

Fàilte gu làrach-lìn Comhairle Luchd-amais Alba.
Is e dreuchd na Comhairle a bhith a’ conaltradh ri luchd-pàighidh na cìse agus aithisg a chur gu Urras a’ BhBC mu choileanadh a’ BhBC ann an Alba, comhairle a thoirt air ceistean a tha a’ nochdadh agus measadh a dhèanamh air dè cho math ’s a tha am BBC air a bhith a’ frithealadh feumalachdan luchd-pàighidh na cìse ann an Alba. Bithear a’ sireadh an comhairle mu mholaidhean airson sheirbheisean ùra, agus mu ath-sgrùdadh air ceadan seirbheis a’ BhBC.
Bheir an làrach seo cothrom dhut do bheachdan a chur gu buill a’ Chomhairle, agus gheibh thu fiosrachadh air na tha a’ Chomhairle a’ dèanamh.
-
Geàrr-chunntasan Choinneamhan
Leugh mu na chaidh a dheasbad aig coinneamhan Comhairle Luchd-amais Alba bhon Fhaoilleach 2007.
An Ath Choinneamh
’S e a’ Choinneamh Bhliadhnail a bhios san ath choinneimh agus cumar i ann an Cill Rìmhinn air 11 agus 12 Màrt 2008.
Cuir do bheachd an cèill
Ma tha thu airson fios a chur gu Comhairle an Luchd-amais, lìon a’ bhileag air loidhne agus cuir a-steach do cheist no do bheachd.
-
Urras a’ BhBC
Dh’fhoillsich Aonad Urras a’ BhBC am Measadh Luachaidh Poblach (PVA) de mholaidhean Buidheann-stiùiridh a’ BhBC airson Seirbheis Dhidsiotach Ghàidhlig ann an compàirt ri Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig (GMS). .
Leugh am brath-naidheachd aig Urras a’ BhBC an seo
Lorg na naidheachdan as ùire bho Chomhairle Luchd-cleachdaidh na Alba le bhith bruthadh an seo
-
Coinnich ri Buill na Comhairle
Brùth an seo airson eachdraidh beatha buill Comhairle Luchd-cleachdaidh na h-Alba a leughadh.
BBC Alba
Leugh an dreach as ùire de Aithisg Bhliadhnail BBC Alba.