|
|
|
|
 |
|
|
|
|
Snasail
Air an làraich-lìn seo tha iomadh slighe a dh'ionnsaigh
a' chinn-uidhe is iomadh cnap starra às an rathad. Tha an làrach
aig ìre C/D de Stiùireadh Nàiseanta 5-14, gu h-àraid
air an èille, Eòlas air cànain. Tro gheamannan
stèidhichte air Eòlas air cànain, coinnichidh na sgoilearan
ri sia dùbhlan deug a tha a' coimhead ri diofar phàirtean
de ghràmar agus phungachadh na Gàidhlig. Tha mìneachadh
air a dhèanamh orra sin gu h-ìosal.
A' siubhal tron choille, a' cuideachadh Laoch, an caractar beag sunndach,
tachraidh na sgoilearan ri creutairean annasach, Na Beulain, air am feum
iad a' chùis a dhèanamh. Bheir na freagairtean ceart a'
chlann air adhart chun ath phìos-obrach. Bu chòir don chloinn
a bhith eòlach air brìgh fhacal mar samhla, uaim agus riochdaire
roimheil mus tòisich iad air na dùbhlain.
|
| Na Dùbhlain |
1. Comhairle mun choille
Amas teagaisg: Coimeas buadhairean
|
2. Peilearan pungachaidh / Dè
tha a' dhìth?
Amas teagaisg: Puingeachadh Gàidhlig - ascairean, stràcan
is sgrìobh-cheangail
|
3. Bùrach
Amas teagaisg: Structair seantansan Gàidhlig
|
4. Caol no leathan?
Amas teagaisg: An riaghailt litreachaidh Ghàidhlig - Caol
ri caol is leathan ri leathan
|
5. Las na lampaichean: an tràth
chaithte
Amas teagaisg: Gnìomhairean san tràth chaithte
|
6. Ceanglaichean ciallach
Amas teagaisg: Leudachadh cànan
|
7. Càite a bheil an uaim?
Amas teagaisg: Uaim
|
8. Lìon an samhla
Amas teagaisg: Eòlas air samhlaidhean
|
9. Coltach no eu-coltach?
Amas teagaisg: Facail a tha calg-dhìreach an aghaidh a chèile
|
10. Cnuic nan Ceist
Amas teagaisg: Freagairtean ceart
|
11. Las na Lampaichean: an tràth
teachdail
Amas teagaisg: Gnìomhairean san tràth teachdail
|
12. Tagh an Toiseach
Amas teagaisg: Ro-leasachain
|
13. Dùbhlan nan duanag
Amas teagaisg: Eòlas air duanagan
|
14. Ainmear, buadhair no gnìomhair?
Amas teagaisg: Leudachadh cànan
|
15. Imich gu Iolra
Amas teagaisg: Eòlas air iolra
|
16. Raon nan roimhearan riochdail
Amas teagaisg: Eòlas air roimhearan riochdail
|
Chaidh an làrach seo a dhealbh le cuideachadh bho Chathaidh NicLeòid.
Chaidh a co-mhaoineachadh le Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig agus
BBC Alba.

|
 |
|