 |
|
|
 |
 |
 |

Co-là breith? 31mh Am Màrt
Cò às a tha thu? Grèineatobht, Uibhist a Tuath
Peathraichean / Bràithrean Dà bhràthair, Kevin agus Aonghas, agus aon phiuthair, Màiri.
Dath falt? Dorcha bàn. Ach b' àbhaist dhomh a bhith cianail fhèin bàn an uair a bha mi na b' òige.
Dath sùilean? Gorm
Pìos aodaich as fheàrr? 'S toil leam jeans gu mòr. Chan ann tric a bhios briogais sam bith eile orm.
Dath as fheàrr? 'S e gorm a bhios orm mar as trice, mar sin dh' fheumainn a ràdh gur e gorm an dath as fheàrr leam.
Biadh as fheàrr? Uachdar-reòthe! Ach biadh ceart, Cearc! Chan eil mi ro dhèidheil air feòil sam bith eile ach cearc.
Beathach as fheàrr? 'S toil leam beathaichean nach bi a' dèanamh cus fuaim. Mar sin dh' fheumainn iasg a ràdh. 'S toil leam cùisean a bhith sèimh, socair.
Àite as fheàrr anns an t-saoghal airson làithean-saora? Tràigh Ghrèineatobht air latha grianach. Tha mi air a bhith thall thairis grùnn thursan cuideachd, mar sin 's ann dhan Spàinn a rachainn nam biodh agam ri roghainn a dhàanamh.
Dè bhios a' cur gàire air d' aodann? Na jokes agam fhìn. Ach chan eil iad a' còrdadh ri Siobhan. Airson an fhìrinn innse tha mise a' smaointinn gu bheil iad a' còrdadh rithe ach bidh i a' leigeil oirre nach eil! Cha tèid mòran seachad ormsa Siobhan!
Dè na h-obraichean eile a tha air a bhith agad? Bha mi ag obair ann an Co-op Sholais airson cha mhòr dà bhliadhna nam neach-cuideachaidh. Chuir mi cuideachd ùine a' frithealadh ann an cafaidh ann an Uibhist.
Dè an gaidseat as fheàrr leat? Am fòn-làimhe agam. Bhithinn dìreach air chall às aonais!
Dè na cur-seachadan a th' agad? Nam ùine fhèin 's toil leam a bhith a' dol air chuairt air mo bhaidhsagal agus a bhith sgitheadh. Chaidh mi a Ghleanna Comhann aon turas a' sgitheadh agus chòrd sin rium gu mòr!
Car d' aislingean? Ferrari F430 Spider ann an dearg. Nach e bhiodh math!
Cuin a fhuair thu do mhi-thalamh mu dheireadh? Tha mise an-còmhnaidh modhail, mar sin cha bhi mise a' faighinn mo mhì-thalamh uair sam bith!
Innse dhuinn rudeigin èibhinn
Nuair a bha mi-fhèin 's mo bhràthair as sine a' tighinn dhachaigh bhon sgoil aon latha thòisich sinn a' rèis an aghaidh a chèile air na baidhsagalan againn, agus bha mo bhràthair a' buannachadh gus an do thuit aon de na rothan far a' bhaidhsagail aige agus chaidh mise seachad air aig astar! Bha e cho èibhinn dhòmhsa, ach cha robh dhàsan!
Bheil comhairle agad airson clann a tha airson preseantadh a dhèanamh?
Cùm ort a' feuchainn gus am faigh thu an obair a tha thu ag iarraidh. Chan ann tric a thig an obair thugad, mar sin cuir thu fhèin air adhart airson prògraman a dhèanamh, fiù 's air rèidio, airson d-ainm fhaighinn ma sgaoil agus airson do mhisneachd a neartachadh. 'S dòcha gun toir e bliadhnaichean ach bidh thu taingeil aig deireadh an là. Mar a bha mise.
|
|

Co-là breith? 6mh Faoilleach
Cò às a tha thu? Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais
Peathraichean / Bràithrean Dithis bhràthair, Paul agus David, 's mise an aon nighinn.
Dath falt? Donn, ach tha e ag atharrachadh glè thric!
Dath sùilean? Donn, tha iad gu math dorch.
Pìos aodaich as fheàrr? 'S fior thoil leam mo hoodies agus dinichean. Gu h-àraidh mo hoodie Dè a-Nis? tha e cho blath!
Dath as fheàrr? Purpaidh!
Biadh as fheàrr? Mango is fajitas, chan ann còmhla ge-ta, bhiodh sin grod!
Beathach as fheàrr? Muncaidh! Bha mi riamh airson a bhith ag obair le muncaidhean. Tha iad a' coimhead cho cute agus tha iad cho coltach rinne!
Àite as fheàrr anns an t-saoghal airson làithean-saora? Feumaidh mi Florida a ràdh, chaidh mi gu Disney nuair a bha mi na b' òige agus rachainn air ais ann ann an diog!
Dè bhios a' cur gàire air d' aodann? Film èibhinn mar Bolt no deagh leabhar.
Dè na h-obraichean eile a tha air a bhith agad? Bha mi ag obair ann an ionad dotair ann an Steòrnabhagh airson greis, ach cuideachd tha mi air obair a dhèanamh le fèisean ciùil air feadh na dùthcha.
Dè an gaidseat as fheàrr leat? Rud a th' agam airson mo chluicheadair MP3. Bidh mi ga cheangal ris an MP3, agus a' cur an rèidio air agus bidh an ceòl math a th' agam a' cluich air an rèidio.
Dè na cur-seachadan a th' agad? Bidh mi a' dol dhan ionad-eacarsaich gach seachdain, agus bidh mi a' seinn le còisir Lacasdail nuair a bhios mi aig an taigh ann an Leòdhas.
Car d' aslingean? BMW X5 - fear dubh! Tha fhios 'am gu bheil iad mòr, agus cha cheannaichinn fear dhuibh idir, oir cha bhiodh iad ro mhath airson na h-àrainneachd. Ach aig an aon àm tha iad cho brèagha! Cuideachd car beag mar Fiat 500, tha iad cho cool!
Rudeigin a thachair a chuir nàire ort?
Nuair a bha mi san sgoil, bha sinn a' dol suas chun an ionaid cluiche agus dh'fheuch mi ri leum tarsainn air balla agus thuit mi air beulaibh a' chlas gu lèir! Bha mi air mo nàrachadh.
Innse dhuinn rudeigin èibhinn
Gnoc Gnoc
Cò th' ann.
Cù
Cù cò?
Coo ee tha mi fhathast an seo!
Obh obh, duilich mu dheidhinn sin!
Cuin a fhuair thu do mhi-thalamh mu dheireadh? Tha mi cinnteach gu faigh mi mo mhi-thalamh an dèidh an joke sin innse!
Bheil comhairle agad airson clann a tha airson preseantadh a dhèanamh?
Feuch obair saor-thoileach anns na meadhanan an toiseach, tha obair aig stèisean rèidio ionadail gu math feumail oir bheir sin tuisge dhut mu dheidhinn mar a tha cùisean ag obair anns na meadhanan. Ach an rud as cudromaiche, feumaidh tu a bhith cinnteach asad fhèin!
|
 |

Co-là breith? 19 Ògmhios
Cò às a tha thu? 'S ann à Uibhist a Deas a tha mi ach chaidh mo thogail air a' Bhac ann an Leòdhas.
Peathraichean / Bràithrean Chan eil.
Dath falt? Donn
Dath sùilean? Chan eil mi ro chinnteach...bidh iad ag atharrachadh fad na h-ùine! Uaireannan tha iad gorm, uaireannan glas agus uaine! àraid eh?
Pìos aodaich as fheàrr? Mo sheacaid leathair.
Dath as fheàrr? Buidhe.
Biadh as fheàrr? Cearc ròsta le glasraich, buntàta agus tòrr sùth-feòla. Tha mi cuideachd dèidheil air biadh à Mexico. Tha an t-acras orm a-nis!
Beathach as fheàrr? Coin! Là air choreigin tha mi dol a dh' fhaighinn Labrador donn.
Àite as fheàrr anns an t-saoghal airson làithean-saora? Bha mi a-riamh airson a dhol a New Zealand ach chan eil mi air an cothrom fhaighinn fhathast. Saoilidh mi gum biodh e dìreach mìorbhaileach. Ach an dràsta – chanainn Na Hearadh! àite brèagha dha-rìribh le feadhainn de na tràighean as bòidhche a chì tu anns an t-saoghal.
Dè bhios a' cur gàire air d' aodann? Bidh mi fhathast a' gaireachdainn aig Friends ged a tha mi air gach prògram fhaicinn corra uair ach a' mhòr-chuid dhen ùine 's e mo theaghlach agus mo charaidean a bhios a' cumail gàire air m' aodann!
Dè na h-obraichean eile a tha air a bhith agad? Nuair a bha mi san sgoil bha mi ag obair pàirt-ùine ann an cafaidh Thai agus cuideachd ann an bùth chairtean. Nuair a bha mi san oilthigh bha mi ag obair ann an àite ris an canar deli a bha làn biadh blasda agus cèiceichean milis mmm mmm.
Dè an gaidseat as fheàrr leat? Am Blackberry agam, 's e tha feumail!
Dè na cur-seachadan a th' agad? Bidh mi a' ruith gu math tric, bidh mi a' feuchainn ri cumail fiot! 'S toil leam cuideachd a bhith a' leughadh nam ùine fhèin, gu h-àraidh leabhraichean a tha làn dìomhaireachd mar Harry Potter!
Car d' aslingean? Bhiodh Mercedes Benz air choreigin math tapadh leat.
Rudeigin a thachair a chuir nàire ort?
Uill...tha mise an-còmhnaidh a' dèanamh rudan gòrach a tha cur nàire orm. Nuair a bha mi san sgoil thuit mi far a' bhus. Bha a h-uile duine eile a' gàireachdainn ach obh obh - bha e goirt! Sin an rud a bu mhotha a th' air nàire a chur orm!
Cuin a fhuair thu do mhi-thalamh mu dheireadh? Bho JK! Bha mi leumadaich air hopper shìos ri taobh an stiudio nuair nach bu chòir dhomh. Dh'iarr e orm stad ach nuair a lean mi orm chaidh e as mo dhèidh gus mo ghlacadh! Cha d' fhuair e grèim orm.. bha mise agus mo hopper fada ro luath! Hehe.
Innse dhuinn rudeigin èibhinn
Gnog gnog - Cò th'ann? Glen. Glen cò? GLENCO! Ahahaha
Bheil comhairle agad airson clann a tha airson preseantadh a dhèanamh?
Uill an toiseach na innsibh jokes cho dona ri sin!
Ged is e obair spòrsail a th'ann a bhith nad phreaseantair 's e obair chruaidh a th'ann agus tha tòrr dhaoine a' farpais airson an aon obair fhaighinn. Carson nach feuch thu fhèin air beagan preaseantadh a dhèanamh air beulaibh sgàthan! No fiù 's air beulaibh camara ma tha fear agad.
Nuair a ruigeas tu an àrd-sgoil feuch ri greis-gnìomhachais fhaighinn anns na meadhanan - bheir sin dhut blasad air an obair.
|