Advertisement

In order to see this content you need to have both Javascript enabled and Flash installed. Visit BBC Webwise for full instructions

Liu Hong Liang – An obraiche factaraidh

Dh'fhàg Liu Hong Liang beatha an tuathanaich air a chùlaibh nuair a ghluais e dhan bhaile-mhòir. Co ris a tha a bheatha dha-rìribh coltach ann an nuadh Shìona an latha an-diugh?

"Dh'fhàg mi an tuathanas airson gum biodh dòigh-beatha na b' fheàrr aig mo theaghlach agus airson gu faicinn beagan dhen t-saoghal." (Liu Hong Liang)

Luchd-obrach factaraidh Boireannach ag obair ann am factaraidh Liu Hong Liang
  • Ann an 1950, bha nas lugha na 13% de Shìonaich a' fuireach ann am bailtean agus mòr-bhailtean. An-diugh, tha sin air atharrachadh gu mu 40% agus dh'fhaodadh gum biodh e cho àrd ri 60% ro 2030.
  • Tha a' mhòr chuid de luchd-obrach ann an factaraidhean cost an ear Shìona à sgìrean nas fhaide a-staigh san dùthaich far nach eil uiread de chothroman obrach ann. Tha an cuid as motha diubh à sgìrean thuathanach agus tha tòrr aca an dòchas tilleadh dhachaigh.
  • Tha còrr is millean neach-obrach ag obair air àrainn togail ann am Beijing. Tha 90% de na daoine seo à badan eile de Shìona.

Leum gu bàrr na duilleig

Rannsaich am BBC

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.