| Ainm: |
Janice
Ann NicAoidh |
| Co-là-breith: |
29.04.87 |
| Co
às a tha thu: |
Gearraidh-na-h-Aibhne,
Leòdhas |
| An
còmhlan ciùil as fheàrr: |
Scouting
for girls, Razorlight, Na Ting Tings agus One Republic. |
Dè
rinn thu nuair a dh'fhàg thu an sgoil?
An dèidh an sgoil fhàgail, rinn mi ceum Gàidhlig ann an Sabhal Mòr Ostaig san t-Eilean Sgitheanach. Chòrd an ceum rium gu mòr agus chòrd e rium a bhith a' fuireach anns an Eilean Sgitheanach, 's e eilean uabhasach brèagha th' ann ged nach eil e buileach cho brèagha ri Leòdhas! Tha seallaidhean àlainn ann agus tha e furasta gu leòr faighinn gu tìr-mòr thairis air an drochaid spaideil a th' aca a-null gu Caol Loch-Aillse. Bha craic mhath agam le na h-oileanaich eile anns an t-Sabhal agus choinnich mi ri tòrr charaidean ùra. Tha mi dìreach air an ceum agam a chrìochnachadh agus tha mi a' dèanamh greis-gnìomhachais còmhla ri Aileag airson an t-samhradh.
Cur-seachadan
Is toigh leam a bhith a' dol a-mach còmhla ri na caraidean agam. 'S toil leam a bhith ag èisteachd ris a h-uile seòrsa ciùil agus a bhith a' dol a dh' fhaicinn còmhlain aig "gigs" agus na fèisean tron t-samhradh. Tha mi ag ionnsachadh a' ghiotàir, chan urrainn dhomh mòran a chluich an-dràsta feumaidh mi aideachadh! Ach tha mi 'n dòchas tòrr a bharrachd ionnsachadh ro dheireadh na bliadhna. 'S toil leam a bhith a' dol airson cuairtean leis a' chù bheag agam, Kerry, cuideachd.
Dè
tha math mu bhith ag obair air Aileag?
Tha e a' còrdadh rium oir gu bheil sinn a' siubhal gu tòrr dhiofar sgoiltean agus a' coinneachadh ribh uile. 'S toil leam a bhith a' faighinn a-mach dè tha a' dol anns na sgoiltean agaibh agus a bhith a' faicinn nan rudan inntinneach a tha sibh air a bhith a' dèanamh. Agus tha e a' còrdadh rium a bhith a' cluinntinn bhuaibh!
Rud
bu mhotha a mhiannachadh tu a dhèanamh?
Bu thoigh leamsa a bhith nam phàirt de chòmhlan ainmeil a' cluiche a' ghiotàir no a' seinn. Bhiodh e math dha-rìribh a' bhith a' siubhal an t-saoghail a' dèanamh "gigs" le sluagh mòr a' tighinn gar faicinn! Bu thoil leam cuideachd ionnsachadh a bhith nam phaidhleat de phlèana agus fear fhaighinn dhomh fhìn gus am faodainn siubhal gun strì sam bith a dh'àite sam bith a thograinn!
| Ainm: |
Karen
Mhoireasdan |
| Co-là-breith: |
14
Faoilleach ('S e Capricorn a th' annam) |
| Co
às a tha thu: |
Steòrnabhagh,
Leòdhas |
| An
còmhlan ciùil as fheàrr: |
The
Killers, Runrig, Ronan Keating |
Dè
rinn thu nuair a dh'fhàg thu an sgoil?
As dèidh
dhomh an sgoil fhàgail, rinn mi 3 bliadhna ann an Colaiste a'
Chaisteil ann an Steòrnabhagh a' dèanamh ceum ann an Gàidhlig.
Chòrd e rium gu mòr a bhith a' dèanamh ceum ann
an Leòdhas oir b' urrainn dhomh falbh chun tràigh air
na làithean dheth agam! Chuir mi crìoch air a' cheum agam
am bliadhna agus tha mi air a bhith a' dèanamh greis-gnìomhachais
còmhla ri Aileag tron t-samhradh.
Cur-seachadan
Is toigh
leam a bhith ag èisteachd ri ceòl agus a' cluich ionnstramaidean
- bidh mi a' cluich a' ghiotàir agus na drumaichean agus cheannaich
mi feadag bho chionn greis ach tha mi fhathast feumach air leasanan!
Tha mi fhèin 's mo charaidean dèidheil air a bhith a'
dol a-mach air na baidhsagalan agus tha teanas a' fìor chòrdadh
rium. Cuideachd nuair a gheibh mi an cothrom chan eil càil as
fheàrr na bhith a' dol chun na tràghad air là brèagha
grianach!
Dè
tha math mu bhith ag obair air Aileag?
Tha e
a' còrdadh rium gu mòr gu bheil sinn a' dèanamh
rudeigin eadar-dhealaichte a h-uile seachdain agus tha e math a bhith
a' coinneachadh ribh fhèin agus a' faighinn a-mach mu na rudan
inntinneach a tha sibh air a bhith a' dèanamh, tha sibh an-còmhnaidh
a' cur fàilte chridheil òirnn!
Rud
bu mhotha a mhiannachadh tu a dhèanamh?
Tha mi
air a bhith a' miannachadh airson bliadhnaichean a dhol air a' phrògram
telebhisein 'Friends' ach seach gu bheil e nis air crìochnachadh
bhithinn toilichte gu leòr nochdadh air a' phrògram 'Joey'!
'S e bhiodh math cuideachd cothrom fhaighinn snàmh le leumadairean-mara
agus mu dheireadh chòrdadh e rium gu mòr an cluicheadair
teanais Andy Roddick a choinneachadh!
| Ainm: |
Jo
NicMhèin |
| Co-là-breith: |
5
Ògmhios ('S e Gemini a th' annam) |
| Co
às a tha thu: |
Barraigh,
ach rugadh mi ann an Uibhist a Deas |
| An
còmhlan ciùil as fheàrr: |
Red
Hot Chili Peppers |
Dè rinn
thu nuair a dh'fhàg thu an sgoil?
As dèidh an sgoil fhàgail bha mi ag obair ann an sgoil-àraich.
An uairsin bha mi airson beagan siubhail a dhèanamh 's chaidh
mi gu San Francisco. 'S e baile mòr mìorbhaileach a th'
ann agus fhuair mi obair ann am bùth Èireannach ri taobh
Alcatraz far an robh mi a' reic stuth Èireannach mar leprechauns!
Bha mi ag ionndrainn Alba 's mar sin thill mi. Rinn mi cùrsa
telebhisein aig Sabhal Mòr Ostaig agus as dèidh sin thòisich
mi aig Radio nan Gaidheal ann an Steòrnabhagh.
Cur-seachadan?
Is toigh leam a bhith a' surfadh
ach chan urrainn dhomh seasamh
air a' bhòrd fhathast! Bidh mi a' cluich an duiseil - ceòl
Ceilteach agus ceòl clasaigeach - a' seinn ann an còisir
agus a' peantadh (chan e ballaichean ach dealbhan), gu h-àraidh
dath-uisge. Cheannaich mi canoe o chionn greis agus bidh mi dol a-mach
nuair a bhios là socair ciùin againn ann an Leòdhas.
Chan ann tric a bhios sin a' tachairt!
Dè tha math mu a bhith ag obair air Aileag?
Nuair a dh'fhàg mi an sgoil, cha robh dùil agam tilleadh
innte gu bràth, ach a-nise, tha e còrdadh rium glan a
bhith a' dol a-mach 's a-steach às na sgoiltean agus a' clàradh
pìosan airson Aileag còmhla ribh fhèin. Tha tòrr
spòrs an lùib Aileig gu h-àraidh nuair a tha mi
a' coinneachadh ri òigridh, mur a biodh sibhse a' gabhail pàirt,
cha bhiodh am prògram cho math 's a tha e.
Dè an rud bu mhotha a mhiannachadh tu a dhèanamh?
Ged a tha a bhith ag obair air Aileag a' còrdadh rium, tha mi
a' smaointinn gum biodh e math cothrom fhaighinn preseantadh Blue Peter,
's e sin aon dhe na prògraman a b' fhèarr a bh' ann nuair
a bha mi fhìn òg 's tha mi toilichte gu bheil e fhathast
air an telebhisean. 'S aon rud eile, tha mi a' smaointinn gun còrdadh
e rium seinn ann an còmhlan ciùil roc mar na Red Hot Chili
Peppers, 's òran-càraid a dhèanamh leis an t-seinneadair
Anthony Kiedis - tha esan gu math cool!
|