25mh Màrt 2008, Gerald
Ceart. Seo a' chiad phàirt de leabhar-latha ar sgioba riochdachaidh agus feuchaidh mi gun butarais a dhèanamh dheth.
Tha sinn a' cruthachadh an t-uabhas stuth mu Shìona am-bliadhna prògraman Tbh, prògraman rèidio agus an làrach-lìn seo.
Innsidh an leabhar-latha dhut ciamar a tha sinn a' riochdachadh stuth – airson na h-eadar-lìn, rèidio agus Tbh. Chan e seo idir an aon dhòigh a th' ann air seo a dhèanamh, oir chan e eòlaichean a th' annainn, a dh' aindeoin cho beachdail 's a tha sinn uaireannan. Ach seo mar a tha sinne ga dhèanamh.
Is dòcha gun inns an leabhar-latha beagan dhut mu dhiofar obraichean.
Agus is dòcha gun ionnsaich thu beagan mu Shìona cuideachd.
(g. tasglann)
(g. facail feumail)
Daoine de diofar dhreuchdan m.e. riochdaire, stiùiriche, co-òrdanaiche riochdachaidh agus rannsaiche a tha ag obair còmhla airson prògram telebhisein no làraich-lìn ullachadh agus a thoirt gu buil.
© MMIX
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.