BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Iomarud
 

BBC Homepage
Scotland
Alba
Foghlam
»Ioma-rud
A' leantainn Cheumannan
A’ sgrìobhadh Litir Fhoirmeil
A’ cruthachadh Postair
A’ sgrìobhadh Aithisg
A’ sgrìobhadh Leabhar-là
Ceistean
Faidhle nam Facal
Sgrìobhadh Ruairidh
Dè thuirt Sìne?
Tidsearan is Pàrantan
 

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
 
Sgrìobhadh Ruairidh
Aithris Naidheachd - Tè ris nach robh dùil

Litir Fhoirmeil – Biadh sgoile fallain

Maighstir Dòmhnall Ros,
Cathraiche Bòrd na Sgoile,
Bunsgoil Chnoc Phàdruig
Loch Mòr,
LM1 2AB

2 Iuchar 2003

A charaid chòir,

Tha a h-uile sgoil eile sa bhaile seo a’ tairgsinn biadh fallain agus eadar-dhealaichte do na sgoilearan aca a h-uile latha.

Chan eil am biadh ann am Bunsgoil Chnoc Phàdruig cho fallain agus cho math ‘s bu mhath leinn. Tha sinn uile a’ feuchainn ri barrachd eacarsaich a dhèanamh agus sùil a chumail air na rudan a tha sinn ag ithe. Ach nuair a thig e gu àm-dìnneir anns an sgoil againn fhèin, chan eil cothrom againn ach taghadh bho bhiadh gu math mì-fhallain.

A h-uile latha, chan eil sinn a’ faighinn ach tiops còmhla ri feòil no tiops còmhla ri uighean. Chan eil againn airson òl ach an aon seòrsa deoch a tha làn siùcair. A bharrachd air an sin, chan fhaigh sinn ach ùbhlan airson measan. Mar sin, ’s beag an t-iongnadh nach eil a’ mhòr chuid dhe na sgoilearan ag ithe biadh na sgoile.

Rinn sinn rannsachadh airson tuilleadh fiosrachadh a chruinneachadh. Tha seo a’ sealltainn nach eil a’ mhòr chuid dhe na sgoilearan toilichte le biadh na sgoile. Tha mòran sgoilearan a’ smaointinn nach eil am biadh fallain gu leòr agus tha a h-uile duine ag iarraidh taghadh eadar-dhealaichte gach latha.

Bhruidhinn sinn ris a’ Chòcaire cuideachd agus thuirt esan nach eil airgead gu leòr aige airson cùisean atharrachadh. Nam biodh barrachd sgoilearan a’ ceannachd biadh gach latha, bhiodh barrachd airgid aig a’ Chòcaire.

Mar sin, dh’fhaodadh e atharrachaidhean a dhèanamh. Chan urrainn dhan sin tachairt gus am fàs am biadh agus an taghadh nas fheàrr.

Bhitheamaid toilichte nam faigheadh sinn ruis no pasta an àite tiops. Bhiodh uisge no bainne na b’ fheàrr na deochan milis a chionn ’s gum biodh iad na b’ fheàrr airson ar fiaclan. Mu dheireadh, tha iomadach meas eile ann a bharrachd air ùbhlan. Chòrdadh fìon-dhearcan, peuran agus orainsearan rinn.

Tha sinn a’ smaoineachadh gu bheil an t-àm aig Bunsgoil Chnoc Phàdruig gluasad gu biadh fallain mar a th’aig a h-uile sgoil eile sa bhaile seo. ’S e biadh blasta agus fallain a tha dhìth òirnn.

An urrainn dhuibh ar cuideachadh?

Le gach deagh dhùrachd,

Màiri, Iain agus Ciaran.

 
Clò bhuail an duilleag
Clàr-innse Faidhle na Facal Sgrìobhadh Ruairidh
Tidsearan is Pàrantan Ceistean Dè thuirt Sìne?


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy