|
 |
 |
 |

Tha làrach Ioma-rud a tairgsinn taic a thaobh sgrìobhadh
mac-meanmnach aig Ìre B.
Tha i ag amas air clann a chuideachadh gu :
- bun-bheachdan a
thoirt gu buil
- taghadh asta na
tha iomchaidh
- an toirt air adhart
le leudachadh air teacsa ann an dòighean freagarrach
- beachdachadh leis
an tidsear agus / no an co-aoisean
- ath-dhreachd a
thoirt gu buil
5-14 Sgrìobhadh (Stiùireadh Nàiseanta t.d.22 )
S ann air Sgrìobhadh aig Ìre B a tha an làrach
seo a cuimseachadh, gu h-àraidh air na h-iallan:
Mar a Chleachdar làrach Ioma-rud
Tha duilleagan na làraich air an cruthachadh mar gum biodh sgoilearan
ag obair air an iris Ioma-rud a chì iad anns na prògraman
telebhisein.
Às dèidh dhaibh gach gnìomh a choileanadh, faodaidh
a chlann an obair a chlò-bhualadh. Aig ceann gnothaich bidh
pasgan de dhochd duilleagan aca .Faodaidh iad Ioma-rud pearsanta
a dhèanamh le bhith gan cur am broinn nan duilleagan aghaidh agus
cùil a lorgar anns an roinn MIoma-rud fhìn.
Faidhle nam Facal
Tha leth cheud prìomh fhacal bhon t-sreath telebhisein ann am Faidhle
nam Facal. Còmhla ri gach prìomh fhacal tha taghadh de cho-fhaclan
agus ghnàthasan-cainnt a bhios feumail dhaibh.
Bheir Faidhle nam Facal taic ann a bhith a cur crìoch air obair
na làraich. Faodar cuideachd a chlò-bhualadh agus a chleachdadh
air leth bhon làraich.
Notaichean Tidseir
Tha na notaichean a tha a dol an cois sreathan rèidio agus
telebhisein Ioma-rud rim faotainn air làrach BBC Alba, cuide
ri notaichean airson gach prògram foghlaim a tha air Craoladh nan
Gaidheal.
Stòiridhean Ruairidh
Tha na deich stòiridhean a bha anns na programan telebhisein, Ioma-rud,
rim faotainn air làrach Ioma-rud. Faodar an cur an clò.
Dè thuirt Sìne?
An seo chì sibh agus cluinnidh sibh na molaidhean agus na prìomh
phuingean-stiùiridh air sgrìobhadh mac-meanmnach a thug Sìne,
neach-deasachaidh Ioma-rud do Ruairidh, an sgrìobhaiche, anns
na prògraman telebhisein.
S e cuimhneachan a tha an seo do sgoilearan air cuid de na nithean
dom feum iad aire a thoirt nuair a bhios iad a sgrìobhadh stòiridh
macmeanmnach.
|
|