Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 01 Dùbhlachd 2009

Muilnean agus Uachdarain

Einnsean, Muileann Gharraboist

Tha Fionnlagh ag innse mun cheangal a bha eadar muilnean agus uachdarain. (Le taing do Graham Moireasdan airson na dealbhan de Mhuileann Gharraboist)

Fionnlagh: Bha aon chòig dhiubh ann a' Leòdhas.

Cha robh còir dhi a bhith ann an Garrabost idir, gu h-annasach.

Flòraidh: Carson a bha sin?

Fionnlagh: Bha, an toiseach, 's ann a' Steòrnabhagh a bha i, a' mhuileann mhòr. Agus chaidh i na teine. Agus Lady Matheson an àigh, tha, bidh daoine uaireannan ag ràdh cho math 's a bha Sir Seumas 's a bhean, ach cha leigeadh i dhan a' mhuileann a bhith air a togail a-rithist a-staigh air còraichean a' Chaisteil.

Tha mi creids' gur e goiriseachadh gun deigheadh i faisg air an cunnart a bha na cois. 'S chaidh toirt ùine mhòr a' bruidhinn air gur ann chun Na Lochan a bu chòir dhi a dhol, bhon cha robh, agus chan eil, muileann dhe seòrsa air Na Lochan.

Agus theab i bhith air Na Lochan, 's bha tòrr choinneamhan ann. Cha mhòr nach robh uiread 's a bha mu dheidhinn a' sgoil a tha iad a' togail an-dràsta.

Ach, tha, cha d'fhuair Na Lochan i, 's chaidh i a Gharrabost. 'S cha b' e àite math a bh' ann an Garrabost. Cha robh bùrn gu leòr ann, agus cha robh an dam math. Agus mar a chuala tu, bhris e.

Ach chan eil mi cinnteach a robhas a' cleachdadh an dam suas chun an àm a bhris e, no na sguir iad gu tur ga chleachdadh nuair a thàinig an t-einnsean.

Nise, tha an t-einnsean fhèin, tha e sònraichte. Cha mhòr nach bu chòir prògram a dhèanamh air, bhon 's e aon phiston mòr a th' ann, mar a chunna tu. Agus tha an t-einnsean fhèin annasach.

'S ann le na h-uachdarain mar bu tric a bha na muilnean mòra a bha sin, no le luchd an taca. Agus bha aig luchd an àite ri pàigheadh min air a shon, rud nach robh le na muilnean beaga a bh' as a' bhaile fhèin.

'S nuair a bha thu a-mach air a' chasg bheag, a' lìpidh, eil fhios agad, 's ann à sin as an t-seann aimsir a bha am muillear a' faighinn a chuid.

Bha an croitear bochd a' faighinn na h-uiread, 's an uair sin bhathas a' cur ann am poca a' mhuilleir, agus, ann an eachdraidh, mar tha fios agad, 's ann an dualchas, bhathas an-còmhnaidh a' faireachdainn gu robh am muillear a' dol ann am muinichill na bha tighinn chun na muilne.

Muilnean

Muilnean eile

Bha Ruairidh Moireach, Steòrnabhagh, a bha ag obair an am muileann Dhail, Nis, na bhalach, ag innse nach robh einnsean innte idir. Cha robh ann am muileann Ghrìais a bharrachd, no ann am muileann Bhrèascleit.

Bha muileann ann am Mingearraidh faisg air Gearraidh a' Bhailteis an Uibhist a Deas. Bha na h-uachdarain a' toirt a-steach daoine a dh'aona-ghnothaich airson na muilnean mòra a dhealbhadh agus a dhèanamh. Bha tòrr fiodh annta, oir nam briseadh na rothan, bha pìosan fiodh aca airson an càradh.

Poca a' mhuilleir

Nam briseadh na fiaclan, bha fiaclan fiodha eile ri dhol ann. Le sin bha e tòrr na b'fheàrr fiodh a bhith as na muilnean seach iarainn.

Bha iad air an ruith le muillear sònraichte, no fear-taca, an-còmhnaidh le daoine aig an robh cumhachd. 'S bhite a' briseadh muilnean beaga agus bràthan gus a feumadh daoine a dhol chun na muilnean mòra.

Lìpidh

Seo soitheach airson tomhais, mar baraille beag, agus am bonn aige mar gum biodh trian bho aon taobh, 's dà thrian bhon taobh eile.

'S ann leis an duine a thàinig chun na muilne a bha an dà thrian agus leis a' mhuilleir a bhiodh an trian.

Bha dà phoca as a' mhuileann, poca a' mhuilleir agus poca a' chroiteir.

Cùdainn

Bha Dan Moireach, Nis, ag innse gur e baraille beag, no casg, no tuba bheag fhiodh a bha seo, as am bite a' sailleadh no a' cumail rudan. Chante "Cha sheasadh e fada as a' chùdainn."

Leugh Iain mu shoitheach eile coltach ri cùdainn no baraille beag a bha biorach, no rudeigin cruinn as a' bhonn. Bha e cho corrach agus nach suidheadh e ceart. Bhite ag àithneadh do daoine rud sam bith a bh' aca ri òl gu feumadh iad òl as a' bhad, seach nach suidheadh a' soitheach seo gu cofhurtail.

Lorgar am facal anns an ainm Clach na Cùdainn ann an Inbhir Nis.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.