BBC HomeExplore the BBC

DIARDAOIN
10 Dùbhlachd 2009
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Aileag 103.3-105 FM

BBC Homepage
Scotland Home
»Alba
Òigridh

Aileag
An Clòsaid
Preseantairean
Gàmag
Geamannan
 

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An Clòsaid
Bidh measgachadh de rudan a nochd air Aileag rim faighinn an seo anns a' chlòsaid.

Doras
Reasabaidh airson briosgaidean teòclaid.

Janice Ann

50g Siùcar bog donn
50g siùcar mìn
125g Flùr Plain
70g Ìm
1 Ugh
110g pìosan teòclaid
Leth spàin-tì bicarbonate of sòda
1 spàin-tì vanilla extract

Doigh:
1. Le cuideachadh bho inbheach, deasaich an àbhainn gu ceud 's ochdad (180) degree no Gas Mark 4.

2. Suath cliachan is bonn dà threidhe-bèicearachd le ìm no margarine.

3. Cuir an t-siùcar donn, siùcar mhìn, flùr, bicarbonate of sòda, ìm agus vanilla extract ann am bobhla agus meagsaich iad le chèile. Faodaidh sibh forc a chleachdadh airson seo.

4. An uair sin, cuir a-steach an ugh agus an teòclaid agus measgaich gu math.

5. Cleachd spàin agus cuir bàlaichean beaga den mheasgachadh air gach trèidhe. Bu choir dha na bàlaichean a bhith beagan nas lugha na meud bàla-goilf.

6.Feuch gun cum sibh na bàlaichean air falbh bho chèile oir sgaoilidh iad a-mach fhad 's a tha iad 'san àbhainn.

7. Le cuideachadh bho inbheach, cuir an dà thrèidh-bèicearachd dhan àbhainn agus fàg iad ann airson dusan mionaid gus a bheil iad rud beag donn.

8. Feuch nach fhosgail sibh doras an àbhainn airson co-dhiù deich mionaidean no bidh na briosgaidean agad uabhasach flat.

9. Le cuideachadh bho inbheach, tog na briosgaidean a-mach às an àbhainn, agus leig dhaibh suidhe airson mionaid no dhà.

10. An uairsin cuir na briosgaidean air truinnsear gus am fuaraich iad.

11. Tha iad deiseil a-nis airson ithe! Cumaidh iad airson dà là ma ghleidheas sibh iad ann an tiona.

 

Doras


Èist a-rithist
Ma chaill thu Aileag
èist ris an-dràsta.
Jo
Ceist air Jo
Thig a choinneachadh ri Jo. Faigh a-mach mu na cur-seachadan aice, dè an còmhlan as fheàrr leatha agus cuir fhèin ceist thuice.





About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy