Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 22 Dùbhlachd 2009

Muilnean ann am Beinn na Fadhla agus an Uibhist a Deas

Roth uisge

Thàinig fios bho Dhaibhidh Shepherd gu robh muileann ann a' Lionacleit ann am Beinn na Fadhla. B' i an tè mu dheireadh a bha anns na h-Uibhistean agus bha i ag obair suas gu dìreach ron chogadh.

'S e Daibhidh fhèin a thug i às a chèile oir bha i air croit athair. B' e a' chiad obair a bha aige a-riamh agus bha e ag ràdh gur e call a bh' ann. Bha roth mhòr uisge ann agus dam le gàrradh phluic air, ach, ri linn tuil, dh'fhalbh e às a chèile. Bha deich troighean de dh'àirde as an roth agus ceithir troighean de leud innte. Bha abhainn Lagasaidh faisg oirre.

'S ann aig an uachdaran a bha a' mhuileann agus cha robh iad ga cumail suas.

Bha Daibhidh a' smaoineachadh gu robh muileann ann a' Snaoiseabhal, an Uibhist a Deas, cuideachd.

Bha Sìne Currie ag ràdh gur e muileann Ghearraidh a' Bhailteis a chante ris an tè a bh' ann am Mingearraidh.

Caraidhean

Caradh

Tha Fionnlagh MacLeòid ag innse mu sheòrsa eile de mhuileann, muileann-làn, agus tha an còmhradh an uair sin a' gluasad gu caraidhean.

Fionnlagh: Aonan eile a tha annasach as na h-eileanan, agus, gu dearbha, 's ann tearc a thig thu tarsainn oirre ann an Alba. 'S e sin muileann-làn, a th' as a' làn, as a' chladach.

Agus nuair a tha an tràigh a-muigh, tha e falamh. An uair sin tha an làn a' tighinn 's thathas a' glasadh an uisge air cùl na muilne. 'S nuair a tha an tràigh a' dol a-mach, an làn a' dol a-mach, tha a' roth a' dol mun cuairt.

'S tha i ann an Eilean Chileagraidh, agus 's e A' Mhuileann a tha fhathast air an astar far a bheil i. Agus tha dìreach iomall a' bhalla fhathast ann. Agus nuair a tha a' làn a' dol a-steach chì thu far a bheil e a' lìonadh air a cùlaibh.

Iain: Tha, agus tha fhios agam nach e an aon rud a th' ann, ach bha e glè chumanta a bhith a' togail nan caraidhean a bha sin timcheall, tha, tarsainn air bàghan.

Agus nuair a thigeadh a' làn a-steach, eil fhios agad, bhiodh an t-iasg a' tighinn a-steach agus bhiodh iad an uair sin air an glacadh air cùl nam ballaichean a tha sin.

Tha sin gu math, math cumanta.

Fionnlagh: Tha.

Flòraidh: A robh na caraidhean air a' togail le pluic, a' robh iad sin cumanta?

Fionnlagh: O chan fhaca mi sin a-riamh. Bhiodh iad as a' mhuir, eil fhios agad. 'S ann le na dòrnagan clachan, 's chì thu iad nuair a tha reothairt ann, nuair a tha an tràigh mhòr ann. Chì thu iad fhathast. Ceann a' Caraidh air nan Lochan 's Caraidh am Bragar, 's ann an iomadach àite eile.

Iain: Ann an iomadach àite, tha.

Fionnlagh: A bheil an Càrlabhagh?

Iain: Tha còrr fear fhathast dìreach ann am bun na h-aibhne agus chì thu faidhir beàrn ann far a bheil an abhainn a' ruith troimhe. Ach feumadh tu sealltainn an ìre mhath mionaideach agus 's e An Caraidh a th' air.

Fionnlagh: Àiteachean far a bheil tòib 's mar sin, 's ann a tha iad, a' seòrsa bàigh bheag a tha sin. Chan aithne dhomhsa gu robh iad, can, ann an Nis a-riamh, no an taobh sin suas. Ach an taobh creagach, sgrogach a th' agaibhse, thall air an taobh siar ann a' shin, bha iad dualtach a bhith as na cladaichean.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.