Cunntas-obrach ball den sgioba

Doneil

Rud(an) a dh' ionndrainneas mi ann an Sìona

Irn Bru

Rud(an) a dh' fheumas mi a thoirt leam

Leabhar le abairtean Sìonach!

Na shiubhail thu ri linn d' obrach a-riamh?

Cha do shiubhail!

Taigeis no spring roll?

Spring roll air a bheil blasad de thaigeis? Bhiodh sin math!

RadanNeach-naidheachd

Doneil Macleòid

Neach-naidheachd Gàidhlig

Dleastanasan

A' togail film a sheallas mar a chaidh an obair a dhèanamh. Seallaidh seo ciamar agus carson a chaidh co-dhùnaidhean a dhèanamh agus mar a chòrd Sìona ri diofar dhaoine.

Prìomh uidheamachd

Camara-bhidio didseatach agus maicreafòn.

Clàr-obrach

Rinn mi greis-gnìomhachais aig a' BhBC ann an 2005 fhad 's a bha mi a' dèanamh ceum Gàidhlig aig Oilthigh Obar Dheadhain. Bha mi deich seachdainean ag obair do Radio nan Gàidheal ann an Inbhir Nis. Bha mi ag obair ann an-dràsta agus a-rithist suas chun an t-Sultain 2007 nuair a fhuair mi cùmhnant mar neach-naidheachd fo thrèanadh. Anns an eadar-ama, nochd mi mar chleasaiche san fhilm Ghàidhlig "Seachd" ann an 2006. Gu mì-fhortanach, chaidh mo ghearradh a-mach ach chì thu mi air an dvd am measg nam pìosan eile a chaidh a ghearradh.

Co-obraichean

Bidh mi ag obair gu dlùth còmhla ris an sgioba air fad ann an Sìona.

An cunntas as ùire aig Doneil

Coinnich ris a' chòrr den sgioba

dàng àn

(g. tasglann)

  • DiD
  • DiL
  • DiM
  • DiC
  • DiA
  • DiH
  • DiS
  •  
  •  
  •  
  •  
  •  
  •  
  • 1
  • 2
  • 3
  • 4
  • 5
  • 6
  • 7
  • 8
  • 9
  • 10
  • 11
  • 12
  • 13
  • 14
  • 15
  • 16
  • 17
  • 18
  • 19
  • 20
  • 21
  • 22
  • 23
  • 24
  • 25
  • 26
  • 27
  • 28
  • 29
  • 30
  • 31
  •  
  •  
  •  
  •  
  •  

 

jiā pŭ

(g. an sgioba riochdachaidh)

An sgioba riochdachaidh

Gu bàrr na duilleig

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.