BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Iomarud
 

BBC Homepage
Scotland
Alba
Foghlam
»Ioma-rud
A' leantainn Cheumannan
A’ sgrìobhadh Litir Fhoirmeil
A’ cruthachadh Postair
A’ sgrìobhadh Aithisg
A’ sgrìobhadh Leabhar-là
Ceistean
Faidhle nam Facal
Sgrìobhadh Ruairidh
Dè thuirt Sìne?
Tidsearan is Pàrantan
 

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 

Sgrìobhadh Ruairidh
Aithisg Mìneachaidh - Cumhachd an dealain
Litir Phearsanta - Duais gun dùil
Ros, a charaid,

Fhuair mi am fios e-phost agad an-diugh. Tha mi toilichte cluinntinn gu bheil thu a’ dol gu taigh ùr agus tha mi an dòchas gun còrd e riut.

Bha mi aig a’ Mhòd air an t-seachdain seo chaidh. ‘S e seòrsa de fhèis Ghàidhlig a tha anns a’ Mhòd far am bi daoine a’ feuchainn cò as fheàrr air seinn agus rudan mar sin.

Cha robh càil a dhùil agam pàirt a ghabhail ann an toiseach. Ach chuala sinn gun robh còisir a’ bhaile a’ dol chun a’ Mhòid agus chuir Sìne mise a bhruidhinn riutha airson Ioma-rud.

Sheinn mi còmhla ris a’ chòisir gus am biodh fios agam co ris a bha e coltach. ‘S e òran slaodach, brònach a bha anns a’ chiad òran ach, ged a bha e doirbh an toiseach, dh’ ionnsaich mi e. An uair sin sheinn sinn an dara òran. ‘S e òran aotrom airson dannsa a bha anns an dara òran. Bha seo tòrr na b’ fhasa agus chòrd e rium na b’ fheàrr.

Thàinig fear a’ chòisir suas faisg orm turas no dhà agus dh’aithnich mi gun robh e ag èisteachd rium. A rèir choltais bha an t-seinn agam a’ còrdadh ris. Nuair a bha sinn deiseil, thuirt e (Fear a’chòisir) rium gun robh guth seinn uabhasach math agam agus gum bu chòir dhomh a dhol a-steach airson nan co-fharpais seinn aig a’ Mhòd.

Cha robh fhios agam dè dhèanainn ach nuair a dh’fhaighnich mi do Shìne agus do Dhonaidh, thuirt iad rium gum bu chòir dhomh fheuchainn. Chaidh mi a dh’iarraidh cuideachadh air Mgr MacDòmhnaill. ‘S e seinneadair ainmeil a tha ann. Fhuair e fhèin am Bonn Òir airson seinn aig a’ Mhòd agus bidh e a-nise ag ionnsachadh dhaoine eile.

Bha mi glè iomagaineach a’ dol gu Mgr MacDhòmhnaill oir bha eagal orm nach robh mi math gu leòr air seinn. Bha mo chridhe nam uchd a’ dol suas chun an dorais aige a’ chiad turas. Ach bha e uabhasach laghach agus chuidich e mi gu mòr. Thagh mi òran a hiodh mo sheanair a’ seinn dhòmhsa nuair a bha mi beag. Thug e orm tòrr obair a dhèanamh, ag ullachadh an òrain, agus bha mi a’ fàs glè shàraichte mu dheireadh.

Agus, nuair a bha mi air an t-òran ionnsachadh cho math ‘s a b’urrainn dhomh, bha fhathast ullachadh agam ri dhèanamh. B’ i a’ cheist a-nise, dè a chuirinn orm? Dh’ fhaighnich mi do Shìne agus thuirt i gum feamainn fèileadh agus, ged a bha Donaidh ag ràdh gun robh mo ghlùinean cnapach, ‘s e sin a rinn mi.

Chaidh mi gu bùth nam fèilidhean. Thomhais iad mi agus rinn iad fèileadh snog dhomh. Tha mise a’ smaoineachadh gun robh mi a’ coimhead glè shnog agus bha Sìne ag aontachadh leam. Cha robh Donaidh ge-tà! Ach bha mise coma. Bha mi a-nise deiseil airson mo chiad Mòid!

Mu dheireadh thàinig latha a’ Mhòid. Chaidh mi ann tràth oir cha robh mi idir a’ faireachdainn dòigheil. Bha eagal orm nach biodh cuimhne agam air na faclan no gun dèanainn mearachd a’ seinn... no gun deigheadh rudeigin eile ceàrr.

Agus chaidh rudeigin ceàrr cho luath ‘s a ràinig mi. Chaidh mi airson cupa cofaidh agus cèic agus bha mi a’ tilleadh gun talla na mo chabhaig nuair a thàinig mi timcheall oisein agus bhuail mi ann an duine a bha a’ dol an rathad eile. Thuit na pàipearan a bha aige na làimh. Cha robh e idir air a dhòigh. Chunnaic mi gun robh an t-òran agamsa am measg a phàipearan agus bha e air sgrìobhadh air gun robh e sgìth dheth.

Ma bha mi mì-dhòigheil roimhe sin, bha mi tòrr na bu mhiosa a-nise. Cha d’ fhuair mi mo chofaidh ‘s mo chèic agus, as dèidh mar a thachair leis a’ bhodach, cha robh mi idir deiseil airson a dhol a sheinn.

Ach bha an uair air tighinn ‘s cha robh dà dhòigh air. Dh’ èigh iad m’ainm agus choisich mi suas chun na stèids. Bha mo bheul a’ faireachdainn tioram ‘s bha mi a’ smaoineachadh nach b’ urrainn dhomh facal a sheinn. Cha do sheall mi mun cuairt orm gus an do ràinig mi an-àird air an stèids. Thug mi sùil air a’ bhritheamh a bha na shuidhe aig bòrd leis fhèin. Cò bh’ann ach an duine a leag mi air mo rathad chun an talla! Bha am pàipear le facail m’ òrain mu choinneimh air a’ bhòrd. Bha mi an dòchas nach do dh’ aithnich e mi.

Cha robh e deiseil fhathast ‘s thug mi sùil eile mun cuairt. Chunnaic mi gun robh Sìne agus Donaidh anns an talla cuidechd. Dh’ fhàg sin na bu mhiosa buileach mi. Bha mi air chrith. An uairsin dh’ iarr am britheamh orm seinn.

As dèidh dhomh seinn bha agam ri feitheamh gus an robh na seinneadairean eile air seinn agus gus an robh am britheamh deiseil. ‘S e sin a’ phàirt a bu mhiosa.

Mu dheireadh chaidh am britheamh suas air an stèids. Dh’innis e dè na comharran a fhuair a h-uile duine agus thuirt e gur e mise a b’ fheàrr a rinn.

Bha Mgr MacDhòmhnaill uabhasach toilichte. Bha fiù ‘s Donaidh toilichte. Bha mi fhèin air mo dhòigh cuideachd ach gu h-àraidh bha mi toilichte gun robh a h-uile càil seachad.

Sin an rud mòr a thachair dhòmhsa an t-seachdain seo.

Sgrìobh thugam a dh’ innse dhomh ciamar a chòrdas an taigh ùr riut.

Le gach deagh dhùrachd,

Do cho-ogha Ruairidh.

 
Clò bhuail an duilleag
Clàr-innse Faidhle na Facal Sgrìobhadh Ruairidh
Tidsearan is Pàrantan Ceistean Dè thuirt Sìne?


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy