BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Iomarud
 

BBC Homepage
Scotland
Alba
Foghlam
»Ioma-rud
A' leantainn Cheumannan
A’ sgrìobhadh Litir Fhoirmeil
A’ cruthachadh Postair
A’ sgrìobhadh Aithisg
A’ sgrìobhadh Leabhar-là
Ceistean
Faidhle nam Facal
Sgrìobhadh Ruairidh
Dè thuirt Sìne?
Tidsearan is Pàrantan
 

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
Dè thuirt Sìne?

Dè thuirt Sìne?Prògram 1 – Abair Spòrs

Airson leabhar-aithris, cuimhnich:

- Sgrìobh mu thachartasan anns an òrdugh anns an do thachair iad.

- Innis:
  cò bha ann
  cuin a thachair e
  càite an robh thu
  dè thachair
  cleachd an trath caithte.


Prògram 2 - Tè ris nach robh dùil

Tha rud neo dhà a dh’fheumas tu a chumail nad chuimhne. Feuch gum faigh thu a-mach:

cò ris a bha an tè a chaidh fhaicinn coltach.
cò a chunnaic i
cuin a bha i ann
càite an robh i
dè bha i a’ dèanamh?

Tha e uabhasach cudromach gum faigh thu na rudan sin a-mach oir ’s e sin a bhitheas an luchd-leughaidh airson a leughadh.


Prògram 3 – Bho bùrach gu bhonnach

Tha reasabaidh ann airson adhbhar. Tha e ag innse dhut:

na stuthan a tha a dhith ort.
tha ceumanan ann airson gach rud a dh’fheumas tu a dhèanamh
feumaidh tu na ceumanan sin a leantainn ann an ordugh.

Tha reasabaidh cuideachd ag innse dhut de an teas aig am feum an amhainn a bhith, agus de cho fad’s a dh’fheumas a’ cheic a bhith san amhainn.


Prògram 4 – Cuidich sinn

Cha toigh leis na sgoilearan am biadh. Tha iad airson biadh nas fhearr fhaighinn. Uill, feumaidh iad litir a’ sgriobhadh ag innse carson nach toigh leotha am biadh agus de seòrsa biadh a tha dhìth orra. Feumaidh iad cuideachd a bhith cinnteach gu bheil fianais aca gu bheil cuisean cho dona ’s a tha iad ag radh.

Prògram 5 - Fèill is fealla-dhà

Ma smaoinichas tu air, aon de na prìomh rudan a tha postair dhen t-seòrsa sin a’ feuchainn ri dhèanamh, ’s e a bhith a’ toirt a chreidsinn ort gu bheil feum agad air an rud a tha iad ag iarraidh a reic riut.

Prògram 6 - Aithisg na sìde

Aithisg - sgrìobhadh far a bheil thu a’ rannsachadh mu rud agus an uairsin tha thu ag innse do dhaoine eile dè fhuair thu a-mach gus am bi fhios acasan mu dheidhinn.

Prògram 7 – Mìneachadh

Airson aithisg a sgrìobhadh, feumaidh an toiseach ro-ràdh a bhith agad airson innse co ma dheidhinn a tha thu a’ sgrìobhadh. Aon uair is gu bheil fiosrachadh agad, feumaidh tu am fiosrachadh sin a chuir ann an òrdugh a tha ciallach. Tha sin gu math cudthromach. Bithidh e nas fhasa ma chleachdas tu faclan mar:

an toiseach…
an uair sin...
an ath rud...
às dèidh sin...
aig an aon àm...
gus a bheil...
aig an deireadh…

Cuidichidh na faclan sin thu gus an t-òrdugh cheart a sgrìobhadh.


Prògram 8 – A’ choiseachd mhòr

Tha airteagail Ruairidh airson daoine nach robh riamh air an t-Slighe seo iad fhèin. ’S dòcha nach eil fhios aca càite a bheil i. ’S e cunntas-pearsanta a tha ann a tha ag innse co ris a bha e coltach.

Prògram 9 – Duais gun dùil

Cuimhnich:

co dhà a tha thu a’ sgrìobhadh
carson a tha thu a’ sgrìobhadh thuige
innis a h-uile càil a thachair ann an òrdugh
innis ciamar a bha thu a’ faireachdain aig gach àm.

Prògram 10 – Am peann òir

Tha mi a’ leughadh an leabhar-latha agam airson fiosrachadh fhaighinn mu na rudan a th’agam ri dhèanamh agus càite bheil agam ri dhol gach là. Uaireannan, bidh sgrìobhadh mu fhaireachdainnean ann an leabhar-là.

air ais Clò-bhuail an duilleag
Clàr-innse Faidhle na Facal Sgrìobhadh Ruairidh
Tidsearan is Pàrantan Ceistean Dè thuirt Sìne?


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy