BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DICIADAIN
29 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Cruth na Tìre

BBC Homepage
Scotland
Alba
Foghlam
»
  Cruthan-tìre
  Sgilean Mapa
  Leabh-
raichean
stiùiridh
  Gaileiridh
  Notaichean
Tidseir
 

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 

Notaichean Tidseir
Ro-phlana Clàr-innse na làraich
Cùisean Teicnigeach Ceanglaichean Feumail Taing


Na tha air an Làraich

Tha an làrach seo air a roinn ann an dà earrainn, Sgilean Mapa agus Leabhar-stiùiridh Phriob. Tha Gailearaidh dhealbh oirre cuideachd. Bheir Sgilean Mapa cleachdadh anns na sgilean a tha riatanach ann a bhith a' leughadh mapa. Bheir Leabhraichean-stiùiridh Phriob eòlas agus tuigse don neach-cleachdaidh mu chruthan-tìre na Gàidhealtachd is nan Eilean, Machair na h-Alba agus A' Mhonaidh Dheasaich.

Sgilean Mapa
Tha an earrann seo ag amas air prìomh phàirtean de mhap a thoirt a-steach tro shuidheachadh eilein mac-meanmnaich. Bheir bruthadh air aon de na ceithir pàirtean gu h-ìosal an neach-cleachdaidh gun earrainn sin den mhap.

Sgilean Combaiste:
Tha seo ag amas air tuigse a thoirt dhan neach-cleachdaidh air ceithir puingean susbainteach na combaiste agus air dòigh furasta air cuimhneachadh orra a thoirt seachad. Tha dà ghnìomh eadar-ghnìomhail a' tighinn an dèidh sin. Bheir iad sin cleachdadh ann a bhith a' toirt seòlaidhean seachad is a' comharrachadh puingean combaiste.
Comharraidhean-clèithe:
Tha seo ag amas air tuigse a thoirt dhan neach-cleachdaidh mu bhith a' lorg comharradh-clèithe cheithir figearan. Tha dà ghnìomh eadar-ghnìomhail a' tighinn an dèidh sin. Bheir iad sin cleachdadh ann a bhith a' lorg is a' toirt seachad chomharraidhean-clèithe.
Samhlaidhean is Clàran:
Tha seo ag amas air tuigse a thoirt dhan neach-cleachdaidh air an adhbhar airson clàr mapa agus air mar a tha nithean a' nochdadh air map mar shamhlaidhean. Tha dà ghnìomh eadar-ghnìomhail a' tighinn an dèidh sin. Tha iad sin a' toirt cleachdadh ann an sgilean comharrachaidh shamhlaidhean is chlàran.
Sgèile:
Tha seo ag amas air tuigse a thoirt dhan neach-cleachdaidh gu bheil sgèilean eadar-dhealaichte air mapaichean feumail airson adhbharan eadar-dhealaichte. A thuilleadh air an sin, gur ann mar as lugha an sgèile as mionaidiche a bhios am map. Tha dà ghnìomh eadar-ghnìomhail a' tighinn an dèidh sin. Tha iad sin airson cleachdadh a thoirt ann a bhith a' taghadh sgèile fhreagarrach.



Faodar na h-earrannan sin a dhèanamh ann an òrdugh sam bith. Aig crìoch gach earrainne thèid teisteanas a thoirt dhan neach-cleachdaidh. Feumaidh an neach-cleachdaidh ainm a chur ris. Faodaidh an teisteanas a bhith air a chlò-bhualadh an uairsin is a ghleidheadh mar dhearbhadh air prìomh bhuil-ionnsachaidh na h-earrainne sin.

Leabhar-stiùiridh Phriob
Tha leabhraichean-stiùiridh Phriob a' toirt suidheachadh don neach-cleachdaidh anns an ionnsaich iad mu chruthan-tìre na Gàidhealtachd is nan Eilean, Machair na h-Alba agus A' Mhonaidh Dheasaich. Tha caibideilean sna leabhraichean-stiùiridh, gach aon a' coimhead ri taobh eadar-dhealaichte den chruth-tìre. Bheir bruthadh air aon de na ceithir caibideilean an neach-cleachdaidh gun earrainn sin den làraich.

Leabhair-stiùiridh na Gàidhealtachd is nan Eilean

Monaidhean agus Beanntan Àrda:
Tha seo ag amas air eòlas a thoirt don neach-cleachdaidh air cruth-tìre de thalamh àrd le bhith a' rannsachadh dealbh-beò. Bheir mapaichean, dealbhan is fiosrachadh cunntas air earrainnean sònraichte de thalamh àrd.
Eileanan:
Ag amas air eòlas a thoirt don neach-cleachdaidh mu na h-eileanan mu chuairt Alba le bhith a' rannsachadh dealbh-beò. Bheir mapaichean, dealbhan is fiosrachadh cunntas air eileanan fa leth is air buidhnean de dh'eileanan.
Aibhnichean:
Ag amas air eòlas a thoirt don neach-cleachdaidh mu thuras aibhne le bhith a' rannsachadh dealbh-beò. Bheir mapaichean, dealbhan is fiosrachadh cunntas air aibhnichean sònraichte.
Lochan is Cuain:
Ag amas air eòlas a thoirt don neach-cleachdaidh air cruthan-tìre lochan is cuain le bhith a' rannsachadh dealbh-beò. Bheir mapaichean, dealbhan is fiosrachadh cunntas air lochan is cuain sònraichte.

Faodar na h-earrannan sin a dhèanamh ann an òrdugh sam bith. Aig crìoch gach earrainne faodaidh an luchd-cleachdaidh map a chlò-bhualadh a bheir fiosrachadh dhaibh mun chruth-tìre mun robh iad ag ionnsachadh. Faodaidh iad an uairsin tilleadh gu duilleig a' chlàir-innse agus caibideil eile fheuchainn.

Leabhar-stiùiridh Machair na h-Alba

Machair na h-Alba:
Tha seo ag amas air tuigse a thoirt dhan neach-cleachdaidh air na prìomh phàirtean de Mhachair na h-Alba. Bheir liosta sgrùdaidh, mapaichean agus dealbhan cunntas air earrannan sònraichte de Mhachair na h-Alba.
Dùn Èideann:
Tha seo ag amas air tuigse a thoirt dhan neach-cleachdaidh air na prìomh earrainnean de Dhùn Èideann. Bheir liosta sgrùdaidh, mapaichean agus dealbhan fiosrachadh mu agus air suidheachadh roinnean sònraichte den bhaile.
Abhainn Foirthe:
Tha seo ag amas air tuigse a thoirt dhan neach-cleachdaidh air na prìomh phàirtean de Abhainn Foirthe, an dà chuid gu nàdarra agus dèante le mac an duine. Bheir liosta sgrùdaidh, mapaichean agus dealbhan fiosrachadh mun abhainn agus air suidheachadh roinnean sònraichte na h-aibhne.
Glaschu:
Tha seo ag amas air tuigse a thoirt dhan neach-cleachdaidh air na prìomh earrainnean de Ghlaschu. Bheir liosta sgrùdaidh, mapaichean agus dealbhan fiosrachadh mun bhaile agus air suidheachadh earrainnean sònraichte den bhaile.
Abhainn Chluaidh:
Tha seo ag amas air tuigse a thoirt dhan neach-cleachdaidh air na prìomh phàirtean de Abhainn Chluaidh, an dà chuid gu nàdarra agus dèante le mac an duine. Bheir liosta sgrùdaidh, mapaichean, dealbhan fiosrachadh mun abhainn agus air suidheachadh nithean sònraichte na h-aibhne.
Lodainn an Ear:
Tha seo ag amas air tuigse a thoirt dhan neach-cleachdaidh air na prìomh earrainnean de Lodainn an Ear. Bheir liosta sgrùdaidh, mapaichean agus dealbhan fiosrachadh mun sgìre agus mu shuidheachadh earrainnean sònraichte den sgìre.

Faodar na caibideilean a dhèanamh ann an òrdugh sam bith ach thathar a' moladh tòiseachadh le cuairt tòiseachaidh Machair na h-Alba. Aig deireadh gach caibideil faodaidh an neach-cleachdaidh tilleadh gu duilleag a' chlàir-innse agus caibideil eile fheuchainn.

Leabhar-stiùiridh A' Mhonaidh Dheasaich

Cnuic:
Tha seo ag amas air eòlas a thoirt dhan neach-cleachdaidh air na prìomh phàirtean de chnuic a' Mhonaidh Dheasaich. Bheir map agus dealbhan fiosrachadh mu suidheachadh chnuic sònraichte anns a' Mhonadh Dheasach.
Coilltean:
Tha seo ag amas air eòlas a thoirt dhan neach-cleachdaidh air na prìomh choilltean/pàircean coille anns a' Mhonadh Dheasach, agus mar a bhios iad air an cleachdadh. Bheir map agus dealbhan fiosrachadh mu na coilltean agus an suidheachadh sònraichte.
Oirthirean is Aibhnichean:
Tha seo ag amas air eòlas a thoirt dhan neach-cleachdaidh air na prìomh phàirtean de dh'orthir a' Mhonaidh Dheasaich. Bheir map agus dealbhan fiosrachadh mun oirthir agus suidheachadh earrainnean sònraichte na h-oirthir agus Abhainn Tuaidh.
Bailtean Margaidh:
Tha seo ag amas air eòlas a thoirt dhan neach-cleachdaidh air na prìomh phàirtean de bhailtean margaidh. Bheir map agus dealbhan fiosrachadh mu na bailtean margaidh agus an suidheachadh.

Faodar na caibideilean a dhèanamh ann an òrdugh sam bith. Aig deireadh gach caibideil faodaidh an neach-cleachdaidh tilleadh gu duilleag a' chlàir-innse agus caibideil eile fheuchainn no an gèam Pl òidh Phriob a chluich.

Gaileiridh
'S e àite a th' anns a' ghaileiridh far am faod luchd-cleachdaidh na làraich dealbhan-camara is dealbhan de chruthan-tìre an coimhearsnachd fhèin a chur a-steach.

Ìomhaighean Cuideachaidh
Tha dà ìomhaigh chuideachaidh air an làraich air am faodar bruthadh aig àm sam bith airson cuideachadh fhaighinn.

'S ann airson tidsear/pàrant a tha an samhla "T" air na duilleagan. Bheir seo duilleag an-àirde a tha a' mìneachadh prìomh amasan na duilleige no na h-earrainne sin. Tha roghainn air Duilleig-cuideachaidh an Tidseir cuideachd làn sgrion earrann Flash an làrach fhàgail (le bruthadh air putan Fàg Cruth Flash)

'S e sùil a th' ann an ìomhaigh cuideachaidh an neach-cleachdaidh a chithear aig mullach oisein deis gach duilleige. Le bruthadh air an ìomhaigh gheibh an neach-cleachdaidh teacsa shìmplidh is cuideachadh claistinneach ann a bhith a' cleachdadh duilleag no gnìomh shònraichte.




About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy