 |
Tha an duilleag seo, a tha ag amas air pàrantan, a' toirt
ro-ràdh goirid air na làraichean-lìn co-cheangailte
ri foghlam a th' aig BBC Alba dha clann ann am foghlam tro mheadhan
na Gàidhlig.
Airson tuilleadh fiosrachaidh air goireasan foghlaim Gàidhlig
air radio is tbh seallaibh ri duilleagan Notaichean
nan Tidsear.
|
|
 |
 |
 |
 |
 |
Skara Brae
Sa bhliadhna 1850 thàinig grunn thaighean cloiche ann am Bàgh Skaill an Arcaibh am bàrr, as dèidh do fhìor dhroch stoirm a ghainmheach a bha ga còmhdachadh a shèideadh air falbh. Le taic bho ghnìomhan, bhideothan, teacsa agus fuaim, bheir làrach-lìn Skara Brae seo sealladh dhut air an t-seòrsa beatha a bh' aig daoine a bha beò tràth ann an eachdraidh.
Sealladh air Sìona
'S e an leabhar-là a' chiad earrann de làrach-lìn Sealladh air Sìona. Lean an sgioba riochdachaidh 's iad a' mìneachadh dè dìreach an obair a tha co-cheangailte ri prògram tbh, radio agus làrach-lìn mu Shìona a chruthachadh. Thèid an dàrna pàirt den làrach a chuir air bhog aig deireadh na bliadhna.
Làrach nam Bàrd
Làrach ùr a tha a' toirt mìneachadh agus fiosrachadh seachad mu bheatha agus bàrdachd 11 de bhàird Ghàidhlig an 20mh linn. Mu choinneimh gach bàrd, gheibh sibh measgachadh de theacsa, bhidio is fuaim a bheir deagh shealladh air an cuid-obrach - feumail do sgoilearan is inbhich le chèile.
Air Ghleus
Tha an làrach seo a’ toirt cothrom do sgoilearan nuadh-cheòl Alba a rannsachadh ann an dòigh a tha ùr agus eadar-ghnìomhach. Tha e a’ còrdadh ris a’ chloinn a bhith ag ionnsachadh san dòigh seo agus tha iad a’ leasachadh eòlas is tuigse agus sgilean rannsachaidh tro Theicneòlas Fiosrachaidh. Gheibh sgoilearan cothrom air fiosrachadh a chur ris an eòlas a th’ aca air dualchas ciùil agus dh’fhaodadh gun cuidich e iad gu bhith a’ leasachadh am beachdan air na cùisean sin nam fèin-aithne nàiseanta.

Na Seumasaich
Tha an làrach-lìn seo ag amas air luchd-ionnsachaidh a bhrosnachadh gus sgrùdadh a dhèanamh air bun fhiosrachadh agus an uairsin breithneachadh air na co-dhùnaidhean a b' fheàrr ann an suidheachaidhean àraidh. Dh'fhaodhadh an làrach a bhith cuideachail do dhaoine òga anns a' bhun-sgoil agus anns an àrd sgoil a rèir an fhiosrachaidh tha dhìth orra no nan sgilean a thathar airson leudachadh.
Fàilte
gu Fuaimean
Tha an làrach
seo a' thoirt cothrom do chloinn aig tràth-ìrean eòlas
a chur air fuaimean na Gàidhlig agus litrichean na h-aibidil agus
an càirdeas eatorra. Tro chur-seachadan fuaimneach, tarraingeach,
gheibh na sgoilearan òga taic ann a bhith ag ionnsachadh mu na prionnsabail
cànain a th' anns an sgeama teagasg ‘Facal is Fuaim’.
Cruth
na Tìre
Tha an làrach
seo, ag amas air clann-sgoile air clas 4/5, a’ cuideachadh ann a bhith
a’ faighinn eòlas air cruthan-tìre trì diofar
cheàrnaidhean de dh’Alba. Anns an earrainn as ùire cuiridh iad eòlas
air A’ Mhonadh Dheasach.
Baile
Mhuilinn
Tha Baile
Mhuilinn air a dhealbh dha sgoilearan aois 5-7. Cuidichidh e le sgrìobhadh
is leughadh ionnsachadh oir tha gach prògram stèidhichte air
fuaim sònraichte.
Faireachdainnean
'S e suaimhneas
ìnntinn agus slàinte shòisealta prìomh chuspair
na làraich, is tha e ag amas air ìre A gu D. Coinnichidh na
sgoilearan ri suidhichidhean eadar-dhealaichte a bhios freagarrach airson
na h-ìre aig a bheil iad.
Fuadach
nan Gaidheal
Tha
an làrach seo mu linn nam Fuadaichean ann an Alba. 'S e goireas ionnsachaidh
eadar-ghnìomhach a tha seo, is tha e ag amas air clas 6/7, no aoisean
10-12.
Ioma-rud
Cuidichidh Ioma-rud
I sgoilearan aois 7-9 bliadhna le Sgrìobhadh Mac-meanmnach. Tha Ioma-rud
II a' toirt taic do sgoilearan a' thaobh Sgrìobhadh Pearsanta agus
Gnìomhachail aig ìre B/C.
Saoranachd
Dè
tha saoranachd a' ciallachadh? Bheir an làraich seo sùil air
deamocrasaidh - mar a dh'fhaodas sinn tighinn gu co-dhùnaidhean agus
a' bhuaidh a dh'fhaodas a bhith aig ar co-dhùnaidhean air daoine
eile. Tha an làrach ag amas air clas 6/7.
Snasail
Air an làraich-lìn
seo tha iomadh slighe a dh'ionnsaigh a' chinn-uidhe is iomadh cnap-starra
às an rathad. Le geamannan mu phuingean gràmar is gnathasan
cainnte, tha an làrach aig ìre C/D de Stiùireadh Nàiseanta
5-14.
Bitesize
Bheir
an làrach seo taic do sgoilearan ag ullachadh airson deuchainn Gàidhlig
aig Àrd Ìre anns an àrd-sgoil. Gheibh sgoilearan
stiùireadh mun dòigh anns am bu chòir dhaibh dèiligeadh
ri ceistean nan deuchainnean, agus bidh ath-sgrùdaidhean agus deuchainnean
an cois gach cuspair.
Bitesize
Bheir an làrach seo taic do sgoilearan agus oileanaich ag ullachadh airson deuchainn Gàidhlig (luchd-ionnsachaidh) aig Àrd Ìre. Gheibh sgoilearan stiùireadh mun dòigh anns am bu chòir dhaibh dèiligeadh ri ceistean nan deuchainnean, agus gheibh iad cothrom airson sgilean fhaighinn airson an deuchainn a dhèanamh le misneachd!
|
|