Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 08 Dùbhlachd 2009

A' dèanamh mharagan - pàirt 1

Marag dhubh

Mun àm seo dhen bhliadhna bhite a' marbhadh bheathaichean airson gum biodh biadh a bharrachd aig daoine. Bhite a' cumail an fhuil agus a' gheir agus na dubhagan is eile, a bharrachd air an fheòil, airson maragan a' dèanamh. Chaidh Flòraidh a Chalanais, Leòdhas, a dhèanamh maragan còmhla ri Alice NicIllfhinnein. An toiseach dh'innis i dè a bhios a' dol dhan a' mharaig.

Alice: Geir an toiseach, min-choirce, uinneanan, piobar agus salainn. Chan eil mise a' cur flùr, tha tòrr de dhaoine a' cur flùr ann am maragan ach chan eil mise agus cha robh mo mhàthair romham, 's cha robh mo sheanmhair. Càil ach a' mhin-choirce.

Agus, 's e nise, mar a tha an duis, tha a' mhaodal mhòr, sin a' mhaodal mhòr. Bhiodh mo mhàthair a' dèanamh dà leth oirre, agus an àite a bhith ga fuaigheal, bha sinn a' cur bior stocainn brèagha glan, steel.

Flòraidh: Aon uair 's gu robh iad làn?

Alice: O, 's ann. A' cur an dà bheul ri chèile.

Flòraidh: Sin agaibh ma-thà, an dà mhaodal agaibh ann a' shin. A' mhaodal...

Alice: A' mhaodal bheag. Well, chan e. 'S e tha seo a' mhaodal mhòr gu lèir. Sin a' mhaodal mhòr gu lèir.

Flòraidh: O, air a dèanamh na dà leth?

Alice: Air a dèanamh na dà leth.

Flòraidh: O, seadh.

Alice: Mar bu trice, cha bhiodh sinn a' dèanamh ach aon dhuibh. Bhiodh sinn uaireannan, gur e na glasan a bhiodh sinn a' dèanamh agus a' stamag. 'S e luamh a chanas iad ris a' stamag. Agus tha maodal bheag ann cuideachd, ach seo a' mhaodal mhòr gu lèir.

Flòraidh: Seadh.

Alice: Nise, tha maodal bheag, seo a-nis maodal bheag.

Flòraidh: A' rud a th' agaibh an sin san t-sinc?

Alice: Seadh. Seo a-nise maodal bheag. Agus, tha, seo a-nise a' ghlas a tha fosgailte aig gach ceann agus tha thu a' ceangal seo le toidhne. Well, tha snàilean tana agamsa.

Flòraidh: Bheil e fosgailte aig gach ceann?

Alice: Tha a' fear seo fosgailte aig gach ceann. Ach a-nise tha fear eile ann an seo agus tha e dùinte air an dàrna ceann.

Flòraidh: Seadh.

Alice: Agus fosgailte air a' cheann eile. Agus tha e sin furasta a' lìonadh. Seo a' chiad fhear a bhios mise a' lìonadh bhon tha e nas fhasa dhomh.

Flòraidh: Seadh.

Alice: Tha an tòn dùinte air, mar a tha thu a' faicinn. Tha an tòn dùinte air, agus chan eil e ach goirid an taca ris an fhear seo, an taca ris an fhear eile. Agus sin e, tha thu ga lìonadh a-steach ann a' shin agus a' gabhail dha, dha phushaigeadh sìos, eil fios agad, mar seo, gu ruig thu faisg air an ceann eile.

Ach feumadh tu fàgail, cha dèan math dhut a lìonadh gu lèir. Feumaidh tu pìos fhàgail ann airson gu, mar a tha a' mhin-choirce, tha i a' sèid as a' phana.

Agus feumaidh tu dèanamh cinnteach gu fàg thu bìdeag aig gach ceann gun a lìonadh. 'S an aon rud air a' ghlas a tha dùinte. Agus an aon rud air na maodalan cuideachd.

Flòraidh: Agus a bheil taobh, bheil e gu diofar cò an taobh?

Alice: O, mo creach, tha. Siud an taobh a tha a' dol, siud an taobh a tha glan. Siud an taobh as a bheil an gaorr.

Flòraidh: Agus an uair sin, tha sibh ga thionndadh mu chuairt?

Alice: O, tha. Agus seo an taobh a tha glan. Bidh feadhainn a bhios a' tilgeil nan duisichean air an fheur gun tòisich iad gan glanadh, ach cha do rinn mise sin a-riamh.

Flòraidh: Ciamar a tha sibh gan glanadh?

Alice: 'S e a tha agamsa ach bath. 'S e a bhios agam bath.

Flòraidh: A-muigh?

Alice: Seadh. Ma thèid gaorr air a' chuid ud, chan eil mise ag iarraidh fhaicinn. Ma bhurstas càil agus gun tèid e air an taobh sin, an taobh a tha dol a bhroinn a' rud, chan fhuiling mi idir e. Thèid a thilgeil às is gheibh an cù i. Thèid a bruich dhan a' chù.

Flòraidh: Seadh.

Alice: Sin a-nis i. Agus 's ann am broinn seo a tha...

Flòraidh: 'S aon uair is gu bheil e air fhalamhachadh, dè an uair sin? Ciamar a tha sibh ga ghlanadh?

Alice: O tha, a' gabhail dha le bùrn, a' gabhail dha le bùrn.

Flòraidh: A bheil càil eile?

Alice: 'S e 'n taobh ud, 's e 'n taobh ud.

Flòraidh: Tha e corrach.

Alice: Bidh mise, tha, bidh mise a' gabhail dha le cùl sgian, gun dèan mi geal e, eil fhios agad, gu faigh mi a h-uile càil dheth is urrainn dhomh fhaighinn dheth. 'S tha e a' dol ann am bùrn is salainn dà oidhche.

Flòraidh: O, a bheil gu dearbha?

Alice: Tha, tha mise ga chuir, bha sinne a-riamh a' dèanamh sin.

Flòraidh: Tha 'd sin cho glan ris an òr.

Alice: O well, tha. Tha seo cho glan, chan eil, fhios agad, 's e, ged a b' e marag gheal a bhiodh tu a' dèanamh dhen a' sin, cha choimheadadh e dona.

Ach nuair is e marag fuil a tha thu a' dèanamh, chan eil thu a' faicinn càil dhan na th' air an taobh a-muigh. Tha e a' coimhead math gu leòr.

Ach tha tòrr frill air a' seo, agus tha thu ga chuir ann am bùrn is salainn agus gheibh thu dheth e. Èirigh e dheth leis fhèin, a' chuid as motha dheth. Tha beagan nach èirich dheth, nach fhaigh thu dheth.

Flòraidh: Tha e air a bhith ann an uisge?

Alice: O tha seo air a bhith ann an uisge is salainn dà oidhche. Ach tha mi a' dèanamh a' ghèir an uair sin an oidhche mus dèan mi na maragan.

Tha mi a' gearradh a' gheir agus tha e a' dol ann a' mias mar seo. Seo e. Mias mòr enamel mar seo.

Flòraidh: Dè a' gheir a tha sibh a' gearradh? Dè a' gheir a th' agaibh ann a' shin? A bheil dà...

Alice: 'S e geir na lòinichean a th' agam ann a' sheo, bhon tha treallaich fuil oirre. Eil fhios agad, seo an tè as a bheil na dubhagan.

Flòraidh: 'S dè an diofar a tha eadar i sin agus geir eile?

Alice: Well, tha a' gheir eile geal, glan. Tha i sin a' tighinn far a' mhionach. Tha i a' tighinn dìreach far a' mhionach gu lèir. 'S tha mi a' creids' gu bheil e oirnn fhìn. Tha fios gu bheil.

Agus marag gheal, ma tha thu a' dèanamh marag gheal, well, b'fheàrr leam tè a' mhionaich, bhon tha i sin, chan eil fuil idir innte. Chan eil but de dh'fhuil innte. Ach tha beagan fuil mar is trice as an fheadhainn seo.

Flòraidh: Agus an fhuil fhèin?

Alice: Bhon 's ann ann a tha na dubhagan, na bhroinn. Eil fhios agad, 's ann am broinn seo a tha na dubhagan.

Flòraidh: A bha iad, oir tha sibh air an toirt às.

Alice: O, tha mi air an toirt às. O mo chreach, tha mi air an toirt às. Tha.

Flòraidh: Ach tha an fhuil fhèin a-nis, cuideachd, tha...

Alice: Tha an fhuil a-nise, tha an fhuil, tha salainn innte. 'S feumaidh tu a bhith aig an fhuil airson a chuir mu chuairt.

Flòraidh: Tha e rudeigin tiugh a' coimhead.

Alice: O well, chan eil, chan eil. O ma thèid i tiugh, cha chaomh leam idir i. Bidh i cnapach. Ach chan eil. Ma tha thusa a' cur a' salainn innte agus tha thu a' gabhail dhith le sleaghag ga cur mu chuairt.

Flòraidh: Ga chuir mun cuairt leis a' ghrèin, an e?

Alice: Dè an diofar fhad 's a gheibh thu air a cur mu chuairt. 'S ann, mar is trice, leis a' ghrian, leis a' ghleoc co-dhiù. Tha sin airson gun tèid a' salainn, gu leagh a' salainn, eil fhios agad?

Flòraidh: Tha a' salainn ga chumail, dè?

Alice: Tha e ga chumail gun a dhol tiugh. Ma thèid an fhuil tiugh chan eil i cho math idir.

Flòraidh: Nach eil?

Alice: Och, chan eil. Cha bhi mise idir, bidh mise ga tilgeil. Co-dhiù, tha, an uair sin tha mi ga cur tro sìoltachan.

Flòraidh: Seadh.

Alice: Eil fhios agad, tha mi ga cur tro sìoltachan, 's tha i agam ann a' muga.

Flòraidh: Dè is adhbhar dhan sin?

Alice: Air eagal is gum biodh gaisinn, gaisinn dhan a' chlòimh air a dhol innte nuair a bha an fhuil a' tighinn a-mach.

Flòraidh: 'S tha drùdhag agaibh ann a' sin?

Alice: Tha. Tha i ann a' sheo airson nam maragan. 'S ma bhios i ro làidir, is tha uaireannan a bhios, nuair a chì thu i dorcha, uaireannan nuair a bhios tu a' dèanamh na maragan, cuiridh tu rud beag bùrn na measg.

Flòraidh: O, an cuir?

Alice: Ma tha i ro làidir, eagal 's gum burst … 'S e sin a bhios mise a' dèanamh co-dhiù, eagal 's gum burst rud.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.