad air dùbhlan.

Ceistean ùra
Tha stòr-data de cheistean ann airson gach dùbhlan. Mar sin, gheibh na sgoilearan ceistean ùra a' chiad còig no deich tursan a dh'fheuchas iad air dùbhlan.

Na cisteachan cànain
Tha ciste-cànain ceangailte ri gach dùbhlan. Gheibh a' chlann freagair nan ceistean an seo. Faodaidh an tidsear na duilleagan a chlò-bhualadh ro-làimh (bho chruth HTML dhen làrach) gus eòlas fhaighinn air na th'anns gach dùbhlan no airson a dhol thairis air cànan ùr leis a' chlas. Dh'fhaodadh gum biodh cuid de na duilleagan seo feumail nam biodh iad aig na sgoilearan nuair a tha iad a' sgrìobhadh. Ann an cruth Flash chan eil aca ach deich mionaidean airson gach dùbhlan a choileanadh. Le bhith a' bruthadh am putan "Taic", gheibh iad dìreach chun a' chiste chànain a bhuineas don dùbhlan anns a bheil iad an sàs. Ach caillidh iad ùine le bhith stad airson seo a dhèanamh. Bu chòir sin bacadh a chur orra bho bhith a' sireadh gach freagairt anns a' chiste chànain.

Na cisteachan cànain
Tha ciste-cànain ceangailte ri gach dùbhlan. Gheibh a' chlann freagair nan ceistean an seo. Faodaidh an tidsear na duilleagan a chlò-bhualadh ro-làimh gus eòlas fhaighinn air na th'anns gach dùbhlan no airson a dhol thairis air cànan ùr leis a' chlas. Dh'fhaodadh gum biodh cuid de na duilleagan seo feumail nam biodh iad aig na sgoilearan nuair a tha iad a' sgrìobhadh.

Fuaim
Ann an cruth Flash, tha taghadh agaibh a bheil sibh ag iarraidh ceòl, fuaim agus còmhradh air an làraich. Seo na fuaimean a tha rim faotainn. Cuiribh am fuaim air no dheth le bhith a' cleachdadh an leabhar stiùiridh a chithear aig bonn na sgrion. Ceòl - Faodar seo a chluinntinn nuair a tha a' chlann a' stiùireadh Laoch tron choille.
Fuaim - Tha seo ri chluinntinn taobh a-staigh nan dùbhlan.
Còmhradh - Facail agus seantansan air an leughadh airson cuideachadh le fuaimneachadh is tuigse.

Fuaim
Chan eil fuaim ri fhaotainn ann an cruth HTML.

Taipeadh
Stràcan - Bu chòir stràcan a chleachdadh. Ma thèid am fàgail às, thèid sin a mheas mar mhearachd. Ma tha trioblaid agad sràcan a chleachdadh, coimhead ris an duilleag seo airson cuideachadh fhaighinn.
Caps lock - Bu chòir am putan caps lock a bhith dheth agus litrichean beaga a chleachdadh nuair a thathar a' taipeadh fhreagairtean.

A' sàbhaladh obair
Tha e cudthromach innse nach gabh am fiosrachadh mu na dùbhlain a tha sgoilear air a choileanadh a shàbhaladh aon uair 's gum fàgar an làrach. Mar sin, bhiodh e feumail do gach sgoilear fiosrachadh sgrìobhte a chumail mu na dùbhlain a tha iad air a dhèanamh. Seach nach obraich a' chlann tron làraich san aon suidhe, dh'fhaodadh gum biodh e feumail an làrach a chomharrachadh le bhith ga cur ann a "Favourites Folder". Gus seo a dhèanamh brùthaibh air "Favourites" is an uairsin bruthaibh "Add to Favourites". San dòigh seo gheibh a' chlann chun làraich gu luath aig toiseach gach leasain.

Sgrion suidhichte no sgrion 800x600
Anns an cruth Flash, tha dà mheud sgrion ann bhon faodar taghadh. Tha sgrion 800x600 nas motha ach dh'fhaodadh gun bi an làrach a' ruith nas slaodaiche a' cleachdadh an cruth seo.
   
Feur

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy