BBC HomeExplore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

BBC Homepage
BBC Scotland
Alba
Foghlam
»  

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 

Modhan Teagaisg agus Ionnsachaidh
1. 1. A’ dèanamh ionnsachadh soilleir le ro-innleachdan AifL
  • Theirig thairis air na chaidh ionnsachadh roimhe agus seall mar a tha e a’ ceangal ri ionnsachadh ùr agus mar a tha e brìoghmhor agus a’ buntainn ris
  • Cuir an cèill na rùintean/amasan ionnsachaidh dha na sgoilearan agus theirig thairis orra tric, agus dèan suas slatan-tomhais soirbheachaidh (tro chòmhradh agus gu lèirsinneach)
  • Cùm a’ toirt taic agus brosnachadh fhad ’s a tha iad ag obair
  • Iarr air na sgoilearan innse dè rinn iad airson soirbheachadh san obair
  • Ma tha duilgheadas aig na sgoilearan, faighnich carson agus iarr orra smaoineachadh air càil sam bith a bhiodh air a’ chùis a dhèanamh na b’ fhasa
2. A’ leasachadh Sgilean Teicneolas Fiosrachaidh (TF) (builean coileanaidh 5 – 14 Ìre B agus C)
  • A’ cruthachadh agus a’ deasachadh teacsa/sgrìobhainn a’ cleachdadh feartan làimhseachadh teacsa (Ìrean B/C)
  • A’ cruthachadh sgrìobhainn le teacsa agus grafaigean (Ìrean B/C)
  • A’ rannasachadh chlàran agus a’ dèanamh aithisg shìmplidh (Ìre B)
  • A’ tuigsinn agus a’ rannsachadh stòr-dàta (Ìre C)
  • A’ faighinn gu làraich-lìn le cuimhneachain-duilleig suidhichte ro làimh (Ìre B)
  • A’ cleachdadh brobhsair leotha fhèin agus a’ taghadh na tha ri chlò-bhualadh (Ìre C)
2b. A’ leasachadh Bheachdan le Fiosrachadh
  • Ag aithneachadh agus a’ tuigsinn dreuchd TF ann a bhith a’ tional fiosrachadh is eòlas, a’ leasachadh obair chruthachail agus ga dhèanamh nas fhasa smuaintean a roinn ri chèile (gach ìre).
3. A’ leasachadh Sgilean Cànain
  • Faodar iomadh sgil cànain a leasachadh tron làraich -lìn, san earrainn air fianais co-cheangailte rithe agus obair a dh'fhaodaist a dhèanamh às dèidh làimhe:
  • Ag èisteachd agus a' leughadh airson fiosrachadh fhaighinn agus airson cnuasachd air smuaintean is beachdan
  • A’ labhairt agus a’ sgrìobhadh airson fiosrachadh a chur an cèill agus airson cnuasachd air smuaintean is beachdan agus an soilleireachadh.
  • Briathrachas Gàidhlig a leasachadh (Tha Facail Feumail gu h-ìosal).
4. Modh-obrach Gnìomhach
  • Bu chòir sgoilearan a bhrosnachadh gu bhith a' fàs neo-eisimeileach gus uallach a ghabhail airson an ionnsachaidh fhèin. Far an gabh sin dèanamh, bu chòir obair cho-cheangailte a bhith dha-rìribh agus brìoghmhor agus a bhith a' brosnachadh obair ghnìomhach, phractaigeach

Ceanglaichean sònraichte ri Duilleagan-lìn Skara Brae

Gèam Earrann le Fianais Cho-cheangailte 5-14: Buil Coileanaidh Curraicealam airson Sàr-mhathais Eisimpleirean de dh’ ionnsachadh gnìomhach
Carson a tha e?Cuir rian air an taigh mus tèid a’ ghrian fodha. Co ris a bha na taighean coltach?
(dealbh – sealladh dhen taigh on adhar)
Na leapannan
An dreasair
A’ chagailt am meadhan an làir
An doras
Na ceallan

Co ris a bha na taighean coltach? (pìosan bhidio)
Am broinn taighe agus ath-thogail Am broinn taighe – aoighean
Am broinn taighe – stuthan mullaich is togail
Daoine san àm a dh’fhalbh
Thoir iomradh air co ris a bha cuid de rudan coltach san àm a dh’fhalbh airson cuspair/linn a thagh thu. (Ìre B) Dèan coimeas eadar dòigh-beatha an-diugh agus san àm a dh’fhalbh. (Ìre C) Thoir adhbharan airson na tha eadar-dhealaichte agus na tha an aon rud (Ìre C)
Rùintean
Cleachdaidh neach-ionnsachaidh soirbheachail sgilean litearrais is teicneòlais airson ionnsachadh. Tuigidh saoranach ciallach na diofar chreideamhan is chultaran agus thèid aca air roghainnean is co-dhùnadh a dhèanamh stèidhte air fiosrachadh. Fuasglaidh neach-pàirteachaidh èifeachdach duilgheadasan.
Cleachdaidh sgoilearan na dh’ionnsaich iad mu dhòigh-beatha gus taisbeanadh a dhèanamh mu na taighean ann an Skara Brae. Dh’fhaodadh seo a bhith na bhunait airson taisbeanadh eadar-ghnìomhail no taisbeanadh inntinneach do luchd-amhairc san fharsaingeachd. Faodaidh na sgoilearan teicneòlas a chleachdadh gus dealbh no film a dhèanamh dhen mhodail (baile) aca mar phàirt dhen taisbeanadh.
Grìogagan Dèan paidirean mus tig an oidhche. Grìogagan agus seudradh (dealbh) Daoine san àm a dh’fhalbh
Dèan coimeas eadar dòigh-beatha an-diugh agus san àm a dh’fhalbh. (Ìre C)

Ealain & Dealbhadh -
cruthachadh is dealbhadh
cruthachadh is dealbhadh plana ro làimh, taghadh stuthan is rian is smachd orra gus ceist no duilgheadas fhuasgladh. (Ìre C)
Rùintean
Comas aig neach-ionnsachaidh soirbheachail smaoineachadh gu cruthachail leis fhèin. Comas aig com-pàirtiche èifeachdach a bhith a’ cruthachadh is a’ leasachadh.
Sgoilearan a’ cleachdadh dealbhadh le taic coimpiutair gus riochdachadh dha-rìribh a chruthachadh. Sgoilearan a’ rannsachadh stuthan agus an dathan is an dèanamh gus paidirean tarraingeach a dhèanamh. Dh’fhaodaist seo a leasachadh gu bhith na iomairt.
Poitean le Sgeadachadh Dealbhaich a’ phoit mus dèanar poitean eile. Dealbhan le òcair annta (dealbh)
Am broinn an taighe – aoighean (bhidio)
Daoine san Àm a Dh’fhalbh
Dèan coimeas eadar dòigh-beatha an-diugh agus san àm a dh’fhalbh. (Ìre C)

Ealain & Dealbhadh -
Cruthachadh is dealbhadh
Planadh ro làimh, taghadh, rian is smachd air stuthan gus ceist no duilgheadas fhuasgladh. (Ìre C)
Rùintean
Comas aig neach-ionnsachaidh soirbheachail smaoineachadh gu cruthachail agus leis fhèin. Comas aig com-pàirtiche èifeachdach a bhith a’ cruthachadh is a’ leasachadh.
Sgoilearan a’ cleachdadh dealbhadh le taic coimpiutair gus riochdachadh dha-rìribh a chruthachadh le crèadh. Comas aig sgoilearan pàtrain is dathan a rannsachadh gus piseach a thoirt air an dealbhadh aca. Tha cothrom cuideachd diofar sheòrsachan phàtran a rannsachadh a’ cleachdadh phàtran ceart-chumadail.
A’ lorg Biadh is Connadh Cruinnich biadh is connadh gu leòr mus buail an stoirm air an eilean. Biadh (dealbh)
Na bha iad ag ithe
(bhidio)
Dè an connadh a bh’ aca? (bhidio)
Daoine san Àm a Dh’fhalbh
Thoir iomradh air rudan a bha an aon rud san àm a dh’fhalbh airson cuspair/linn a thagh thu. (Ìre B)
Dèan coimeas eadar dòigh-beatha an-diugh agus san àm a dh’fhalbh. (Ìre C)
Thoir adhbharan airson na tha eadar-dhealaichte agus na tha an aon rud (Ìre C)

Slàinte Bodhaig
A’ nochdadh eòlas is tuigse air na dh’fheumas iad a dhèanamh airson cumail fallain. (Ìre C)
Rùintean
Comas aig neach-ionnsachaidh soirbheachail luachadh reusanta a dhèanamh. Tuigidh saoranach ciallach na diofar chreideamhan is chultaran agus thèid aca air roghainnean is co-dhùnadh a dhèanamh stèidhte air fiosrachadh. Comas aig com-pàirtiche èifeachdach smaoineachadh cnuasachail a chur an sàs ann an co-theacsa ùr.
A’ dealbhadh is a’ dèanamh clàr-bìdh le na seòrsachan bìdh a bhiodh daoine ag ithe aig an àm, le beagan fiosrachaidh mun mhathachadh ann an diofar sheòrsachan bìdh.
Tursachan Smaoinich air ciamar a thogas tu cearcall chlachan mus tèid an teine às. Cearcaill Chlachan (dealbh)
Tursachan (bhidio)
Foghlam Creideimh is Moraltachd Rannsachadh Pearsanta – Ceistean Deireannach
Ag aithneachadh gu bheil creideamh mu cheistean deireannach aig a’ cheann thall. (Ìre C) Ag aithneachadh gu bheil diofar bheachdan ann. (Ìre C)
Comasach bruidhinn ris an tidsear no daoine eile mu na ceistean agus am faireachdainn is beachdan a chur an cèill. (Ìre B)

Teicneòlas

A’ toirt eisimpleirean dhe na dòighean sam faodar innealan is uidheamachd a chleachdadh gus ceistean practaigeach fhuasgladh. (Ìre C)
Rùintean
Comas aig neach-ionnsachaidh soirbheachail smaoineachadh gu cruthachail agus leis fhèin. Tuigidh saoranach ciallach na diofar chreideamhan is chultaran agus thèid aca air roghainnean is co-dhùnadh a dhèanamh stèidhte air fiosrachadh. Comas aig com-pàirtiche èifeachdach smaoineachadh cnuasachail a chur an sàs ann an co-theacsa ùr agus ceistean fhuasgladh.
Faodaidh sgoilearan deuchainn a chruthachadh le geimhleagan is ulpagan a sheallas mar as dòcha a chuir muinntir Skara Brae na Tursachan nan seasamh.
Ceanglaichean sònraichte ri Duilleagan-lìn Skara Brae

Earrann le Fianais Cho-cheangailte 5 -14: Buil Coileanaidh Curraicealam airson Sàr-mhathais Eisimpleirean de dh’ ionnsachadh gnìomhach
Mapa a’ sealltainn far a bheil e ann an Alba (dealbh)

Dè th’ ann an Skara Brae is càite bheil e?
(bhidio)

Mapa a’ sealltainn far a bheil Bàgh Skaill ann an Alba; an uair sin agus an-diugh. (dealbh)
Daoine agus Àite
Leudaich mapa na h-inntinn beagan a bharrachd le bhith a’ lorg air mapa no cruinne prìomh fheartan/àitean an Alba no am Breatainn a tha iomchaidh airson a’ chuspair. (Ìre C)
Rùintean
Comas aig saoranach ciallach eòlas is tuigse a leasachadh mun t-Saoghal agus aite Alba ann.
Thèid aig sgoilearan air mapaichean coimeis a dhèanamh dhen tìr timcheall Skara Brae agus a’ sealltainn na dh’atharraich thar ùine. Thèid aig sgoilearan air iomadh seòrsa mapa a dhèanamh (2-sh is 3-sh) le iomradh air diofar fheartan ann an cruth na tìre.
Dealbh a’ sealltainn mar as dòcha a bha Skara Brae. (dealbh)

Trannsaichean Cloiche (dealbh)
Daoine san Àm a Dh’fhalbh
Thoir iomradh air co ris a bha cuid de rudan coltach san àm a dh’fhalbh airson linn a thagh thu. (Ìre B)
Dèan coimeas eadar dòigh-beatha an-diugh agus san àm a dh’fhalbh. (Ìre C)
Thoir adhbharan airson na tha eadar-dhealaichte agus na tha an aon rud (Ìre C)
Rùintean
Comas aig neach-ionnsachaidh soirbheachail air sgilean litearrais is teicneòlais a chleachdadh airson ionnsachadh. Comas aig saoranach ciallach air diofar chreideamhan is chultaran a thuigsinn.
Cleachdaidh sgoilearan na dh’ionnsaich iad mu dhòigh-beatha gus taisbeanadh a dhèanamh mu na taighean ann an Skara Brae. Dh’fhaodadh seo a bhith na bhunait airson taisbeanadh eadar-ghnìomhail no foillseachadh inntinneach do luchd-amhairc nas fharsainge. Faodaidh na sgoilearan teicneòlas a chleachdadh gus dealbh no film a dhèanamh dhen mhodail (baile) aca mar phàirt dhen fhoillseachadh.
An t-Aodach a bh' orra (dealbh seice)

Innealan (dealbh)

Far an robh iad ag obair
(bhidio)
Daoine san Àm a Dh’fhalbh
Thoir iomradh air co ris a bha cuid de rudan coltach san àm a dh’fhalbh airson linn a thagh thu. (Ìre B) Dèan coimeas eadar dòigh-beatha an-diugh agus san àm a dh’fhalbh. (Ìre C) Thoir adhbharan airson na tha eadar-dhealaichte agus na tha an aon rud (Ìre C)
Rùintean
Cleachdaidh neach-ionnsachaidh soirbheachail sgilean litearrais is teicneòlais airson ionnsachadh. Comas aig saoranach ciallach air diofar chreideamhan is chultaran a thuigsinn.
Thèid aig sgoilearan air aodach a chruthachadh coltach ris an aodach a bh' air muinntir Skara Brae. Thèid seo a chleachdadh ann an dealbh-chluich mun dòigh-beatha ann an Skara Brae. Faodar na grìogagan, an seudradh is na poitean cuideachd a chleachdadh airson seo. Faodar an dealbh-chluich a chur air do luchd-amhairc san fharsaingeachd no faodar a clàradh mar dhealbhan no film a dhèanamh.
Leigheas (dealbh de bhuill-spòran) Slàinte
A’ nochdadh eòlas is tuigse air na dh’fheumas daoine a dhèanamh airson a bhith fallain (Ìre B)
Ag aithneachadh grunn dhòighean airson cumail sàbhailte. (Ìre B)
Rùintean
Comas aig neach misneachail air dòigh-beatha fhallain, ghnìomhach a leantainn.
Thèid aig sgoilearan air gèam a dhealbh dhan chloinn as òige gus an cuideachadh a’ tuigsinn mar a chumas iad iad fhèin fallain is sàbhailte.
Nithean Sònraichte Cloiche (dealbh de bhuill chloiche air an snaigheadh)

Creideamh agus Tuaman
(dealbh dhen taobh a-muigh is a-staigh de Mhaeshowe)
(pìos bhidio – deas-ghnàthan Maeshowe) (pìos bhidio – creideamh nan Tursachan)
Rannsachadh Pearsanta – ceistean deireannach
Ag aithneachadh gu bheil creideamh mu cheistean deireannach aig a’ chall thall. (Ìre C)
Ag aithneachadh gu bheil diofar bheachdan ann. (Ìre C)
Comasach bruidhinn ris an tidsear no daoine eile mu na ceistean agus am faireachdainn is beachdan a chur an cèill. (Ìre B)
Rùintean
Cleachdaidh neach-ionnsachaidh soirbheachail sgilean litearrais is teicneòlais airson ionnsachadh. Comas aig saoranach ciallach air diofar chreideamhan is chultaran a thuigsinn agus co-dhùnadh a dhèanamh stèidhte air fiosrachadh.
Thèid aig sgoilearan air uallach a ghabhail airson stòran-dàta a stèidheachadh gus an fhianais a rannsachadh, agus a’ gabhail orra dhreuchdan eadar-dhealaichte agus a’ cur argamaidean an cèill airson agus an aghaidh cuid dhe na mìneachaidhean a dh’fhaodadh a bhith air cùl nithean sònraichte cloiche do mhuinntir Skara Brae. A bharrachd air beachdachadh air an fhianais, bidh cothroman aig na sgoilearan airson co-obrachadh agus na sgilean aca a leasachadh a thaobh a bhith a’ togail air na chuir iad fhèin ris a’ chùis gus an smaoineachadh aca a shoilleireachadh.
Anns an toiseach (dealbh dhen chiad chladhach, Àrd-Oll. Childe)

Dè th' ann an arc-eòlaiche agus dè bhios iad a' dèanamh?
(bhidio)

Mar a chaidh Skara Brae a lorg (bhidio)

Loidhne-Tìm dhen àm a thogadh Skara Brae
(bhidio)

Meatailt a' tighinn
(bhidio)

Am Baile air a Thrèigsinn
(dealbh)

Teòiridh mu na Daoine (bhidio)
Daoine san Àm a Dh'fhalbh
Thoir iomradh air co ris a bha cuid de rudan coltach san àm a dh’fhalbh airson cuspair/linn a thagh thu. (Ìre B)
Thoir iomradh air dòighean sam bi daoine a’ cuimhneachadh agus a’ gleidheadh àm a dh’fhalbh (Ìre C)
Smaoinich air eisimpleirean sìmplidh de dh’fhianais a dh’innseadh dhaibh mu dhuine/leasachadh/rud a thachair on àm a dh’fhalbh. (Ìre B)
Cuir sreath de rudan a thachair agus na deitichean aca ann san òrdugh anns na thachair iad. (Ìre C)
Rùintean
Cleachdaidh neach-ionnsachaidh soirbheachail sgilean litearrais is teicneòlais airson ionnsachadh is luachadh reusanta a dhèanamh. Comas aig com-pàirtiche èifeachdach smaoineachadh cnuasachail a chur an sàs ann an co-theacsa ùr.
Tha sgoilearan ag ionnsachadh òrdugh ùine le bhith a’ cleachdadh na fianais agus a’ clàradh seo mar shreath de naidheachdan air an suidheachadh aig an àm A bharrachd air a bhith a’ leasachadh grunn sgilean cànain tro èisteachd is labhairt, leughadh is sgrìobhadh, leasaichidh sgoilearan cuideachd na sgilean aca ann an corra raon teicneòlais. Gus piseach a thoirt air an dòigh seo air fianais a chur an cèill, faodaidh sgoilearan na sgilean a dh’ionnsaich iad ann an ealain chruthachail a chleachdadh gus, mar eisimpleir, cùl-raointean a dhèanamh dhan stiùidio far a bheil na naidheachdan gan clàradh, gliongan airson toiseach is deireadh nan aithrisean agus dealbhan-cluich de dhòigh-beatha is fiosrachaidhean nan daoine
Facail Feumail

Facal Dè tha am facal a' ciallachadh Far a bheil am facal a' nochdadh  
arceòlaiche Cuideigin a tha ag obair, a' coimhead air rudan ag innse mu bhliadhnaichean air ais. Fianais - bhidio  
arceòlaichean Thòir sùil air arceòlaiche. Fianais - bhidio  
fianais Is e seo na nithean a tha ag innse do dhaoine an fhìrinn. Bidh arceòlaichean a' coimhead airson na fìrinn mu sheann dhaoine. Fianais - bhidio  
Gnìomhan Is e seo na rudan as urrainn dhut a dhèanamh air an làraich-lìn seo. Flash - Gnìomhan  
tobhtaichean Nuair a tha togalach a' tuiteam às a chèile, ‘s e tobhta an t-ainm ceart a th' air na tha air fhàgail dheth. Fianais - bhidio  
cladhach Nuair a tha thu a' dèanamh toll anns an talamh, tha thu a' cladhach. Bidh arceòlaichean a' cladhach tric. Fianais - bhidio  
ruamhair Nuair a tha daoine a' coimhead cruaidh airson rudan, uaireannan bidh iad a' ruamhar. Fianais - bhidio  
taigh-tasgaidh Togalach sònraichte far am bi seann rudan air an cumail. Fianais - bhidio  
Bàgh Skaill ‘S e seo àite ann am Mainland ann an Arcaibh. ‘S e seo far a bheil Skara Brae. Fianais - Dè th' ann an Skara Brae
agus càit a bheil e? - bhidio 1
 
Mainland An t-eilean as motha ann an Arcaibh. Fianais - Dè th' ann an Skara Brae
agus càit a bheil e? - bhidio 1
 
Arcaibh Na h-eileanan a tha a' laighe far cost a-tuath na h-Alba. Fianais - Dè th' ann an Skara Brae
agus càit a bheil e? - bhidio 1
 
letheach Tha seo a' ciallachadh leth Fianais - Dè th' ann an Skara Brae
agus càit a bheil e? - bhidio 1
 
dùin-ghainmhich Barrachd air dà dhùn-ghainmhich. Fianais - Dè th' ann an Skara Brae
agus càit a bheil e? - bhidio 1
 
boillsgeadh Bidh sèidean, sgàilean no meatailt glan a' boillsgeadh anns a' ghrèin. Fianais - Dè th' ann an Skara Brae
agus càit a bheil e?- bhidio 1
 
midden ‘S e facal Beurla a tha seo. Tha e a' ciallachadh salchar. Fianais - Dè th' ann an Skara Brae
agus càit a bheil e?- bhidio 2
 
criathair Nuair a tha cuideigin a' bèicearachd, bidh iad a cleachdadh inneal leis an t-ainm ‘criathair'. Bidh arceòlaichean a' cleachdadh criathair nas motha! Fianais - Dè th' ann an Skara Brae
agus càit a bheil e?- bhidio 2
 
meatairean Bidh daoine a' cleachdadh ‘meatair' airson tomhais cho fad ‘s a tha rudeigin (o bhòrd gu rathad, no dùthaich eile)! Fianais - Dè th' ann an Skara Brae
agus càit a bheil e?- bhidio 2
 
loidhne-tìm Bidh daoine a' cleachdadh loidhne-tìm airson sealltainn do dhaoine eile cuin a thachair rudan cudromach anns na làithean a dh' fhalbh. Fianais - Dè th' ann an Skara Brae
agus càit a bheil e?- bhidio 3
 
cèis Nuair a tha dealbh brèagha agad, uaireannan bidh thu ga chur ann an cèis. Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 1  
crùbadh Nuair a tha thu a' falach fon deasca, tha thu a' crùbadh. Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 1  
babht ‘S e slat mhòr a tha seo, bidh daoine ga chleachdadh airson an doras a dhùnadh. Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 1  
rèisgte ‘S e sgadan rèisgte a th' ann an ciopair. Nuair a tha daoine a' cleachdadh ceò airson biadh a chumail gun ghrodadh, bidh am biadh rèisgte. Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 2  
crogan Bidh daoine a' cumail silidh ann an crogan. Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 2  
thomadach Tha seo a' ciallachadh rudan a tha gu math mòr! Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 2  
sgeadachadh Nuair a tha thu a' cur peanta air uighean aig àm na Càisge, tha thu a' sgeadachadh nan uighean. Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 2  
fiodh-cladaich Is e seo fiodh a tha a' laighe air an tràigh. Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 3  
cabair ‘S e seo an àite fo mullach an taighe. Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 2  
cnàmhan Nuair a tha an t-acras air cù, bidh e ag ithe chnàmhan. Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 3  
mucan-mara ‘S e biast gu math mòr a th'ann am muc-mara, tha iad a' fuireach anns a' mhuir. ‘B e muc-mara a bh'ann am Moby Dick. Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 3  
chladhach Nuair a tha thu a' dèanamh tuill, tha thu a' cladhach. Bidh arceòlaichean a' cladhach tric. Fianais - Cò ris a bha na
daoine coltach? - bhidio 1
 
iasg Na biastan a tha a' fuireach anns a' mhuir. Gu math tric, bidh daoine ag ithe iasg. Fianais - Cò ris a bha na
daoine coltach? - bhidio 1
 
maorach Is e seo na beathaichean-mara beaga a tha a' fuireach anns a' mhuir. Tha sligean orra. Fianais - Cò ris a bha na
daoine coltach? - bhidio 1
 
dubhanan Nuair a tha daoine a' glacadh iasg, bidh iad a' cleachdadh dubhan, ‘s e ainm eile a th' ann airson slat-iasgaich. Fianais - Cò ris a bha na
daoine coltach? - bhidio 1
 
sligean Is e seo an còmhdach cruaidh a th' air maorach, no seilcheag. Fianais - Cò ris a bha na
daoine coltach? - bhidio 1
 
sòrn ‘S e toll a tha seo anns a' bhalla airson ceò. Fianais - Cò ris a bha na
daoine coltach? - bhidio 2
 
chert ‘S e facal Beurla a tha seo, ‘s e pìos cruaidh cloiche a th' ann. Fianais - Cò ris a bha na
daoine coltach? - bhidio 2
 
feamainn Is e seo luibh a tha a' fàs faisg air a' mhuir. Fianais - Cò ris a bha na
daoine coltach? - bhidio 2
 
tuaman Bidh daoine beairteach a' cur daoine marbh ann an tuam. Fianais - Dè dh'innseas na
h-àiteachan sònraichte dhuinn? - bhidio 1
 
Maeshowe ‘S e cearcall cloiche a th' ann am Maeshowe. Fianais - Dè dh'innseas na
h-àiteachan sònraichte dhuinn? - bhidio 1
 
diathan Bidh daoine ag adhradh do dhiathan eadar-dhealaichte, a rèir a' chreideimh aca. Fianais - Dè dh'innseas na
h-àiteachan sònraichte dhuinn? - bhidio 1
 
dìg ‘S e toll fada a tha seo mun chuairt rudan mòra. Fianais - Dè dh'innseas na
h-àiteachan sònraichte dhuinn? - bhidio 2
 
an taca Dè cho faisg a tha àiteachean a rèir àite eile. Fianais - Dè th' ann an Skara Brae
agus càit a bheil e?- dealbh 1
 
muran ‘S e seo feur a tha a' fàs faisg air a' mhuir. Fianais - Dè th' ann an Skara Brae
agus càit a bheil e?- bhidio 2
 
stairsneach A' chlach fo doras. Fianais - Dè th' ann an Skara Brae
agus càit a bheil e?- bhidio 2
 
trannsaichean Slighe fada. Fianais - Dè dh'innseas na
h-àiteachan sònraichte dhuinn? - bhidio 1
 
leacan ‘S e clachan rèidh a tha seo. Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - dealbh 1  
cuibhrigean ‘S e facal eile a tha seo airson plangaid, no plaide. Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - dealbh 1  
siotaichean ‘S e seo an rud a tha a' dol fo plaide. Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - dealbh 1  
àirneis Is e seo am facal airson nithean mar sèithrichean, bùird, preasan is leapannan. Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - dealbh 2  
teallach ‘S e facal eile a tha seo airson àite-teine. Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - dealbh 3  
leac Clach rèidh Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - dealbh 4  
babht ‘S e slat mhòr a tha seo, bidh daoine ga chleachdadh airson an doras a dhùnadh. Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - dealbh 4  
craicinn bheathaichean Is e seo an stuth a tha a' cumail nam beathaichean blàth. ‘S e craicinn bheathaichean a th' ann an leathair. Fianais - Cò ris a bha na
daoine coltach? - dealbh 1
 
bèin Is e seo an stuth molach a tha a' cumail nam beathaichean blàth. Fianais - Cò ris a bha na
daoine coltach? - dealbh 1
 
seudan Is e seo facal airson rudan prìseil mar paidearan, fàinneachan is bann-làimhe. Fianais - Cò ris a bha na
daoine coltach? - dealbh 2
 
grìogagan Bidh daoine a' cleachdadh grìogagan airson pàidearan brèagha is bann-làimhe a dhèanamh. Fianais - Cò ris a bha na
daoine coltach? - dealbh 2
 
paidirean Is e seo rud brèagha a tha a' dol mu chuairt d' amhaich. Fianais - Cò ris a bha na
daoine coltach? - dealbh 2
 
prìnichean Bidh daoine a' cleachdadh prìnichean airson rudan eadar-dhealaichte mar cumail stuth ri chèile. Bha na daoine ann an Skara Brae a' cleachdadh prìnichean airson am falt a chumail sgiobalta. Fianais - Cò ris a bha na
daoine coltach? - dealbh 2
 
tuaman Bidh daoine beairteach a' cur daoine marbh ann an tuam. Fianais - Dè dh'innseas na
h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 3
 
spioradan ‘S e ainm eile a tha seo airson taibhsean, no bòcan. Fianais - Dè dh'innseas na
h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 3
 
pàirtean Pìosan Fianais - Dè dh'innseas na
h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 3
 
lotan Facal eile airson leònta, no àiteachan goirt. Fianais - Dè dh'innseas na
h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 4
 
Fear Skaill Is e seo tiotal a bh'air an uachdaran, Uilleam Watt. Fianais - Dè thachair do
Skara Brae? - dealbh 1
 
àrainneachd 'S e facal eile a tha seo airson an àite mun chuairt. Fianais - Dè thachair do
Skara Brae? - dealbh 3
 
rèidiocàrboin Is e seo an t-ainm airson seòrsa de charboin, bidh daoine a' cleachdadh rèidiocàrboin airson a' faighinn a-mach dè cho aosta ‘s a tha rudeigein. Fianais - Dè thachair do
Skara Brae? - dealbh 3
 
gnìomhan Is e seo na rudan as urrainn dhut a dhèanamh air an làraich-lìn seo. Flash - Gnìomhan  
rèisgeadh Nuair a tha daoine ag iarraidh ciopair, tha iad a' rèisgeadh sgadan. Flash - Gnìomhan - Càit am bu chòir dha a dhol?  
bobhstair ‘S e am bobhstair an rud cofurtail a th' air do leabaidh. Flash - Gnìomhan - Càit am bu chòir dha a dhol?  
plaideachan Nuair a tha thu anns an leabaidh, bidh do phlaidichean gad chumail blàth. Flash - Gnìomhan - Càit am bu chòir dha a dhol?  
feamainn Is e seo luibh a tha a' fàs faisg air a' mhuir. Flash - Gnìomhan - Càit am bu chòir dha a dhol?  
prìseil Nuair a tha rud agad a tha a'cosg mòran airgid, tha e gu math prìseil. Flash - Gnìomhan - Càit am bu chòir dha a dhol?  
seudan Is e seo facal airson rudan mar paidearan, fàinneachan is bann-làimhe. Flash - Gnìomhan - Càit am bu chòir dha a dhol?  
grìogagan Bidh daoine a' cleachdadh grìogagan airson pàidearan brèagha is bann-làimhe a dhèanamh. Flash - Gnìomhan - Càit am bu chòir dha a dhol?  
bàirneach Seòrsa maoraich. Bidh e a' ceangal e fhèin gu teann ri creagan. Flash - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 2  
crogan Bidh daoine a' cumail silidh ann an crogan. Flash - Gnìomhan - Càit am bu chòir dha a dhol?  
deas-ghnàth ‘S e seo pàrtaidh mòr airson là cudromach. Flash - Gnìomhan - Dèan grìogag  
croganan òil Bha daoine ag òl o chroganan òil. Flash - Gnìomhan - Sgeadachadh crogan  
air fàire Nuair a tha an t-adhar agus an talamh a' coinneachadh ri chèile. Flash - Gnìomhan - An Geama Cruinneachaidh  
maorach Na beathaichean beaga a tha a' fuireach anns a' mhuir. Flash - Gnìomhan - An Geama Cruinneachaidh  
cnothan-challtainn Seòrsa cnotha. Flash - Gnìomhan - An Geama Cruinneachaidh  
dearcan Measan beaga. Flash - Gnìomhan - An Geama Cruinneachaidh  
todhar chruidh Bidh gàirnealair a' cur seo air an talamh. Facal eile airson buachair. Flash - Gnìomhan - An Geama Cruinneachaidh  
todhar chaorach Bidh gàirnealair a' cur seo air an talamh. Facal eile airson buachair. Flash - Gnìomhan - An Geama Cruinneachaidh  
fighe ‘S e dòigh obrach a tha seo airson clò a chur ri chèile. Flash - Gnìomhan - An Geama Cruinneachaidh  
pròtein Feumaidh tu protein fhaighinn airson do bhodhaig. Cha bhi thu làidir às aonais protein. Flash - Gnìomhan - An Geama Cruinneachaidh  
eisirean Seòrsa maoraich. Bidh na h-eisirean a' fuireach am broinn nan sligean. Flash - Gnìomhan - An Geama Cruinneachaidh  
crùbag Facal eile airson partan. Flash - Gnìomhan - An Geama Cruinneachaidh  
beòthaman Feumaidh tu beòthaman fhaighinn airson do bhodhaig. Cha bhi thu làidir às aonais beòthaman. Flash - Gnìomhan - An Geama Cruinneachaidh  
nàdarra Rudan nach deach a chruthachadh le daoine. Flash - Gnìomhan - An Geama Cruinneachaidh  
ceannardan Daoine a tha os cionn coimhearsnachd. Flash - Gnìomhan - Geama Nan Tursachan  
cearcall thursachan Cearcall mòr air a dhèanamh le clachan a tha fìor mhòr. Flash - Gnìomhan - Geama Nan Tursachan  
rèidh Mìn Flash - Gnìomhan - Geama Nan Tursachan  
geinn Inneal a tha coltach ri triantan. Flash - Gnìomhan - Geama Nan Tursachan  
ùird Innealan airson rudan a bhualadh. Flash - Gnìomhan - Geama Nan Tursachan  
reultan Facal eile airson rionnagan. Flash - Gnìomhan - Geama Nan Tursachan  
tursachan Clachan mòra a tha nan seasamh. Flash - Gnìomhan - Geama Nan Tursachan  
diathan Nuair a tha creideas aig daoine, tha creideamh aca ann an dia. Flash - Gnìomhan - Geama Nan Tursachan  
adhradh Bidh daoine le creideamhan eadar-dhealaichte ag adhradh do dhiathan eadar-dhealaichte. Flash - Gnìomhan - Geama Nan Tursachan  
fèillean Facal eile airson fèisean. Flash - Gnìomhan - Geama Nan Tursachan  
Ìomhaighean Facal eile airson dealbhan. Flash - Gnìomhan - Geama Nan Tursachan  
innealan Nithean a tha daoine a' cleachdadh airson rudan a chruthachadh. Flash - Gnìomhan - Geama Nan Tursachan  
Air uachdar Nuair a tha rud air a chur os cionn rudeigin eile. Fianais - Dè th' ann an Skara Brae
agus càit a bheil e?- bhidio 2
 
Sitig Cnap sgudail is todhair. Fianais - Dè th' ann an Skara Brae
agus càit a bheil e?- bhidio 2
 
Seann shitig Cnap sgudail is todhair a tha gu math sean. Fianais - Dè th' ann an Skara Brae
agus càit a bheil e?- bhidio 2
 
air uachdar an uisge An stuth a tha air mullach an uisge Fianais - Dè th' ann an Skara Brae
agus càit a bheil e?- bhidio 2
 
Air muin Air mullach Fianais - Dè th' ann an Skara Brae
agus càit a bheil e?- bhidio 2
 
A ghluaiseas cuimhne Uaireannan, bidh seann dhealbhan a' gluasad cuimhne. Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 1  
Na tuill Barrachd air an “toll” Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 1  
aoighean Daoine a tha a' tighinn a chèilidh ort. Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 2  
cabair ‘S e seo an àite fo mullach an taighe. Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 2  
tiodhlacadh Nuair a tha rud fon thalamh. Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 2  
bàirneach Seòrsa maoraich. Bidh e a' ceangal e fhèin gu teann ri creagan. Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 2  
bogadh A' cur nithean ann an stuth fliuch. Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 2  
Bruaichean aibhnichean An talamh a tha ri taobh na h-aibhne. Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 3  
An t-sruth Uisge a tha a' dol don mhuir. Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 3  
Arcaibh ‘S e Arcaibh an t-ainm a th' air na h-eileanan a tha a' laighe far cost a-tuath na h-Alba. Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 3  
ruamhair Nuair a tha daoine a' coimhead airson rudan feumail, uaireannan bidh iad a' ruamhar. Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 3  
feamainn Is e seo luibh a tha a' fàs anns a' mhuir. Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 3  
càilear brèagha, cofhurtail no blasta Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 3  
Seasgair Blàth is cofhurtail Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 3  
ribe Lìon, bidh iasgairean a' cleachdadh seo airson iasg a ghlacadh. Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - bhidio 1  
Feòil mhairt Is e seo an fheòil a tha a' tighinn o bhò. Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - bhidio 1  
sitig Cnap sgudail is todhair. Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - bhidio 1  
Arcaibh ‘S e Arcaibh an t-ainm a th' air na h-eileanan a tha a' laighe far cost a-tuath na h-Alba. Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - bhidio 2  
Nas teotha Bhon facal ‘teth' Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - bhidio 2  
Theasaich Nuair a bha daoine a' cur teas air rudeigein. Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - bhidio 2  
Creagan bholcànach Creagan beaga a tha a' tighinn o bholcàno. Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - bhidio 2  
bholcàno ‘S e bholcàno an t-ainm a th'air beinn a tha a' spùtadh a-mach teine. Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - bhidio 2  
sgealban Pìosan beaga biodach Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - bhidio 2  
connadh An stuth a tha daoine a' cleachdadh airson an cumail blàth. Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - bhidio 3  
Gual Bidh daoine a' losgadh an stuth dubh cruaidh seo airson an cumail blàth. Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - bhidio 3  
Mòine Bidh daoine a' losgadh an stuth bog seo airson an cumail blàth. Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - bhidio 3  
Todhar tioram Nuair a tha daoine a' fàgail todhar agus tha an t-uisge a' tighinn aiste. Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - bhidio 3  
Na mairbh Daoine nach eil beò. Fianais - Dè dh'innseas na
h-àiteachan sònraichte dhuinn? - bhidio 1
 
Tuaman Bidh daoine beairteach a' cur daoine marbh ann an tuam. Fianais - Dè dh'innseas na
h-àiteachan sònraichte dhuinn? - bhidio 1
 
Trannsa Slighe fhada. Fianais - Dè dh'innseas na
h-àiteachan sònraichte dhuinn? - bhidio 1
 
Tursachan Clachan mòra a tha nan seasamh. Fianais - Dè dh'innseas na
h-àiteachan sònraichte dhuinn? - bhidio 2
 
sagartan Daoine a tha a' searmonachadh mu chreideamh Fianais - Dè dh'innseas na
h-àiteachan sònraichte dhuinn? - bhidio 2
 
Domhainn Anns an làraich seo, tha seo a' ciallachadh dè cho fad ‘s a tha rudeigin a' dol sìos. Fianais - Dè dh'innseas na
h-àiteachan sònraichte dhuinn? - bhidio 2
 
cuaraidh Is e seo an t-àite far an tèid clachan, àite làn chlachan. Fianais - Dè dh'innseas na
h-àiteachan sònraichte dhuinn? - bhidio 2
 
A' tighinn gu crìche Is e seo an t-àite far an tèid clachan, àite làn chlachan. Fianais - Dè thachair do
Skara Brae? - bhidio 1
 
spèis Meas Fianais - Dè thachair do
Skara Brae? - bhidio 1
 
meatailt Stuth cruaidh a tha a' fàs bog nuair a tha e teth. Fianais - Dè thachair do
Skara Brae? - bhidio 1
 
Stuth marbhtach Stuth a tha gu math cunnartach! Tha puinnsean marbhtach. Fianais - Dè thachair do
Skara Brae? - bhidio 1
 
Dùin-ghainmhich Barrachd air 2 dhùn-gainmhich Fianais - Dè thachair do
Skara Brae? - bhidio 2
 
Machair Talamh rèidh a' tha faisg air a' mhuir. Fianais - Dè thachair do
Skara Brae? - bhidio 1
 
Fiodh-cladaich Is e seo fiodh a tha a' laighe air an tràigh. Fianais - Dè thachair do
Skara Brae? - bhidio 1
 
malairt Facal eile airson ‘reic' Fianais - Dè thachair do
Skara Brae? - bhidio 1
 
Tursachan Clachan mòra a tha nan seasamh. Fianais - Dè thachair do
Skara Brae? - bhidio 1
 
Sagartan Daoine a tha a' searmonachadh mu chreideamh Fianais - Dè thachair do
Skara Brae? - bhidio 2
 
Arcaibh ‘S e Arcaibh an t-ainm a th' air na h-eileanan a tha a' laighe far cost a-tuath na h-Alba. Fianais - Dè thachair do
Skara Brae? - bhidio 2
 
Eathraichean bàtaichean Fianais - Dè th' ann an Skara Brae
agus càit a bheil e?- bhidio 3
 
Dùn-gainmhich Tha dùin-ghainmhich gu math coltach ri cnuic mhòra a tha ri dhèanamh ri gainmhich. Fianais - Dè th' ann an Skara Brae
agus càit a bheil e?- dealbh 3
 
Air an còmhdach Rud a th'air mullach rud eile. Fianais - Dè th' ann an Skara Brae
agus càit a bheil e?- dealbh 3
 
Feamainn Is e seo luibh a tha a' fàs anns a' mhuir. Fianais - Dè th' ann an Skara Brae
agus càit a bheil e?- dealbh 3
 
Cumhang Caol Fianais - Dè th' ann an Skara Brae
agus càit a bheil e?- dealbh 4
 
Lùbach Rud le lùb, rudeigin nach eil rèidh. Fianais - Dè th' ann an Skara Brae
agus càit a bheil e?- dealbh 4
 
Preasan Nuair a tha thu a' sgioblachadh, bidh thu a' cur nithean ann am preas. Tha doras air. Fianais - Cò ris a bha na
taighean coltach? - dealbh 4
 
cùil Preas gun dhoras. Fianais - Cò ris a bha na
taighean coltach? - dealbh 4
 
Gur mathaid ‘s docha Fianais - Cò ris a bha na
taighean coltach? - dealbh 4
 
A' caitheamh Anns an làraich seo, tha sinn a' ciallachadh a' cosg. Fianais - Cò ris a bha na
daoine coltach? - dealbh 1
 
Arcaibh ‘S e Arcaibh an t-ainm a th' air na h-eileanan a tha a' laighe far cost a-tuath na h-Alba. Fianais - Cò ris a bha na
daoine coltach? - dealbh 1
 
A' snaidheadh A' sgrìobadh Fianais - Cò ris a bha na
daoine coltach? - dealbh 2
 
Ga chaitheamh Anns an làraich seo, tha sin a' ciallachadh a' cosg Fianais - Cò ris a bha na
daoine coltach? - dealbh 2
 
Crogan Rud mar botal anns an gabh rudan a chumail. Fianais - Cò ris a bha na
daoine coltach? - dealbh 3
 
Dearg-chrèadh ‘S e dath a tha seo a tha eadar dearg, donn is orainds. Fianais - Cò ris a bha na
daoine coltach? - dealbh 3
 
Ochre ‘S e facal Beurla a tha seo airson dath a tha eadar dearg, donn is orainds. Fianais - Cò ris a bha na
daoine coltach? - dealbh 3
 
Bhon sprèidh Tha seo a' ciallachadh beathaichean a tha a' siubhal ann am buidhnean mòra. Fianais - Cò ris a bha na
daoine coltach? - dealbh 4
 
A' sealg Nuair a tha daoine, no beathaichean, a' dol as dèidh beathaichean eile. Fianais - Cò ris a bha na
daoine coltach? - dealbh 5
 
Fèidh Beathaich le ceithir chasan a tha a' ruith gu luath (Uaireannan, tha adharcan orra). Fianais - Cò ris a bha na
daoine coltach? - dealbh 5
 
Tuirc Beathaich le ceithir chasan a tha coltach ri muc molach. Fianais - Cò ris a bha na
daoine coltach? - dealbh 5
 
snaidheadh Á' sgrìobadh Fianais - Dè dh'innseas na
h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 1
 
Deas-ghnàth ‘S e seo pàrtaidh mòr airson là cudromach. Fianais - Dè dh'innseas na
h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 1
 
Uaislean Daoine le teaghlaichean cudromach. Fianais - Dè dh'innseas na
h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 1
 
Arcaibh ‘S e Arcaibh an t-ainm a th' air na h-eileanan a tha a' laighe far cost a-tuath na h-Alba. Fianais - Dè dh'innseas na
h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 2
 
Na mairbh Daoine nach eil beò. Fianais - Dè dh'innseas na
h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 2
 
Ag adhradh Bidh daoine le creideamhan eadar-dhealaichte ag adhradh do dhiathan eadar-dhealaichte. Fianais - Dè dh'innseas na
h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 2
 
Fianais Is e seo na nithean a tha ag innse do dhaoine an fhìrinn. Bidh arceòlaichean a' coimhead airson na fìrinn mu sheann dhaoine. Fianais - Dè dh'innseas na
h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 3
 
Stuth leighis Nuair a tha thu tinn, bidh thu a' gabhail stuth leighis airson faireachdainn nas fheàrr. Fianais - Dè dh'innseas na
h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 3
 
Caochag Seòrsa de bhalgan-buachair a tha coltach ri ball. Fianais - Dè dh'innseas na
h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 3
 
Cearcall thursachan Cearcall mhòr air a dhèanamh le clachan a tha fìor mhòr. Fianais - Dè dh'innseas na
h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 4
 
tomadach Mòr, Làidir, Tapaidh Fianais - Dè dh'innseas na
h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 4
 
Tuaman Bidh daoine beairteach a' cur daoine marbh ann an tuam. Fianais - Dè dh'innseas na
h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 5
 
‘S mathaid Dòigh eile a ràdh ‘s dòcha Fianais - Dè dh'innseas na
h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 5
 
Tuam Bidh daoine beairteach a' cur daoine marbh ann an tuam. Fianais - Dè dh'innseas na
h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 5
 
Adhlachadh A' cur rud no duine fo thalamh. Fianais - Dè dh'innseas na
h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 5
 
Deas-ghnàthan ‘S e seo pàrtaidh mòr airson là cudromach. Fianais - Dè dh'innseas na
h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 5
 
Fianais Is e seo na nithean a tha ag innse do dhaoine an fhìrinn. Bidh arceòlaichean a' coimhead airson na fìrinn mu sheann dhaoine. Fianais - Dè thachair do
Skara Brae? - dealbh 1
 
Arceòlaiche Cuideigin a tha ag obair, a' coimhead airson seann rudan o chionn ghoirid no fada air ais. Tha iad a' coimhead airson rudan anns an t-sitig a tha ag innse dhaibh mu sheann dhaoine o bhliadhnaichean air ais. Fianais - Dè thachair do
Skara Brae? - dealbh 2
 
dlùth Dòigh eile air faisg a ràdh Fianais - Dè thachair do
Skara Brae? - dealbh 4
 


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy