BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DILUAIN
19 Faoilteach 2015
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Na Seumasaich.  Ar-a-mach 1745.

BBC Homepage
Scotland Home
Alba
Foghlam
»

Na Seumasaich

Flash
HTML
Leabhar Fiosrachaidh
Tidsearan

 

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 

Fiosrachadh mun Làraich-lìn

Tha an l àrach-lìn seo ag amas air luchd-ionnsachaidh a bhrosnachadh gus fiosrachadh air eachdraidh a sgrùdadh agus breithneachadh dè na co-dhùnaidhean a b' fheàrr ann an suidheachaidhean àraidh. Dh'fhaodhadh an làrach seo a bhith cuideachail do dhaoine òga anns a' bhun-sgoil agus anns an àrd sgoil a rèir an fhiosrachaidh tha dhìth orra no na sgilean a thathar a' leudachadh.

Tha an làrach a' dèiligeadh ri Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745 bhon a thòisich e gus an deach a chur sìos aig Blàr Chùil Lodair agus a' bhuaidh a bh'aige air muinntir na Gàidhealtachd.

Tha seo air a dhèanamh tro thrì Achdan sònraichte. Bidh cothrom ann èisteachd ri na bha aig daoine a bha cudromach aig an àm ri ràdh agus cothrom litrichean a chaidh a sgrìobhadh aig an àm a leughadh. An lùib gach Achd tha dà chaibideil.

•  Achd 1- Toiseach Bliadhna Theàrlaich
Caibideil 1: An Fhraing
Caibideil 2: Prestonpans

•  Achd 2- Ionnsaigh air Sasainn
Caibideil 1: Dùn Èideann
Caibideil 2: Derby

•  Achd 3- An Teicheadh Gàidhealach
Caibideil 1: Cùil Lodair (an oidhche ron Bhlàr)
Caibideil 2: Cùil Lodair (latha a' Bhlàir)

A bharrachd air na caibideilean seo, tha bhideothan ann agus caibideil air Alba, an dèidh Blàr Cùil Lodair.

Tha an làrach-lìn a' cur an sgoileir an àite ceannard Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745. Faodaidh an sgoilear sealltainn ris an fhiosrachadh air an sgrion a tha a' tighinn am follais tro charactaran agus tro litrichean a chaidh a sgrìobhadh agus faodaidh iad co-dhùnaidhean a dhèanamh a bheir buaidh air dè thachras san Ar-a-mach aca.

Gheibhear cothrom fianais a thogail bho charactaran sònraichte aig an àm agus daoine a thug comhairle don Phrionnsa Teàrlach. Bhon fhiosrachadh seo feumar tighinn gu co-dhùnadh mun dòigh air adhart. Seo cothrom eòlas air eachdraidh a bhrosnachadh le bhith cleachdadh nan sgilean a dh'fheumar airson ceist fhuasgladh.

Tha leabhar-fiosrachaidh air an sgrion ann an dreach chairtean- cluiche. Bheir seo taic agus fiosrachadh mu dhaoine cudromach aig an àm, mu Bhreatainn anns na 1700an a bharrachd air cùl-fhiosrachadh air Ar-a-mach nan Seumasach agus loidhne tìm.

Tha cothrom ann fèin-mheasadh a dhèanamh air adhartas sam bith aig deireadh gach Achd.

Is ann le Flash 8 plug-in as fheàrr a chithear an làrach ach chithear cuideachd e le Flash 7.

Faodar am Flash plug-in as ùire luchdachadh a-nuas bhon cheangal a leanas: -

Faigh pluga Flash

Tha tionndadh sìmplidh HTML den làraich ann cuideachd airson choimpiutairean nas aosta aig nach eil Flash agus do dhaoine a tha a' cleachdadh bathar-bog sgrìon- leughaidh (screen-reading software).

Cruth na Làraich

Tha trì achdan innte agus dà chaibideil anns gach achd. Tha earrann dheireannach ann cuideachd a tha a' sealltainn ri dè thachair as dèidh Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745. Tha seachd earrannan ann uile gu lèir – gach tè a' buntainn ri tachartas no àm cudromach anns an Ar-a-mach fhèin. Faodaidh sgoilearan co-dhùnadh gun dèan iad mar a rinn na Seumasaich aig an àm no faodaidh iad roghainnean eile a ghabhail. Is iad na seachd earrannan: -

Achd 1

Caibideil 1: Toiseach an Ar-a-mach. Tha na sgoilearan a' co-dhùnadh an dùraig iad ar-a-mach a thòiseachadh sa Ghàidhealtachd gun taic sam bith bhon Fhraing.

Caibideil 2: Prestonpans . Tha na sgoilearan a' co-dhùnadh an cuir iad blàr ri feachdan an Riaghaltais no am fuirich iad gun tig cuideachadh bhon Fhraing.

Achd 2

Caibideil 1: Ionnsaigh air Sasainn. Tha na sgoilearan a' co-dhùnadh an dèan iad an ionnsaigh chunnartach air Sasainn no am fuirich iad airson Alba a dhìon.

Caibideil 2: Derby . Tha na sgoilearan a' co-dhùnadh an cùm iad orra a Lunnainn no an till iad a dh'Alba.

Achd 3

Caibideil 1: Màrsail na h-oidhche a dh'Inbhir Narann. Tha na sgoilearan a' co-dhùnadh an tèid iad air a' mhàrsail chonnspaideach tron oidhche no am fuirich iad airson a' bhlàir an ath latha.

Caibideil 2: Blàr Chùil Lodair. Tha na sgoilearan a' co-dhùnadh an dèan iad sabaid aig Cùil Lodair no an dèan iad ratreut agus sabaid am badeigin eile.

As dèidh a' Bhlàir

Tha grunn charactaran anns an earrainn seo a tha ag innse dè thachair do na Gàidheil as dèidh Blàr Chùil Lodair.

Leabhar Fiosrachaidh

A thuilleadh air na prìomh earrainnean seo tha earrann a bharrachd ann air a bheil an Leabhar Fiosrachaidh. Tha beagan fiosrachaidh an seo mu phrìomh phearsachan an Ar-a-mach, na cùisean a dh'adhbhraich e agus fiosrachadh mu dheidhinn Bhreatainn aig an àm.

Aithisg Chlò-bhuailte

Aig deireadh gach Achd 's urrainn don sgoilear a dhol gu duilleag far am faod e/i aithisg a sgrìobhadh (ann an riochd litir dhachaigh) mu dheidhinn na dh'ionnsaich iad agus na thug iad gu buil anns an iomairt aca mar cheannard nan Seumasach!

Faodar seo a ghleidheadh fhad 's a tha iad air an làraich no faodar a chlò-bhualadh ann an riochd a tha freagarrach do chlò-bhualadair.

Tar-churraicealam

Eòlas Àrainneachd: Daoine o Chionn Fhada

Strand

Ìre C

Ìre D

Daoine, tachartasan agus comainn shòisealta cudromach anns na làithean o shean

 

Atharrachadh agus seasmhachd, adhbhar agus buil

 

Ruith tìm is eachdraidh

 

 

Gnè fianais eachdraidheil

Eòlas Sòisealta: Sgilean Ceasnachaidh

Sreath

Ìre C

Ìre D

Dèanamh deiseil airson gnìomh

Coileanadh dreuchd

Ath-bhreithneachadh agus aithris air dreuchd

 

Buidheachas

Lucy Conan: Àrd Riochdaire

Pòl Adams: Riochdaire

Jo NicDhòmhnaill : Àrd Riochdaire Gàidhlig

Eilidh NicLachlainn: Riochdaire Gàidhlig

Scott MacColla: Dealbhair

Anthony McKale: Coder/Prògramair Actionscript

Ray MacAnndrais: Coder HTML

Anndra Meikle: Neach-cuideachaidh Lìn

Iain Rose: Comhairliche Eachdraidh is Foghlaim

Joan NicDhòmhnaill: Teacsa Gàidhlig

Rachel Budge: Dealbhan

Chaidh an làrach seo a co-mhaoineachadh le Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig.

Seirbhis Nam Meadhanan Gaidhlig

Ceanglaichean

Is dòcha gum bi na ceanglaichean seo feumail do dhaoine ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh no stòrasan mun àm.

Sgrìobhainnean eachdraidheil Albannach ann an riochd didseatach , nam measg The Lyon in Mourning – cunntasan air dè thachair as dèidh Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745:
http://www.nls.uk/print/index.html

Eachdraidh mhionaideach air cùis nan Seumasach, bho thoiseach ghnothaichean ann am freumhan na Rèabhlaid Ghlòrmhoir gus a' chrìoch eagalach aig Cùil Lodair:
http://www.bbc.co.uk/history/british/civil_war_revolution/scotland_jacobites_01.shtml

Stòras fiosrachaidh mionaideach far am faighear fios air iomairtean armailteach agus na ghabh pàirt annta:
http://www.alanwills.co.uk/index.htm

Cruinneachadh de chunntasan air na thachair ro bhlàr Chùil Lodair, am blàr fhèin agus às a dhèidh:
http://www.queenofscots.co.uk/culloden/cull.html

Duilleag stòrasan Urras Nàiseanta na h-Alba far am faighear fiosrachadh air na Seumasaich:
http://www.ntseducation.org.uk/pupils/search-bonnie.html

Grunn làraich-lìn foghlaim mu Achd an Aonaidh agus Ar-a-mach nan Seumasach bho Ionnsachadh is Teagasg na h-Alba:
http://www.ltscotland.org.uk/scottishhistory/unionrebellion/index.asp



About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy