[an error occurred while processing this directive]

Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 17 Samhain 2009

Obair na banaltram agus na bean-glùine

Leanabh beag

Fhuair Flòraidh dealbh air mar a bha cùisean ann an dachaigh agus dùil leanabh tighinn dhan t-saoghal, nuair a bhruidhinn i ri Màiri NicÌomhair à Tolastadh bho Thuath, Leòdhas. Bha Màiri uair ag obair na banaltram agus na bean-glùine.

Màiri: Bhiodh i a' cur fios thugainn gu robh i trom aig an àm agus bha sinn an uair sin a' dol a shealltainn oirre, 's a' gabhail a h-eachdraidh. Bha sinn ag innse dhi dè cho tric 's a bhiodh sinn a' tighinn a shealltainn oirre. Bha sinn ag innse dhi dè mar a dheigheadh dhi, 's càite a' faigheadh i lorg oirnn, dè thionaileadh i airson an àm sin, fiù aodach a' chlann, ma bha i ag iarraidh sin a cheannach ron àm.

Bha feadhainn aca a bha a' smaoineachadh nach robh e ceart dhaibh sin a dhèanamh gun fhios nach deigheadh càil ceàrr, agus a' dèanamh ullachaidhean eile dhen t-seòrsa sin.

Flòraidh: Seadh, cha cheannaicheadh feadhainn aca an t-aodach, an e, no càil sam bith dhan a' leanabh?

Màiri: Bha feadhainn aca nach ceannaicheadh. Bha iad a' smaoineachadh nach robh e ceart. Cheannaicheadh iad na dhèanadh a' chùis dhaibh aig an àm, ach an còrr cha cheannaicheadh iad gum biodh iad cinnteach gu robh a' chùis air a dhol leotha.

Flòraidh: Am biodh iad, a' robh càil aca mu dheidhinn dathan?

Màiri: Well, bha. Bha feadhainn aca nach bu chaomh leotha ceannachd cus gorm no cus pinc. 'S dòcha gun ceannaicheadh iad geal gu lèir, no 's dòcha buidhe no rud dhan t-seòrsa sin. Ach cha robh iad airson a bhith le pinc no gorm gun fhios dè gheibheadh iad.

Flòraidh: Sin agad e. An-diugh bhiodh fhios aca nam biodh iad ag iarraidh, tha mi cinnteach, dè seòrsa, an e balach no caileag a bhiodh ann. Ach bha rudan eile ann, a bha 'd a' creidsinn ann, man àm sin nuair a bha 'd, nuair a bha na boireannaich trom, nach robh?

Màiri: Bha. Bha 'd a' smaoineachadh nan deigheadh càil a bhualadh annta, no nan sadadh duine càil orra, gu robh sin a' dol a dh'fhàgail làrach air a' leanabh a bha 'd a' giùlain.

Flòraidh: Agus an e rud a shadail orra mar mì-mhodh, no dìreach rud a chaitheamh thuca mar "Beir air a' siud," eil fhios agad?

Màiri: Cha chreid mi nach e rud dìreach a dheigheadh a shadadh orra.

Flòraidh: Fiù 's ged nach robh brìgh sam bith às...

Màiri: Seadh. Dìreach. 'S mathaid gu sadadh duine rud oirre. Dh'fhaodadh gur ann gun fhiosda. Ach bha daoine a' smaoineachadh gu robh sin a' dol a dh'fhàgail làrach air a' leanabh, far am buaileadh e air a mhàthair gum biodh a' làrach air a' leanabh as an àite sin.

Flòraidh: An fhaca sibh boireannach a-riamh a' coimhead airson a' chomharra bha sin, ma-thà?

Màiri: Chunnaic. Chunnaic. Agus rud eile a bhiodh iad a' coimhead air a' shon nuair a' gheibheadh iad a' leanabh, 's e a' robh a h-uile càil orra, gach òrdag 's a h-uile càil, gu robh a h-uile càil na àite fhèin.

Flòraidh: A' cunntais nan corragan 's nan òrdagan.

Màiri: Bha 'd a' cunntadh nan corragan 's a h-uile càil, gum biodh iad cinnteach gu robh a' leanabh coileanta.

Flòraidh: Nise, nuair a bhiodh an t-àm a' tighinn, nuair a bhiodh a' leanabh gus a' bhreith, a' robh uidheaman sònraichte a dh'fheumadh a bhith agaibh airson sin?

Màiri: O bha. Bha a h-uile càil a bha sin againn ann am baga a bh' againn a dh' aona ghnothaich air a' shon.

Bha sinn a' toirt linn siosar, 's rud ris an can sinn forceps, agus, tha, bobhlaichean airson a bhith a' cur ann na rudan.

Flòraidh: Am biodh sibh a' toirt sin leibh cuideachd?

Màiri: Bha, bha sin againn as a' bhaga. Bha sinn a' toirt leinn a h-uile càil a bha sin as a' bhaga. Bobhlaichean a dh' aona ghnothaich airson a bhith a' cur a' stuth againn fhèin ann. Cha robh sinn airson càil, cur dragh air càil a bh' as an dachaigh dhan t-seòrsa sin. Bha sin a' dol nar cois.

Flòraidh: Agus, tha, am boireannaich fhèin. Dè dh'fheumadh ise a dhèanamh nuair a thigeadh an t-àm, airson i fhèin ullachadh cuideachd.

Màiri: Well, dh'fheumadh i bhith cinnteach gu robh.. bhiodh sinn ag iarraidh mias oirre, coire le bùrn teth, no rud dhan t-seòrsa sin.

Flòraidh: Nis, an robh a' bhanaltraim leatha fhèin, i fhèin 's am boireannach? Robh sibh leibh pèin nuair a bha a' leanabh a' tighinn?

Màiri: Bha, ach 's dòcha nam biodh piuthar aice, no màthair, gun toireadh sinn a-steach còmhla rinn iad.

Flòraidh: Cha robh guth air fir an uair sin?

Màiri: Cha robh na fireannaich a' dol a-steach aig an àm a bha mise ann idir. Cha robh.

Flòraidh: Duine aca, idir?

Màiri: Cha robh duine aca a' dol a-steach. Cha robh iad ag iarraidh a-steach. Bha 'd a' feuchainn ri cumail cho fada air falbh 's a gheibheadh iad.

Flòraidh: 'S nuair a thigeadh a' leanabh a-nis, nuair a bhiodh e air a bhreith, nuair a nochdadh e, dè a' chiad rud a bha a' bhanaltraim a' dèanamh leis?

Màiri: Bhiodh sinn ga chumail an-àirde 's a' feuchainn ri, man a robh e a' gal sa bhad, 's dòcha gu suathadh sinn an druim aige. Cha robh sinn ga shuathadh cruaidh ach...

Flòraidh: Mar a chì thu as na dealbhan?

Màiri: Cha robh sinn buileach cho trom ri sin. Ach, gus an tòisicheadh a' leanabh a' gal, bha fhios an uair sin nuair a chluinneadh na pàrantan no cò bha còmhla rinn, nuair a chluinneadh iad a' leanabh a' gal, bha fios aca gu robh a' chùis ceart gu leòr.

'S dòcha an fheadhainn a bhiodh as a' chidsin a' feitheamh, gun tigeadh iad a dh'èigheach rinn. Dh'èigheadh iad rinn tron doras a robh a h-uile càil ceart gu leòr, 's dè bh' ann, an e balach no nighean a bh' ann. Thòisicheadh iad an uair sin ag innse dhan a' clann, 's a h-uile càil.

'S bha gàirdeachas an uair sin air feadh a h-uile duine, 's bha 'd airson gu faigheadh iad a-steach a shealltainn air a' leanabh. Bhiodh sinn ga thoirt troimhe thuca uaireannan, 's uaireannan eile a' toirt a h-uile duine a-steach dhan rùm.

Flòraidh: 'S a' robh cleachdaidhean am measg seo a-nis?

Màiri: Well, cha robh mòran. Aig an àm sin cha robh càil ann ach dìreach an gàirdeachas agus.. ach às dèidh sin, 's dòcha gum biodh iad a' toirt glainne fìon no rud dha na daoine a bha timcheall 's duine a thigeadh a-steach a shealltainn air a' leanabh.

Flòraidh: Bha ainm air a' sin, nach robh?

Màiri: An t-ùrdan a bhiodh againne air.

Flòraidh: An t-ùrdan. Agus 's e fìon, an e fìon a thuirt sibh?

Màiri: Fìon, no rud a bhiodh iad ag iarraidh. Bhiodh feadhainn le uisge-beatha, 's dìreach a' rud a bhiodh aca.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.