BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Iomarud
 

BBC Homepage
Scotland
Alba
Foghlam
»Ioma-rud
A' leantainn Cheumannan
A’ sgrìobhadh Litir Fhoirmeil
A’ cruthachadh Postair
A’ sgrìobhadh Aithisg
A’ sgrìobhadh Leabhar-là
Ceistean
Faidhle nam Facal
Sgrìobhadh Ruairidh
Dè thuirt Sìne?
Tidsearan is Pàrantan
 

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 

Sgrìobhadh Ruairidh
Aithisg Mìneachaidh - Cumhachd an dealainAithisg Mìneachaidh - Cumhachd an dealainAithisg Mìneachaidh - Cumhachd an dealain
Chuir mi fhèin agus Sìne bho Ioma-rud romhainn gun coisicheadh sinn fad Slighe na Gaidhealtachd an Iar air an t-seachdain seo chaidh airson airgead a thogail do chloinn aig nach eil dachaigh. Tha a' chuairt seo 152 cileameatair a dh'fhaid, on Ghearastan ann an Lochabar gu Muileann Dhàibhidh faisg air Glaschu. Bha sianar eile còmhla rinn.

Bha mi a' coimhead air adhart ris a' chuairt nuair a dh'fhalbh sinn às a' Ghearastan madainn Diluain, le pocannan mòra troma air ar druim.

A' chiad Latha

Cha robh a' chiad latha ro dhona idir. Bha a' ghrian ann ach cha robh i ro bhlàth airson coiseachd agus cha robh an t-uisge idir ann. Uaireannan bha againn ri leathadan cas a dhìreadh agus bha sin duilich ach bha e math a bhith a' cromadh air ar socair sìos an taobh eile. Bha na h-eòin a' ceileireadh gu binn. Chunnaic sinn fèidh pìos bhuainn turas no dhà.

Ro dheireadh an latha bha mi glè sgìth. Ach bha mi a' smaoineachadh gum biodh e a' fàs na b' fhasa mar a b' fhaide a bha sinn a' dol. 'S beag a bha a dh'fhios agam dè bha romham!

An t-Uisge

An ath latha, thòisich an t-uisge.

Nuair a stad sinn airson grèim bidhe aig meadhan-latha, bha na frasan air fàs gu math trom 's bha e duilich dhuinn ar pìosan a chumail tioram. Bha i a' fàs na bu mhiosa 's na bu mhiosa mar a bha am feasgar a' dol seachad gus mu dheireadh nach robh i a' stad idir. Bha an dìle bhàithte ann a-nise. Bha an t-uisge a' sruthadh sìos m'aodann 's a' dol na mo shùilean.

Bha an rathad a' fàs glè bhog agus pollach fo ar casan agus aon turas nuair a bhris mi pìos beag on cheum, chaidh mi fodha gu mo ghlùin ann am boglaich.

Mu dheireadh stad an t-uisge. 'S an uairsin thòisich a' mheanbh-chuileag! Bha sgòthan dhiubh timcheall òirnn. Air an làimh eile, cha robh iad a' bìdeadh Sìne idir, a rèir choltais. 'S ann a bha mi a-nise an dòchas gun tilleadh an t-uisge gus am falbhadh na cuileagan ach cha do thill.

Beinn Dòbhrain

An ath latha bha an t-sìde na b' fheàrr. Bha sinn a-nise a' dol tarsaing air mòinteach fhada fraoich agus tro ghlinn uaigneach. Bha beanntan àrda mun cuairt òirnn. Thuirt Sìne gun robh sinn a' dol seachad air Beinn Dòbhrain agus gun robh òran ainmeil ann mu dheidhinn. Ach cha do shaoil mise ach gun robh i mar beinn sam bith eile.

Bha mo chasan a' fàs glè ghoirt a-nise on a bha mo bhrògan coiseachd ro bheag dhomh. 'S bha mi a' fàs uabhasach sgìth.

Taobh Loch Laomainn

As deidh latha eile, ràinig sinn Loch Laomainn. Ged a bha mi cho sgìth agus mo chasan cho goirt, cha b' urrainn dhomh gun mothachadh cho brèagha 's a bha an loch seo.

A dh'aindeoin sin, dh'fhàs mi sgìth fiù 's do Loch Laomainn as dèidh uair a thìde no dhà eile de choiseachd. Air an làimh eile, bha e a' còrdadh sgoinneil ri Sìne agus càch. Bha a' bhuidheann a' seinn an òrain, 'Loch Lomond', a-h-uile duine ach mise. Tha mi an dòchas nach cluinn mi an t-òran sin gu bràth tuilleadh!

An Latha mu dheireadh

Mu dheireadh thall thòisich sinn a' tighinn faisg air deireadh na slighe ann am Muilleann Dhàibhidh. Bha mise glè thoilichte.

Chòrd Slighe na Gaidhealtachd uabhasach math ri Sìne agus ris a h-uile duine eile anns a' bhuidhinn againn. Ma tha duine sam bith a tha a' smaoineachadh air a dhol ann, bu chòir dhuibh sin a dhèanamh - fhad 's a tha sibh fallain agus sunndach.

Ach tha mi duilich ach cha do chòrd e riumsa idir.

 
Clò bhuail an duilleag
Clàr-innse Faidhle na Facal Sgrìobhadh Ruairidh
Tidsearan is Pàrantan Ceistean Dè thuirt Sìne?


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy