In order to see this content you need to have both Javascript enabled and Flash installed. Visit BBC Webwise for full instructions
Jiang Geng Gui - An tuathanach
Sguir Jiang Feng Gui dhe bhith a' cur rus airson barrachd airgid a dhèanamh le bhith a' fàs bàrr gu tur eadar-dhealaichte.
"Bha na tuathanaich mun cuairt taiceil on a bha iad a' faicinn gur e dòigh-beatha na b' fheàrr a bh' ann." (Jiang Feng Gui)
- Tha Sìona a' fàs barrachd ruis na dùthaich sam bith ach Na Stàitean Aonaichte.
- Ged a tha cuid a thuathanaich, mar Jaing Feng Gui, air am brosnachadh gus bàrr "sòghalachd" fhàs is barrachd dhaoine beairteach ann a cheannaicheas iad, tha Riaghaltas Shìona airson gun cùm Siona oirre a' fàs na dh'fheumas an dùthaich de bhàrr mar rus agus gràinne.
- Dh' èirich prìs a' bhìdh ann an Sìona gu mòr ann an 2007, ann am pàirt ri linn stuthan fhaighinn an dèidh mòr-thubaistean nàdarrach. Tron àm seo, cho-dhùin Sìona nas lugha de ghràinne às-mhalairt chun a' chòrr den t-saoghal. Bhon Ghearran 2008, tha prìsean bìdh air èirigh aig ìre nas socraiche.