BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Iomarud
 

BBC Homepage
Scotland
Alba
Foghlam
»Ioma-rud
A' leantainn Cheumannan
A’ sgrìobhadh Litir Fhoirmeil
A’ cruthachadh Postair
A’ sgrìobhadh Aithisg
A’ sgrìobhadh Leabhar-là
Ceistean
Faidhle nam Facal
Sgrìobhadh Ruairidh
Dè thuirt Sìne?
Tidsearan is Pàrantan
 

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
 
Sgrìobhadh Ruairidh
Aithisg Mìneachaidh - Cumhachd an dealain Aithisg Mìneachaidh - Cumhachd an dealain

’S e facal iongantach a th’ann an hydro. Tha e a’ ciallachadh uisge agus tha stèisean dealain Chruachain a’ cleachdadh uisge a tha gluasad airson dealan a dhèanamh. Mar as trice an dèidh dha uisge tuiteam às na speuran, tha e a’ ruith sìos bruaichean is beanntan gus an ruig e a’ mhuir. Ma tha beinn cas, tha an t-uisge a tha sin a’ gluasad gu math luath agus tha lùths na lùth-ghluasad ann. Tha cumhachd aige. Ma tha thu airson dealan a chruthachadh feumaidh tu stad a chur air an uisge le balla-casg agus a chruinneachadh ann an stòr uisge gus am bi feum agad air.

An uairsin, nuair a tha thu airson dealan a chruthachadh tha thu ga leigeil às an stòr-uisge. Tha e a’ dol le fruis tro phìoban chun na stèisein dealain far a bheil lannan ga thionndadh am broinn roth-uidheim. Tha an roth-uidheim a’ cur a’ ghineadair a dhol agus ‘s e an gineadair a tha a’ cruthachadh an dealain.

Às deidh sin, tha an dealan a’ sruthadh tro chàballan mar gum biodh uisge a’ dol tro phìoban gu ruig e dachaighean agus togalaichean.

Aig an deireadh, anns an taigh agad fhèin, faodaidh tu suids a bhruthadh agus le cumhachd dealain gheibh thu solas agus blàths. Chì thu dealbhan air an telebhisean. Cluinnidh tu naidheachdan air an rèidio. Gheibh thu deoch fhuar às a’ fridse. Nì plàide-dealain do leabaidh blàth dhut, agus dùisgidh gleoca-dealain thu anns a’ mhadainn.

Tha dealain air leth feumail. Cha bhiodh ar dachaidhean no ar n-àitichean obrach idir cho cofhurtail no cho goireasach às aonais. Nach math gum bì an t-uisge a’ sileadh às na speuran!
 
Clò bhuail an duilleag
Clàr-innse Faidhle na Facal Sgrìobhadh Ruairidh
Tidsearan is Pàrantan Ceistean Dè thuirt Sìne?


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy