BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

16 October 2014
The Highland Clearances

BBC Homepage
Scotland
Alba
Foghlam
»Fuadach nan Gaidheal
Coinnich an cinneadh
1800 Baile Gaidhealach
1814 Fuadaichean
1821 Beatha Ùr
 

Contact Us

Fuadach nan Gaidheal: Cruth Teacsa a-mhàin: 1814 - Fuadaichean

Ro-ràdh
B' e àm dòrainneach a bha seo dhan chinneadh is crìoch air ar beatha sa bhaile. Bha am bàillidh is a chuid fhear a' fuadach a' chinnidh seach gun robh an Ceann-feadhna ag iarraidh an fhearainn airson tuathanas chaorach. Cum ort a' leughadh gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu na h-amannan uabhasach ud.


Iain MacAnndrais - Am fear baile

"Tha na croitearan leisg sin air trì bàirlinnean fhaighinn ach chan eil iad a' toirt feart orra. Bha uair a bha mi measail orra ach nuair a thill mi bhon Ghalldachd chunnaic mi dìreach cho leisg is cho beag feum 's a bha iad. Bhiodh iad tòrr na b' fheàrr dheth a' cosnadh am bith-beò aig an iasgach no aig a' cheilp. Tha mi air rabhadh a thoirt dhaibh mura bi iad air an gnothaichean a thoirt às an dachaighean gun tilg mi fhìn a-mach iad. Tha sinn air a bhith a' feuchainn ris an teaghlach seo a chur a-mach fad an là ach cha leig a' ghòraich leotha falbh no chan urrainn dhaibh. Mar sin, feumaidh mo sheirbhisich am bodach a ghiùlain a-mach na leabaidh. Feumaidh mi teine a chur ris an tughadh. 'S dòcha gu bheil sibh a' smaoineachadh gu bheil seo an-iochdmhor ach 's e an aon dòigh air dèanamh cinnteach nach till an teaghlach truagh seo air ais a-rithist."


Màiri NicThàmhais - Coitear

"An ainm Nì Maith! Dè a rinn sinn ceàrr? Ciamar as urrainn don bhàillidh, MacAnndrais, seo a dhèanamh òirnn? Tha na daoine brùideil aige air gach nì a th' againn a thilgeil chun na sitig. Fhad 's a bha sin a' dol air adhart bha a' chlann a' gal is grèim aca air mo chòta. Nach bochd nach robh an duin' agam an seo! Bhiodh fhios aige-san dè a dhèanadh e. Bha na daoine ag èigheach rium ann am Beurla, rudeigin mu bhàirlinn. Cha do shaoil duin' againn gun tigeadh cùisean gu seo. Ghuidh mise riutha barrachd ùine a thoirt dhuinn ach bhrùth iad a-mach mi. Seall orra a-nis. Tha iad a' slaodadh gach pìos àirneis a-mach is ga shadail dhan leas-chàil. Tha mo chiste na pìosan is ar stòr coirce air a mhilleadh. Borbachd uabhasach! Dè a nì mi? Càit an caidil mo chlann a-nochd?"


Calum MacAilein - Croitear
"Tha cràdh na mo làmhan is nam ghàirdeanan. 'S e obair chruaidh a tha seo is feumaidh sinn a bhith air an rathad mus tuit an oidhche. Chan eil mi cinnteach càit an tèid sinn, ach ma bhios againn ri taigh ùr a thogail bidh na cabair sin a shàbhail mi às an teine feumail. Tha mòran dhiubh ro loisgte airson feum a dhèanamh ach bu chòir cuid dhiubh a bhith ceart gu leòr. Thog mo shinnsheanair an taigh seo le a làmhan fhèin. Nam b' urrainn dhomh, bheirinn gach clach dheth leam. Tha fios agam gum falbh càch le càil sam bith a dh'fhàgas mi, no, nas miosa buileach, gun cleachd am fear-baile ùr iad gus gàrraidhean-cloiche a thogail dha chaoraich mhallaichte. Bu chòir gu faodainn an toirt leam ach tha mi a' cur feum air a' chairt gus na gnothaichean againn a ghiùlain. Tha mi ag ùrnaigh gun seas i ri cuideam nan cabar."

Uilleam MacAnndrais An Ceann-feadhna
"Tha e daor a bhith a' cumail caisteal a' dol. Eadar càradh, luchd-obrach is eile tha e doirbh dhomh airgead fhaighinn airson an aodaich spaideil, nan dealbhan is nan seudan a tha mo theaghlach ag iarraidh. Feumaidh mi tuilleadh airgead fhaighinn à badeigin. Tha na croitearan air m' fhearann air a bhith a' strì ri droch bhàrr. Tha mòran dhiubh nach d' fhuair air màl a phàigheadh dhomh. Cha robh dòigh agam air faighinn os cionn nan trioblaidean airgid agam ach le m' fhearann a thoirt air mhàl
a-rithist dom neach-dàimh, Iain MacAnndrais. B' e esan am fear-baile a chleachd a bhith agam ach dh'fhàg e Gleann Mhoirbheinn o chionn còig bliadhna airson a dhol a dh'obair gu deas. Nuair a thill e thadhail e orm is dh'innis e dhomh mu uachdarain beairteach aig deas a tha a' cosnadh nam mìltean sa bhliadhna à tuathanasan chaorach. Thug e smaoineachadh orm. Gheibh mi prothaid mhòr às an airgead a gheibh mi à clòimh agus feòil chaorach. Mar sin, thug mi obair dha Iain mar bhàillidh air m' oighreachd. Thuirt mi ris gu faodadh e am fearann a chleachdadh airson tuathanas chaorach nam faigheadh e air na daoine fhuadach às na bailtean."


Dòmhnall MacDhaibhidh - Mac Croiteir
"Tha mi a' cruinneachadh gach nì a th' againn mar a dh'iarr m' athair ach tha na truinnsearan briste is chan fhaigh mi lorg air na bobhlaichean an àite sam bith. Tha ar n-aodach-leapa air tuiteam dhan pholl is bidh làithean ann mus tiormaich e. Tha a' bhobhstar air reubadh às a chèile is tha an connlach bog fliuch. Co aig tha fios càit an caidil sinn a-nochd. Gu fortanach fhuair mi air cnap mòine a shàbhaladh is bidh teine againn co-dhiù. Tha mi air an stòr coirce is bhuntàta againn a ghleidheil sa chliabh, chan eil fhios cuin a gheibh sinn air bàrr a chur a-rithist. Feumaidh mi a bhith luath gus am faigh mi fhìn is m' athair air a' chairt a lìonadh leis nas urrainn dhuinn a thoirt leinn. Chan urrainn dhuinn ar stuth fhàgail gun sùil a chumail air neo thèid a ghoid. Tha na daoine an seo ann an suidheachadh cho èiginneach is gun dèan iad rud sam bith airson biadh is aodach."

Fìor Beatha

Pàdraig Sellar

Bha Pàdraig Sellar na bhàillidh aig Diùc is Bana-diùc Chataibh. A thuilleadh air an obair sin bha planaichean aige airson airgead a dhèanamh dha fhèin ann an Cataibh. Bha e an dùil àrainnean mòra fearainn fhaighinn air mhàl gus caoraich ionaltradh orra. Bha seo air sgàth 's gun robh tòrr airgid ri dhèanamh às a' chlòimh. Nuair a bha Diùc Chataibh airson airgead a dhèanamh bhon fhearann. Fhuair Sellar air a phlana a chur an gnìomh. An toiseach gu-tà bha aige ri na daoine fhuadach oir bha feum aig na caoraich air an talaimh uile.

Sin mar a thòisich Pàdraig Sellar is a sheirbhisich a' fuadach nan daoine às an dachaighean. Gu math tric bha iad a' sgrios a h-uile càil a bhuineadh dhaibh is a' cur an dachaighean nan teine. Bha an fheadhainn a chaidh fhuadach a' faireachdainn gun deach dèiligeadh riutha gu brùideil. Bha iad feargach is troimhe-chèile gun tàinig orra an dachaighean fhàgail.

Dh'innis iad mar a rinn e agus mu dheireadh chaidh Pàdraig Sellar a chur an grèim is a thoirt gu cùirt. Cha robh e a' creidsinn gun robh e ciontach de gnìomh sam bith ceàrr is e dìreach a' dèanamh mar a chaidh iarraidh air. Sgrìobh e litir gu Diùc Chataibh ag innse dha mu na chaidh a chur às a leth is ag ràdh gun robh e neo-chiontach.

" Tha mi a' faicinn gu bheilear a' cur dà dhroch eucoir às mo leth. An toiseach gun do dh'adhbhraich mi bàs boireannaich an dèidh a dachaigh a chur na theine agus san dàrna àite gu bheil na caoraich agam air coirc nan daoine ithe."

"Tha mi cinnteach nach do thachair na rudan sin air sgàth mise a bhith an-iochdmhor. Ma dh'ith na caoraich an coirce seach gun robh na cìobairean agam neo-chùramach, bu chòir dha na daoine bhith air gearain riumsa is bhithinn air rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn."

Sa chùirt, chaidh Pàdraig Sellar fhaighinn neo-chiontach. Bha na croitearan den bheachd gun robh seo air sgàth 's gur e uachdarain ionadail a bh' ann am mòran a bh' air an diùraidh. An dèidh na cùirte leig Pàdraig Sellar seachad obair mar bhàillidh ach lean e air a' dèanamh airgead à tuathanas chaorach ann an Cataibh airson iomadh bliadhna.


Donald MacLeod
Bha Dòmhnall MacLeòid a' fuireach air Ghaidhealtachd aig àm nam Fuadaichean. Bha e
a' fuireach ann an Cataibh, àite às an deach mòran dhaoine fhuadach. Sgrìobh e litrichean gu pàipear-naidheachd, Edinburgh Weekly Chronicle, ann an 1857 ag innse mu na cuimhneachain a bh' aige air a bheatha ann an Cataibh. B' e Gloomy Memories a thug e orra.

Seo pìosan a-mach às a chòigeamh litir. Tha iad ag innse mar a thachair is mun bhuaidh a thug na Fuadaicheann air daoine. Bha mòran de na croitearan nach robh a' tuigsinn carson a chaidh am fuadach às an dachaighean. Bha iad den bheachd gun robh còir aca air an dachaigh anns an robh iad a' fuireach.

'Cha b' e an t-uachdaran a bh' air na taighean a thogail ach na fir-baile is an gineil. Bha na daoine sin den bheachd gun robh còir aca air na taighean sin.'

Ann an cuid de dh'àiteachan, bha cead aig na croitearan fiodh a thoirt às an seann dachaighean gus na taighean ùra aca a thogail. Ann an Cataibh chaidh dèiligeadh riutha ann an dòigh na bu shuaraiche. Chaidh mullaich nan taighean a chur nan teine.

'Anns na fuadaichean tràth bha cead aig na daoine am fiodh seo a thoirt leotha gus taighean a thogail air an croitean ùra. A-nis, gus na daoine a ghluasad na bu luaithe, chaidh na taighean a chur nan teine. '

Chaidh brathan-fuadaich a chur gu na croitearan ach bha mòran ann nach do rinn càil gus an robh cùisean ro fhadalach. Ma bha an àirneis fhathast am broinn an taighe chaidh a chur na smàl còmhla ris an taigh.

'An dèidh mu dhà mhìos de rabhadh thòisich fir a' bhàillidh a' fuadach nan daoine le bhith a' cur nan taighean nan smàl 's iad fhathast nam broinn. An uairsin thòisich na seann daoine, na boireannaich is eile a' feuchainn ris an fhiodh, a bha iad a' meas a bhuineadh dhaibh fhèin, a shàbhaladh. Bha fir a' bhàillidh ag obair gu luath. Chuir iad às dhen h-uile càil. Nuair a bha iad air na taighean a leagail… chuir iad teine ri na bh' air fhàgail. Mar sin, chaidh cur às don fhiodh, don àirneis is don h-uile càil nach gabhadh a ghluasad sa bhad.'

An dèidh dha na taighean-croite bhith air an sgrios dh'fheumadh na teaghlaichean àiteachan-fuirich eile a lorg. Dh' adhbhraich seo dòrainn mhòr do mhòran dhaoine. Bha cuid ann a chaill am beatha ri linn.

'Chaidh cuid de sheann fhir air seachran don choille, is iad gus a dhol às an rian agus anns
t-suidheachadh seo bha cuid dhiubh nach do mhair ach là no dhà… is bha cuid den chloinn nach d' fhuair seachad air am fulangasan na bu mhò.'



About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy