Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 01 Dùbhlachd 2009

Clann air ùr bhreith

Làrach air leanabh

Bhathas a' creidsinn gu faodadh làrach a bhith air leanabh, nan deigheadh càil a' thilgeil air a' bhoireannach a bha ga ghiùlain. Bha cuimhn' aig Fionnlagh, nuair a bha a phiuthar air turas, a mhàthair ag ràdh gun càil a shadadh na h-uchd, can cnocan snàth no bruis no càil eile, no gur dòcha gum biodh làrach air a' leanabh coltach ris a' rud a chaidh a thilgeil oirre.

Mòr NicLeòid

Leanabh ga nighe ann an allt

Bha Mòr NicLeòid, Brù, Leòdhas, ag innse mar a bhiodh na ceannaichean-siubhal a' falbh leis a h-uile leanabh a dheigheadh a bhreith dhan treubh agus ga nighe ann an allt, allt a bha a' ruith. B' e an t-adhbhar airson sin gu robh iad a' creidsinn gu robh seo a' dol a chruadhachadh a' phàiste mu choinneamh an seòrsa beatha 's dòcha a bha roimhe. Bha e mar gum biodh e a' cur dìon air.

Currac streafain / Currac a' rìgh

Bhite uaireannan a' creic a' streafan sin ri seòladairean ann am bailtean mòra. Bha iad a' creidsinn nam biodh e aca gum biodh seun orra agus nach deigheadh am bàthadh.

Fhuair e car tron deathaich

Bha e na chleachdadh, nuair a dheigheadh leanabh a bhreith gun deigheadh a' leanabh a thoirt do dhuine às dèidh duine, às dèidh duine, anns an teaghlach a' dol timcheall an teine deiseil.

Nan gabhadh seo a dhèanamh, bha iad a' smaoineachadh gum biodh a' leanabh fortanach.

Agus nam biodh duine fortanach na bheatha chante mu dheidhinn, "Fhuair e car tron deathaich".

Aiseid asbhuinneach/ Turas asbhuinneach

Seo a chante nan deigheadh càil ceàrr air boireannach a bha trom. Bha turas no aiseid asbhuinneach aice.

Amannan sònraichte

Uisge-beatha

An t-Ùrdan / Bangaid / An t-Uillean

B' e seo ainmean a bh' air an drama a gheibheadh càirdean agus nàbaidhean ann an taigh far an robh leanabh air ùr bhreith.

'S ann an Uibhist a Tuath a chante an t-uillean ris.

An Fhalairidh

B' e an fhalairidh an drama a bhathas a' tairgsinn aig àm bàis.

Sàmhchantas an fhoghair

B' e seo a chante ri trì no ceithir de làithean socair a gheibhte a-mach mu dheireadh an t-Samhain. Bhiodh daoine an uair sin a' cur fiaragan air cruachan 's a' dèanamh rudan mar sin mus tigeadh an droch shìde.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.