Am Pìobaire Piullach
Tha fios againn:
- cò na càractaran
a tha san stòiridh, agus tha fios againn
- dè an coltas
a th' orra san stòiridh.
Ach chan eil fhios
agamsa fhathast
- dè thachair
anns an stòiridh.
Am
Mèirleach Mosach
Nuair a bhios tusa
a' sgrìobhadh stòiridh, smaoinich:
- cò tha gu
bhith agad san stòiridh, agus
- dè tha
a' dol a thachairt.
'S nuair a thòisicheas
tu a' sgrìobhadh, innis:
- dè thachair
an toiseach
- dè thachair
an uair sin anns a' mheadhan
- agus dè
thachair aig an deireadh.
Caraidean

Nuair a tha thusa
a' sgrìobhadh stòiridh, feumaidh tu smaoineachadh mu dheidhinn:
- ciamar a tha thusa
a' faireachdainn?
- carson a tha thu
a' faireachdainn mar sin?
- agus ciamar a tha
na daoine eile sa stòiridh a' faireachdainn?
Feumaidh tu cuideachd sgrìobhadh:
- dè a bha
iad a' smaointinn, agus
- carson a bha iad
a' smaointinn mar sin.
Madainn
Fhàda aig a' Phort-adhair
Cuimhnich thusa ma tha
thu a' sgrìobhadh stòiridh, 's tu ag iarraidh sealladh a thoirt
air àite sònraichte, sgrìobh sìos:
- cait' a' bheil
thu an toiseach
- coltas an àite
- na dathan a th'
air
- agus a mheud.
- Dè chunnaic
thu?
- Dè chuala
tu?
- An robh fàileadh
ann?
Innis tuilleadh mun àite
agus dè bha thu a' smaoineachadh mu dheidhinn. Feumaidh mise an sealladh
agadsa fhaicinn nam inntinn. Mar sin, thoir dhomh nas urrainn dhut de dh'
fhiosrachadh agus cleachd dòighean annasach airson am fiosrachadh
tha sin a thoirt seachad.
An
Leumadair Laghach
Ma tha thusa a' dol a sgrìobhadh stòiridh mu àite sònraichte,
smaoinich agus innis mun àite far an do thachair an stòiridh.
Dè na rudan a tha timcheall ort?
Smaoinich mu dheidhinn nan speuran a bheil e soilleir, no dorcha?
- Ciamar a tha thusa
a' faireachdainn?
- Dè a tha
thu a smaoineachadh mu dheidhinn
- Cuin a thachair
an stòiridh?
An uairsin leudaich do stòiridh. Tha mi 'n dòchas gum bi spòrs
agad a' sgrìobhadh mu àiteachan iongantach.
Uamh
nan Reubairean
Nuair a bhitheas tusa a' sgrìobhadh stòiridh mu dheidhinn
àite,
- feumaidh tu an
t-aite fhaicinn nad inntinn fhèin
- feumaidh tu innse
cò ris a tha an t-àite coltach agus
- dè a tha
thu a faireachdainn mu dheidhinn.
Feumaidh tu cuideachd innse ciamar a tha na caractaran eile a faireachdainn
mu dheidhinn an àite shònraichte seo. Feumaidh tusa dealbh
a dhèanamh dhen àite le faclan.
Dè
Bha Siud?
Tha ioma dòigh air tòiseachadh air stòiridh:
- faodaidh an toiseach
a bhith coltach ris a' chòrr dhen stòiridh. Tha an toiseach
ga do dhèanamh deiseil airson na stòiridh
- no faodaidh an
toiseach a bhith ao-coltach ris a' chòrr dhen stòiridh
Dè an dòigh as fheàrr leatsa?
An
Oiteag Annasach
Nuair a bhios tusa a' sgriòbhadh stoiridh, an dèidh dhut
"An Toiseach" a sgrìobhadh, smaoinich dè a tha
a' dol a thachairt dha na caractaran agad an uair sin.
Cuimhnich cuideachd gur e na cararctaran agadsa a th'annta agus faodaidh
tu rud sam bith a dhèanamh leotha. Nach eil sin math!
Agus cuimhnich gu feum "Deireadh" a bhith agad san stòiridh
cuideachd. Chan fhaod thu na caractaran agad fhàgail anns "A'
mheadhan." Na daoine bochda!
Speuradair
44R -
Leabhar-latha a' Chaiptein 
Ma tha thusa a' sgrìobhadh
mu phlanaid ùr, faodaidh i a bhith coltach agus aocoltach ris an
t-saoghal againne 'S dòcha gum bi beanntan innte agus craobhan
- ach bidh iad a'coimhead eadar-dhealaichte.
'S dòcha gu bheil daoine no beathaichean air a' phlanaid
ach 's urrainn dhaibh rudan neònach a dhèanamh mar a dhol
air iteig, no a bhith beò fon uisge. No 's dòcha gu bheil
iad a' coimhead annasach.
'S dòcha gu bheil innealan annasach, no biadh mì-àbhaisteach
air a' phlanaid. Cuidichidh e thu ma smaoinicheas tu ort fhèin
air a' phlanaid.
Smaoinich dè na rudan a bu toigh leat fhaicinn no dhèanamh
nam biodh tusa air planaid ùr?
Geòcair
na Coille 
Ma tha thusa airson stòiridh thraidiseanta a sgrìobhadh, an
toiseach feumaidh tu èisteachd gu math ri diofar stòiridhean.
Cluinnidh tu mu dheidhinn charactaran iongantach coltach ri sìthichean,
fuamhairean, troichean, uilebheistean, eich-uisge agus maighdeanan-mara.
Uaireannan bidh creutair seunta annta mar leomhann no eala no ròn.
Feumaidh tu smaoineachadh air:
- càit an
do thachair an stòiridh
- cò na caractaran
a tha gu bhith anns an stòiridh
- agus dè
a thachair anns an stòiridh.
Uaireannan bidh an
aon seòrsa rud a tachairt a-rithist agus a-rithist. Innis
an stòiridh agad dha do charaid. Bruidhinn mu deidhinn, agus is
dòcha gum bi deagh smuaintean aig do charaid a dh'fhaodas tu a
chur dhan sgeulachd cuideachd.
|