Cunntas-obrach ball den sgioba

Alasdair

Rud(an) a dh' ionndrainneas mi ann an Sìona

Mo leabaidh fhìn agus mo charaidean.

Rud(an) a dh' fheumas mi a thoirt leam

Aodach cofurtail… oh, agus camara airson bhideoan a chlàradh.

Na shiubhail thu ri linn d' obrach a-riamh?

Bidh mi tric a' siubhal do dhùthchannan eadar-dhealaichte leis a' phrògram telebhisein Eòrpa. Dh'aithris mi à Afraga aig toiseach na bliadhna. Bha e inntinneach dha-rìribh agus teth, teth!

Taigeis no spring roll?

Taigeis agus spring roll, ithidh mise rud sam bith!

RadanNeach-naidheachd

Alasdair Friseal

Neach-naidheachd Gàidhlig

Dleastanasan

Tha mise gu bhith a' clàradh filmean goirid airson sealladh a thoirt dhuibh air ciamar a tha sinn a' dèanamh prògraman telebhisein. Chì sibh obair an stiùiriche, an riochdaire agus an sgioba camara. Feuchaidh mi ri blasad a thoirt dhuibh air co ris a tha e coltach a bhith ag obair còmhla ri sgioba telebhisein.

Prìomh uidheamachd

Camara-bhidio didseatach agus maicreafòn.

Clàr-obrach

Chuir mi còig bliadhna seachad le sgioba naidheachd Radio nan Gàidheal ann an Inbhir Nis, ag aithris, a' riochdachadh agus a' preseantadh phrògraman naidheachd. Tha mi air a bhith ag obair air Eòrpa airson trì bliadhna ag aithris air sgeulachdan bho air feadh na Roinn Eòrpa.

Co-obraichean

Bidh mi ag obair gu dlùth còmhla ris an sgioba air fad ann an Sìona.

An cunntas as ùire aig Alasdair

Coinnich ris a' chòrr den sgioba

dàng àn

(g. tasglann)

  • DiD
  • DiL
  • DiM
  • DiC
  • DiA
  • DiH
  • DiS
  •  
  •  
  •  
  •  
  •  
  •  
  • 1
  • 2
  • 3
  • 4
  • 5
  • 6
  • 7
  • 8
  • 9
  • 10
  • 11
  • 12
  • 13
  • 14
  • 15
  • 16
  • 17
  • 18
  • 19
  • 20
  • 21
  • 22
  • 23
  • 24
  • 25
  • 26
  • 27
  • 28
  • 29
  • 30
  • 31
  •  
  •  
  •  
  •  
  •  

 

jiā pŭ

(g. an sgioba riochdachaidh)

An sgioba riochdachaidh

Gu bàrr na duilleig

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.