BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

16 October 2014
The Highland Clearances

BBC Homepage
Scotland
Alba
Foghlam
»Fuadach nan Gaidheal
Coinnich an cinneadh
1800 Baile Gaidhealach
1814 Fuadaichean
1821 Beatha Ùr
 

Contact Us

Fuadach nan Gaidheal: Cruth Teacsa a-mhàin: 1821 Beatha Ùr

Ro-ràdh
An dèidh dhan chuid mhòr againn a bhith air ar fuadach à Gleann Mhoirbheinn b' fheudar dhuinn beatha ùr a dhèanamh dhuinn fhìn is dha ar teaghlaichean. B' e àm uabhasach a bha siud dhuinn; àm cruadail is caochlaidh. Cùm ort a' leughadh gus faighinn a-mach dè an seòrsa beatha a th' aig a' chinneadh ann an 1821.


Calum MacAilein
"Tha mi an dòchas gum bi iasgach math ann an-diugh. 'S ann glè ghann a tha an sgadan air a bhith sna làithean mu dheireadh. Tha cuimhne agam air na seann làithean nuair a bha mi ag obair air an fhearann. Bha a' bheatha sin tòrr na bu shàbhailte. Tha eagal mo bheatha orm a h-uile là sna cuantan cunnartach seo, gu h-àraid bho dh'fhalbh a' mhuir le mo charaid, Seumas. Bha e na chuideachadh mòr dhuinn nuair a thàinig sinn an seo à Gleann Moirbheinn. Thug e na lìn seo dhomh is cothrom a dhol a-mach còmhla ris sa bhàta gus an ionnsaichinn dè bu chòir dhomh a dhèanamh. Ach chaidh e mach ann an stoirm is chaidh a bhàthadh. Chan eil truas aig a' mhuir ri duine! Tha mi eòlach air iasgach is air cleachdaidhean a' chosta a-nis ach nuair a thàinig mo theaghlach an seo an toiseach cha robh fiù àite againn far an cuireadh sinn ar cinn fodhainn."

Màiri NicThàmhais
"O mo chorragan bochd. Tha iad air an sgioladh chun a' chnàimh. Chan fhàs mi eòlach air an dòigh-beatha seo gu bràth. Chan e beatha mar sin a th' ann - tha sinn dìreach beò air èiginn. Tha mi ag obair sa mhuilinn mhì-chiatach seo bho mhoch gu dubh, a' suathadh snaileanan cotain ri chèile. Feumaidh mi a bhith faiceallach mus tèid mo ghlacadh sna h-innealan. O tha gràin agam air a' bhaile mhòr seo. Tha na taighean cho faisg air a chèile is na clobhsaichean cho grod. Tha an ceathrar againn a' cadal ann an rum beag salach. Tha a' chlann uile air a bhith tinn agus an-uiridh chaochail an duine bu shine leis an fhiabhras dhubh - fois dha anam. Tha mi ag ionndrainn mo chàirdean ann an Gleann Mhoirbheinn. Sa bhaile mhòr thrang seo tha gu leòr de mo nàbaidhean nach beannaich an là dhomh. Tha mi air feuchainn ri bhith càirdeil riutha ach chan eil mi a' tuigsinn an cainnt ro mhath. Tha a' Bheurla agamsa caran lapach. 'S e beatha bhochd a th' agam. O nach bochd nach robh sinn air ais 's a' Ghleann còmhla ri ar daoine fhìn."

Dòmhnall MacDhaibhidh
"Tha 5 bliadhna bho dh'fhàg mo theaghlach Alba ach tha cuimhne agam fhathast mar a thug na maoir òirnn a dhol air bòrd a' bhàta ann an Ulapul. Cha robh càil a dh'fhios agam càit an robh sinn a' dol gus an do dh'innis seòladair dhomh gur e Canada ar ceann-uidhe. Ach tha siud gu leòr mun àm ud, 's e Canada mo dhùthaich a-nis. Tha sinn a' fuireach ann am bothan-fiodha a thog sinn le na craobhan a leag sinn fhìn. Tha na coin nan companaich dhuinn is nan deagh shealgairean. Dìreach an t-seachdain a chaidh mharbh mi fiadh - bha sitheann blasta. Chan eil càil a' dol a dhìth. Rinn mi aodach leis a' chraiceann agus spàinean às na cabair. Tha gu leòr fiodh an seo airson an teine a chumail a' dol tro mhìosan fada a' gheamhraidh. Fiù 's nach eil mi air slaod a dhèanamh airson gnothaichean a ghiùlain san t-sneachda! Tha sinn nas fheàrr dheth na bhitheamaid ann an Gleann Mhoirbheinn. Tha sinn a' faireachdainn nas fheàrr mu chùisean a-nis na bha sinn nuair a thàinig sinn an toiseach. Chaidh talamh is innealan a thoirt dhuinn gus am faigheamaid air adhart ach bha againn ri obrachadh gu math cruaidh ann an sìde reòthte."

Iain MacAnndrais
"Tha. Tha mi air a bhith gu math dheth anns na bliadhnachan mu dheireadh. Dh'obraich mi fhìn is an Ceann-feadhna còmhla agus a-nis tha gnìomhachas prothaideach againn. Tha deich mìle caora agam nam ainm fhìn agus tha mi a' faighinn prothaid mhòr asta. Tha deagh phrìs air a' chlòimh. Tha mi a' toirt pàigheadh cothromach do mo chìobairean. Tha mi a' pàigheadh deagh mhàl dhan cheann-feadhna. Ach tha airgid gu leòr air fhàgail agam. Tha mi cuideachd air taigh ùr a thogail dhomh fhìn is tha ceathrar shearbhant ann airson frithealadh orm. Bho fhuair mi air na croitearan leisg ud a ruagadh, tha an t-àite air a bhith sàmhach agus tha mi air fàs beartach."

Uilleam MacAnndrais
"Tha feurach chaorach air a bhith air leth soirbheachail. Tha mi air prothaid mhòr fhaighinn às na caoraich. Tha mi a' dèanamh faisg air deich mìle not sa bhliadhna a-nis an àite na mìle a bh' agam roimhe. Tha mi a' cluinntinn gu bheil muinntir mo chinnidh math gu leòr. Bha fios agam gun dèanadh e feum dhaibh gluasad gu àite ùr agus mar sin 's ann a dh'obraich cùisean gu math. Seach gu bheil barrachd airgid agam 's urrainn dhomh mo mhic a chur gu Oilthigh Chambridge, bàlaichean a chumail dha na h-uaislean eile agus geamachan Gaidhealach a chur air dòigh. Faodaidh mi barrachd ùine a chur seachad ann an Lunnainn a-nis; gu dearbh tha mi dìreach air taigh a cheannach ann. Bidh mi a' tighinn air ais a seo rè mìosan an t-samhraidh nuair a tha an aimsir math. Tha mi air an caisteal ath-leasachadh is tha e a' coimhead brèagha a-muigh 's a-staigh. Nach èist sibh! Cho sàmhach 's a tha a h-uile càil air m' oighreachd a-nis. Chan eil càil ri chluinntinn ach meulaich nan caorach."


Fìor Beatha

Ro-ràdh
Rè àm Fuadach nan Gaidheal dh'fhàg còrr is millean duine a' Ghaidhealtachd airson beatha na b' fheàrr ann an àiteachan eile. Chaidh cuid a ghluasad beagan mhìltean air falbh gun chost far am b' fheudar dhaibh iasgach airson bith-beò ionnsachadh. Chaidh feadhainn eile gu bailtean-mòr ùra na Galltachd far an robh aca ri fàs cleachdte ri dòigh-beatha eadar-dhealaichte. Dh'fhàg cuid Alba is chaidh iad a-null thairis gu tìrean ùra. B' e àm a bh' ann anns an robh mòran atharrachaidhean a' gabhail àite agus àm a bha làn bròin do mhòran. Bha na Gaidheil air an t-seann dòigh-beatha a chall.

Bha slighe fhada chunnartach, a mhair uaireannan iomadh seachdain, air thoiseach air an fheadhainn a chaidh a-null thairis. Cha deach innse dhaibh dè cho fada 's a bhiodh an turas-mara is gu math tric ruitheadh am biadh a-mach. Mar sin bha aca ri biadh a cheannach air am bàta aig prìsean glè dhaor. Bhiodh uisge airson òl tric air a stòradh ann am baraillean salach is bhiodh seo a' dèanamh daoine tinn.

Gu bitheanta bha cus dhaoine air na soithichean is cha robh rum gu leòr ann airson gluasad mun cuairt no laighe sìos. Sgaoil tinneasan is galaran is chaochail mòran dhaoine air an t-slighe.

Beatha ann an Canada

Nuair a ràinig na Gaidheil Canada bha sùil aca ri beatha na b' fheàrr. Chaidh fearann a thoirt dhaibh airson oibreachadh ach bha e fada bho na puirt far an tàinig iad air tìr. Bha aca ri slighe fhada eile a shiubhal.

Fhuair iad a-mach nach robh am fearann air àiteach a-riamh roimhe. Bha e còmhdaichte le craobhan. Bha aca ri na craobhan a leagail mus tòisicheadh iad a' cur bàrr. Chleachd iad am fiodh airson bothagan a thogail dhaibh fhèin. Uaireannan dh'oibricheadh buidheann Ghaidheal còmhla gus baile-fearainn a dhèanamh far na leag iad na craobhan.

Aon uair is gun robh na dachaighean aca air an togail, thigeadh na boireannaich is a' chlann còmhla riutha. Nam biodh an teaghlach math dheth bhiodh crodh, cearcan is mucan aca gus feòil is bainne a chumail riutha. Dh'fhaodadh iad a dhol a shealg beathaichean fiadhaich leithid fèidh. Ghlacadh iad iasg cuideachd.

Dh'fhàsadh bàrr leithid gràinne, glasraich is measan gu math rè mìosan blàtha an t-samhraidh. Aig àm an fhoghair dh'fheumadh am biadh a ghleidheadh gu cùramach gus a maireadh e tro mhìosan fada a' gheamhraidh. Ged a bha na Gaidheil cleachdte gu leòr ri droch aimsir, b' e corra dhuine a bha ullaichte airson geamhraidhean Chanada. Bha iad tòrr nas na b' fhuaire agus na b' fhaide.


Litir à Canada

Chaidh an litir seo a chur air falbh à Canada Uachdrach gu Alba air 29 Lùnasdal 1835. Seo criomagan aiste:

Uncal Chòir,

Fhuair sinn ur litir is tha m' athair ag iarraidh orm na sgròbagan seo a sgrìobhadh gus innse dhuibh mar a tha dol dhuinn sa cheàrn iomallach seo den t-saoghal. Tha e fhèin cho trang
an-dràsta is nach eil ùine aige litir a sgrìobhadh.

Bha mi dìreach a' tadhal orra an-dè. Bha m' athair is na ceathrar as sine de na balaich mu chòig mìle air falbh bhon taigh a' buain. Mar sin ghabh mi mo dhìnneir còmhla ri mo mhàthair is ris a' chòrr den teaghlach a bh' aig an taigh. Chaidh mi an uairsin a lorg m' athar nach robh mi air fhaicinn airson greis. Fhuair mi m' athair, Gilleasbaig is Seòras gun lèintean orra,
a' buain eòrna ann an achadh is Teàrlach is Anndra aig obair togail. Bha iad uile ann an deagh shlàinte agus ged a tha iad ag obair cruaidh tha gealltanas an airgid gan cumail a' dol.

Tha an aimsir air a bhith anabarrach fliuch…mar sin tha eagal orm nach tèid aig na tuathanaich againn air mòran shàr mhine a chur gu margaidh…Cha leig mi leas, Uncal chòir, feuchainn ri faireachdainn m' athar a mhìneachadh airson na h-iasaid de £50 a chuir sibh fhèin is càirdean còir eile thugainn. Bha fiachan de £23 aig grunn dhaoine air agus gu cinnteach cha ghabhadh seo a sheachnadh. Chaidh e ann am fiachan a' ceannach biadh dhan teaghlach, fiodh airson an taighe is sìol bhuntàta. Bha màl eile de £13 airson an fhearainn ri phàigheadh. Mar sin tuigidh sibh na bhiodh de spàirn air mura b' e 's gun do chuidich sibh e. Thèid aige air paidhir dhamh is bò a cheannach; cosgaidh iad £20.

Leag m' athair is na balaich 17 acraichean chraobhan air a' gheamhradh a chaidh seachad is 2 acaire dha nàbaidh airson min. As t-samhradh leag is loisg iad mu 5 no 6 acairean; den sin chuir iad 2½ dhiubh le eòrna earraich a tha a' tighinn air adhart gu math agus a bhios deiseil ann an 2 sheachdain no mar sin. Tha timcheall air 1 acaire fo choirc Innseannach is tha seo cuideachd a' tighinn air adhart. Bidh leth acair buntàta ann cuideachd. Tha an còrr den talamh fo phònairean is shnèipean. Chan eil aca de stoc ach bò is muc.

Tha na ceathrar bhalach as sine a-nis nan deagh sgudairean Yankee. Cha deach iad a shealg fèidh fhathast ach gheibh iad gu leòr ri cheannach bho na h-Innseannaich air glè bheag airgid.

Feumaidh mi a-nis dùnadh is innse dhuibh gu bheil m' athair na dhuine eadar-dhealaichte bho dh'fhàg e dùthaich àraich. B' e dha-rìribh bliadhnaichean de mhì-mhisneachd ghruamach is bròn a chuir sinn seachad ach tha Dia leinn. Tha m' athair a' cur deagh dhùrachd thugaibh.

Mac gràdhach ur bràthar,

Iain.

Beatha anns a' bhaile

Fhuair teaghlaichean bhon Ghaidhealtachd a-mach gun robh bailtean mòra na Galltachd tur eadar-dhealaichte bho na h-àiteachan às an tàinig iad. Bha an adhar làn ceothaidh a' brùchdadh a-mach à similearan. Bha ceudan de fhactaraidhean ann is mòran thaighean air an togail faisg air a chèile. B' e glè bheag Beurla a bh' aig a' chuid mhòr de na Gaidheil is mar sin cha robh e furasta dhaibh eòlas a chur air an nàbaidhean ùra.

B' e glè bheag airgid a bh' aig na teaghlaichean. Bha aca ri fuireach anns na ceàrnaidhean bu bhochda de na bailtean-mòra. Tric, cha robh aig gach teaghlach ach aon rum far an robh iad a' fuireach, ag ith is a' cadal. Cha robh goireasan aca is cha robh e furasta cumail fallainn.

Cha robh an t-àit'-obrach mòran na b' fheàrr. Bha a' chuid mhòr ag obair ann am factaraidhean no muilnean. Bha inbhich is clann ag obair 12 uair a thìde sa là, co-dhiù, airson pàigheadh bochd. Bha na h-àiteachan-obrach salach is dh'fhàs mòran tinn. Bha daoine tric air an goirteachadh no air am marbhadh le innealan cunnartach.


Beatha air a' chost

Chaidh cuid de na daoine a chaidh fhuadach bhon talamh a ghluasad gun chost. Chaidh pìos beag fearainn a thoirt dhaibh air an togadh iad taigh. Cha robh am fearann seo math airson àiteach. Ma bha iad airson fuireach an sin bha aca ri iasgach ionnsachadh.

B' e dòigh-beatha cunnartach a bh' anns an iasgach eadhon dha na h-iasgairean a b' eòlaiche. Bha aig an fheadhainn a chaidh a chur gun chosta ri dòighean na mara ionnsachadh gu math luath. Cha robh tòrr dìon bhon chuan fhosgailte anns na bàtaichean beaga fiodha a bh' aca. Mar sin bha iad an urra ri na sgaothan sgadain a bha tighinn na b' fhaisge a-steach. Gus iad fhèin a chumail tioram uaireannan bhiodh iasgairean a' cur ola nan trosg air an aodach.

Cha robh beatha càil na b' fhasa aig na boireannaich. Bha aca-san ri na lìn a dhèanamh is a chàradh agus dèiligeadh ris an iasg nuair a thilleadh na fir. Bha am biadhadh cudthromach is bhiodh eadhon a' chlann a b' òige a' cruinneachadh fheusgan, chreachann is bhàirneach airson na lìn a bhiadhadh.


Beatha air Ghaidhealtachd

Bha dòigh-beatha air Ghaidhealtachd gu math eadar-dhealaichte an dèidh nam fuadaichean.
Bha na bu lugha de dhaoine ann is an àite daoine is bailtean bha caoraich is tuathanaich chaorach. Bha na h-uachdarain a' faighinn tòrr mòr a bharrachd airgid mar mhàl bho na tuathanaich chaorach.
B' urrainn dhaibhsan màl àrd a phàigheadh oir bha clòimh nan caorach a' cosnadh tòrr airgid dhaibh.

Cha robh a h-uile ceann-feadhna air Ghaidhealtachd a' faighinn deagh chosnadh bho tuathanas chaorach. Dh'fheuch cuid ach dh'fhàilnich iad. Cha robh aca ach tionndadh gu sealg. Bhiodh teaghlaichean beartach bho dheas a' tighinn chun Ghaidhealtachd as t-samhradh. Chaitheadh iad an ùine a' sealg fèidh is chearcan-fraoich air an oighreachd. Bhiodh iad a' marcachd, ag iasgach is a' gabhail tlachd anns na seallaidhean. Mun àm seo, bha mòran de na cinn-feadhna Gaidhealach mar uaislean Sasannach, aig nach robh ach beagan Gàidhlig, ma bha càil idir aca. Bha dachaigh aig a' chuid mhòir dhiubh ann an Lunnainn is bha iad a' fuireach an sin airson a' chuid mhòir den bhliadhna. Bha dleastanas traidiseanta a' chinn-feadhna Gaidhealaich gus a dhol à bith.



About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy