BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

16 October 2014
The Highland Clearances

BBC Homepage
Scotland
Alba
Foghlam
»Fuadach nan Gaidheal
Coinnich an cinneadh
1800 Baile Gaidhealach
1814 Fuadaichean
1821 Beatha Ùr
 

Contact Us

Fuadach nan Gaidheal: Cruth Teacsa a-mhàin: 1800 - Baile Gaidhealach

Ro-ràdh
'S e a' bhliadhna 1800 a th' ann agus b' e àm gu math toilichte a bh' ann dha mo chinneadh. Bha sinn sona a' fuireach air an fhearann is cha robh càil a' cur dragh òirnn. Cum ort a' leughadh gus tuilleadh fhaighinn a-mach.

Calum MacAilein
"Seo an taigh-croite far a bheil sinn a' fuireach, mi fhìn, mo bhean, a màthair-se, an triùir chloinne againn agus ar beathaichean. Tha an crodh agus na cearcan a' fuireach aig aon cheann an taighe is sinne sa cheann eile. Tha teine mònach am meadhan an làir sa cheann againne den taigh. Seo far am bi mo bhean a' còcaireachd lite tana, brot càil no buntàta is snèipean. Tha prais mhòir aice crochte bho mullach an taighe. Uaireannan bidh feòil-caorach againn is bidh a' chlann a' dèanamh càis bho bhainne na bà. 'S e fiodh a th' anns na truinnsearan againn is tha na spàinean air an dèanamh le fiodh no adharc. B' e mi fhìn a rinn na seidhrichean is a' chiste seo. 'S e dìreach bogsaichean le fraoch no feur nam broinn a th' againn airson leapannan ach tha iad glè chofhurtail. Bidh mo mhàthair-chèile a' snìomh air a' chuibhle-shnìomh gus snàth a' dhèanamh airson stocainnean blàth fhuighe dhuinn. Chan eil uinneagan san taigh idir is tha sin a' cumail a' bhlàiths a-staigh is am fuachd a-muigh. Tha toll am mullach an taighe gus ceò an teine a leigeil a-mach. Tha a' cheò feumail airson biadh, leithid iasg, a chumail gun ghrodadh. Bidh e a' fàs gu math dorch am broinn an taighe, ged-tà. Sin as coireach gur e taighean-dubha an t-ainm a th' air na taighean seo."


Dòmhnall MacDhaibhidh
"B' e mo sheanair, Aonghas MacDhaibhidh a thog an taigh-croite againn. Tha na ballachan air an dèanamh à cloich thiugh is am mulladh à fiodh. Tha e air a thughadh le sràbhan is luachair. Nuair a chaidh na taighean seo a thogail, dh'fheumadh daoine na stuthan a bha san àite a chleachdadh. Gu math tric bhiodh iad a' cleachdadh fiodh bho sheann bhàtaichean. 'S e dìreach aon doras a th' air is bhiodh na daoine is na beathaichean a' dol a-steach air. Tha daoine bhon Ghalltachd a' smaoineachadh gu bheil e àraid a bhith a' fuireach as an aon taigh ri na beathaichean ach seo ar cleachdadh. Tha sinne a' smaoineachadh gu bheil iadsan àraid, lem beachdan is an cànan fhèin. Tha m' athair ag ràdh gur e Beurla a chanas tu ris."

Uilleam MacAnndrais, An Ceann-feadhna
"Tha mise a' fuireach ann an Caisteal Ghleann Mhoirbheinne, dachaigh chinn-feadhna MhicAnndrais airson ceudan bhliadhnachan. Seo dealbhan cuid de mo shinnsirean a thug an tiotal dhomhsa. Seo an seòmar-bidhe far am bi mo bhean, a' bhana-iarla Louisa, is mi fhìn, ag ithe am biadh as fheàrr - deagh mhairt-fheòil, glasraich is fìon às An Fhraing. 'S e airgead a tha as na sginean is na cuachan is tha na truinnsearan air an dèanamh à pòrsalain ghrinn. Tha coinnlean ann an coinnlearan airgid a' toirt solas dhuinn. Bidh a' chlann ag ithe air leth san t-seòmar-cloinne còmhla rin tidsear. Bidh iad ag ionnsachadh leughadh is sgrìobhadh ann am Beurla - chan ann an Gàidhlig. Tha mi airson 's gun tèid iad gu sgoil spaideil ann an Lunnainn is mar sin feumaidh iad Beurla ionnsachadh. Ach tha a h-uile càil a tha seo a' cosg tòrr airgid is tha mi den bheachd nach eil m' oighreachd a' cosnadh gu leòr. 'S e glè bheag màl a tha muinntir an tuath a' pàigheadh. Ach seach nach eil na dòighean-obrach aca freagarrach ach airson nam feannagan beaga aca fhèin chan eil e a' coimhead coltach gun urrainn dhaibh an, tuilleadh a phàigheadh gu bràth. Feumaidh cùisean atharrachadh."

Iain MacAnndrais
"'S mise am fear-baile. Tha eaglais bheag againn ann an Gleann Moirbheinne. 'S e Aonghas MacAlasdair am ministear againn. Tha eagal Dhè air na croitearan is air na coitearan agus tha iad ag earbsa gu mòr às a' mhinistear. Tha iad a' toirt feart do na th' aige ri ràdh. Dh'fhaodadh seo a bhith gu math feumail dhomh fhìn is don cheann-feadhna oir tha plana agamsa airson caoraich a chur dhan ghleann seo an àite nan daoine a th' ann an-dràsta. Tha prìs mhath air clòimh agus bhiodh an t-àite seo freagarrach airson caoraich dhubh-cheannach no caoraich bhàna. Còrdaidh mo phlana ris a' cheann-feadhna. Gheibh e barrachd airgid ri linn. Cuideachd, b' e an ceann-feadhna a thagh am ministear agus mar sin cuidichidh esan sinn. Canaidh e ri na croitearan gu feum iad na thathas ag iarraidh orra a dhèanamh."

Màiri NicThàmhais
"Is mise Màiri NicThàmais, an coitear. Tha mi ag obair air feannagan nan croitear. 'S e pìosan caola talmhainn a th'as na feannagan. Bidh iad a' cur bàrr annta. Bidh mise a' cuideachadh le tionndadh no le a bhith a' cur feamainn air an talamh airson todhar. Tha todhar a' mathachadh a' bharra. An dèidh sin bidh mi a' cuideachadh, a' cur a' bhuntàta is gan glanadh. As t-Foghar nuair a bhios am bàrr air abachadh bidh mi a' cuideachadh le bhith a' togail a bhuntàta. Bidh cliabh agam airson sin, bascaid chuilc a bhios air mo dhruim. Gu math tric bidh agam ri coiseachd mìltean. 'S e obair chruaidh a th' ann ach tha sinn sona. Tha sinn a' cluinntinn, ged-tà, gu bheil an t-uachdaran sa chaisteal airson atharrachaidhean a dhèanamh. Tha sin a' cur dragh òirnn."


Fìor Beatha

Taigh-croite
Chaidh mòran thaighean-croite a mhilleadh aig àm nam fuadaichean. Thuit an fheadhainn a bh' air am fàgail às a chèile thar nam bliadhnachan. Chaidh an taigh-croite seo ath-thogail san dòigh anns am biodh e air a thogail bho thùs. Tha na ballachan de chlachan air an togail gu cùramach air mullach a chèile. Chaidh cabair fhiodha an cleachdadh gus am mullach a neartachadh. Bha sgrathan fòid no fraoich air an cur air mullach sin. Gus dìon a chur air a' mhullach tha tughadh connlaich no luachrach dha chur air uachdar. Tha an tughadh air a cheangal le ròpa fraoich.


Staigh an taigh
Bha tòrr ùine ga chur seachad timcheall an teine mònach a bha am meadhan an ruim oir bha e a' toirt blàths is solas. Am broinn an taighe bhiodh an teaghlach a' suidhe air sèithrichean ìosal fiodha no stùil. Cha robh a' cheò cho dùmhail faisg air an làr. Bha an teine laiste a là is a dh'oidhche is mar sin bha blàths aig an teaghlach. Air an oidhche bha e cumanta gu leòr dhan teaghlach gu lèir cadal còmhla.


Caistealan
B' ann le ceann-feadhna a' chinnidh a bha an caisteal. B' e seo dachaigh a theaghlaich airson ceudan bhliadhnachan. Nuair a bhàsaicheadh ceann-feadhna dheigheadh an caisteal gun mhac bu shine. B'esan an uairsin na cheann-feadhna. San dòigh seo bha an caisteal is am fearann a' fuireach san teaghlach. Chaidh caistealan a thogail aig àm nuair a bha cinnidhean a' sabaid mu fhearann. B' ann airson an ceann-feadhna is a theaghlach a dhìon bho ionnsaigh a bha an caisteal.


Praisean
'S ann à iarann a tha bhiodh phraisean air an dèanamh. Bhiodh iad air an teine is b' ann annta a bha biadh làitheil an teaghlaich ga chòcaireachd. Bha cuid de phraisean crochte bho mhullach an taighe air slabhraidh os cionn an teine. B' ann air coirce, buntàta is càl a bha a' chuid mhòr de chroitearan a' tighinn beò. Bhiodh an fheadhainn a bha fuireach ri taobh na mara ag ithe iasg cuideachd. Bhitear a' bruich coirc ann am prais mhòir airson brochan a dhèanamh. Bha bonnaich air an dèanamh le coirc cuideachd. Bha an t-aran-coirce seo air a chòcaireachd air grideil air an teine.


Tairsgeir
Bha mòine cudthromach sa bheatha Ghaidhealaich. B' ann leis a' chonnadh seo a bhathas a' teasachadh an taighe is a' còcaireachd. Dh'fheumadh a' mhòine a bhith air a buain às an talamh is air a tiormachadh mus deigheadh a cleachdadh. Bhitear a' cleachdadh tairsgeir gus a' mhòine a ghearradh na fòid. Mar bu trice b' e na fir a ghearradh a' mhòine as t-Earrach mus fhalbhadh iad gun obair samhraidh. Bhiodh na boireannaich is a' chlann a' tarraing a' mhòine dhachaigh ann am bascaid no an cliabh air an druim. B' e obair chruaidh a bha seo oir bha a' mhòine gu tric fada bhon taigh. Aon uair 's gun tigeadh i dhachaigh bha a' mhòine ga cruachadh airson a cumail tioram.



About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy