[an error occurred while processing this directive]

BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIHAOINE
17 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Alba - BBC Craoladh nan Gaidheal Radio Nan Gaidheal 103.5-105 FM.  Èist beò
Sgoiltean Far an àidhear

BBC Homepage
Scotland Home

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
Tha na làraich-lìn a leanas air an cruthachadh gu sònraichte do sgoilearan.


Skara Brae Skara Brae

Sa bhliadhna 1850 thàinig grunn thaighean cloiche ann am Bàgh Skaill an Arcaibh am bàrr, as dèidh do fhìor dhroch stoirm a ghainmheach a bha ga còmhdachadh a shèideadh air falbh. Le taic bho ghnìomhan, bhideothan, teacsa agus fuaim, bheir  làrach-lìn Skara Brae seo sealladh dhut air an t-seòrsa beatha a bh' aig daoine a bha beò tràth ann an eachdraidh.



Sealladh air SìonaSealladh air Sìona

'S e an leabhar-là a' chiad earrann de làrach-lìn Sealladh air Sìona. Lean an sgioba riochdachaidh 's iad a' mìneachadh dè dìreach an obair a tha co-cheangailte ri prògram tbh, radio agus làrach-lìn mu Shìona a chruthachadh. Thèid an dàrna pàirt den làrach a chuir air bhog aig deireadh na bliadhna.


Làrach nam BàrdLàrach nam Bàrd


Làrach ùr a tha a' toirt mìneachadh agus fiosrachadh seachad mu bheatha agus bàrdachd 11 de bhàird Ghàidhlig an 20mh linn. Mu choinneimh gach bàrd, gheibh sibh measgachadh de theacsa, bhidio is fuaim a bheir deagh shealladh air an cuid-obrach - feumail do sgoilearan is inbhich le chèile.


Air GhleusAir Ghleus

Tha an làrach seo a’ toirt cothrom do sgoilearan nuadh-cheòl Alba a rannsachadh ann an dòigh a tha ùr agus eadar-ghnìomhach. Tha e a’ còrdadh ris a’ chloinn a bhith ag ionnsachadh san dòigh seo agus tha iad a’ leasachadh eòlas is tuigse agus sgilean rannsachaidh tro Theicneòlas Fiosrachaidh. Gheibh sgoilearan cothrom air fiosrachadh a chur ris an eòlas a th’ aca air dualchas ciùil agus dh’fhaodadh gun cuidich e iad gu bhith a’ leasachadh am beachdan air na cùisean sin nam fèin-aithne nàiseanta.


Na SeumasaichNa Seumasaich


Tha an làrach-lìn seo ag amas air luchd-ionnsachaidh a bhrosnachadh gus sgrùdadh  a dhèanamh air bun fhiosrachadh agus an uairsin  breithneachadh air  na co-dhùnaidhean a b' fheàrr ann an suidheachaidhean àraidh. Dh'fhaodhadh an làrach a bhith cuideachail do dhaoine òga anns a' bhun-sgoil agus anns an àrd sgoil a rèir an fhiosrachaidh tha dhìth orra no nan sgilean a thathar airson leudachadh.


Fàilte gu FuaimeanFàilte gu Fuaimean


Tha Fàilte gu Fuaimean a' toirt cothrom do chlann aig tràth-ìrean eòlas a chur air fuaimean na Gàidhlig agus litrichean na h-aibidil. Tro chur-seachadan fuaimneach, tarraingeach, gheibh clann òga taic ann a bhith ag ionnsachadh mu na prionnsabalan cànain a tha san sgeama teagaisg ‘Facal is Fuaim'.


Cruth na TìreCruth na Tìre


Tha an làrach seo, ag amas air clann-sgoile air clas 4/5, a’ cuideachadh ann a bhith a’ faighinn eòlas air cruthan-tìre trì diofar cheàrnaidhean de dh’Alba. Anns an earrainn as ùire cuiridh iad eòlas air A’ Mhonadh Dheasach.


Baile MhuilinnBaile Mhuilinn

Tha Baile Mhuilinn air a dhealbh dha sgoilearan aois 5-7. Cuidichidh e le sgrìobhadh is leughadh ionnsachadh oir tha gach prògram stèidhichte air fuaim sònraichte.



FaireachdainneanFaireachdainnean

'S e suaimhneas ìnntinn agus slàinte shòisealta prìomh chuspair na làraich, is tha e ag amas air ìre A gu D. Coinnichidh na sgoilearan ri suidhichidhean eadar-dhealaichte a bhios freagarrach airson na h-ìre aig a bheil iad.


Fuadach nan GaidhealFuadach nan Gaidheal

Tha an làrach seo mu linn nam Fuadaichean ann an Alba. 'S e goireas ionnsachaidh eadar-ghnìomhach a tha seo, is tha e ag amas air clas 6/7, no aoisean 10-12.


Ioma-rud Ioma-rud


Cuidichidh Ioma-rud I sgoilearan aois 7-9 bliadhna le Sgrìobhadh Mac-meanmnach. Tha Ioma-rud II a' toirt taic do sgoilearan a' thaobh Sgrìobhadh Pearsanta agus Gnìomhachail aig ìre B/C.


SaoranachdSaoranachd

Dè tha saoranachd a' ciallachadh? Bheir an làraich seo sùil air deamocrasaidh - mar a dh'fhaodas sinn tighinn gu co-dhùnaidhean agus a' bhuaidh a dh'fhaodas a bhith aig ar co-dhùnaidhean air daoine eile. Tha an làrach ag amas air clas 6/7.


SnasailSnasail

Air an làraich-lìn seo tha iomadh slighe a dh'ionnsaigh a' chinn-uidhe is iomadh cnap-starra às an rathad. Le geamannan mu phuingean gràmar is gnathasan cainnte, tha an làrach aig ìre C/D de Stiùireadh Nàiseanta 5-14.


BitesizeBitesize

Bheir an làrach seo taic do sgoilearan ag ullachadh airson deuchainn Gàidhlig aig Àrd Ìre anns an àrd-sgoil. Gheibh sgoilearan stiùireadh mun dòigh anns am bu chòir dhaibh dèiligeadh ri ceistean nan deuchainnean, agus bidh ath-sgrùdaidhean agus deuchainnean an cois gach cuspair.


BitesizeBitesize

Bheir an làrach seo taic do sgoilearan agus oileanaich ag ullachadh airson deuchainn Gàidhlig (luchd-ionnsachaidh) aig Àrd Ìre. Gheibh sgoilearan stiùireadh mun dòigh anns am bu chòir dhaibh dèiligeadh ri ceistean nan deuchainnean, agus gheibh iad cothrom airson sgilean fhaighinn airson an deuchainn a dhèanamh le misneachd!




About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy