[an error occurred while processing this directive]

Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 17 Samhain 2009

Iasg

Biorach

Sgait

Chan eil duine air Eilean Bhoraraigh an-diugh, ach bha Tormod MacLeòid, An t-Òb, Na Hearadh a' cuimhneachadh air a' bhodach a bha seo a' bruidhinn air iasg, nam measg am biorach.

Bha a h-uile duine a bha an làthair cho aighearach mun bhiorach, 's a' toirt ruith chàinidh oirre. Ach thuirt am bodach "O, dùinibh ur beòil. Tha a' bhiorach a tha sin cho math ri rud a dh'ith duine a-riamh!"

Bhiodh iad a' faighinn a' bhioraich, ga sgoltadh, ga sailleadh, agus ga tiormachadh gus am biodh i cruaidh. 'S nuair a dhèanadh iad na cruachan eòrna chuireadh iad sreath de bhioraich shaillte eadar sreathan nan sguaban eòrna.

Nuair a bheireadh iad a' chruach às a' chèile anns a' gheamhradh, bhiodh sùgh an eòrna air a dhol a-steach dha na bioraich shaillte, 's tha e coltach dìreach gun itheadh tu do chorragan às an dèidh.

Sgait ghoirt

Ann an àiteachan tha e coltach gum bite a' cur sgait fodha as an òcraich agus gum biodh an t-searbhag as an todhar sin a' cumail an èisg gun a dhol dheth. B' e sgait ghoirt a chante ris.

Croitearachd

Feadan na cruaich

Nuair a bha Dòmhnall Eàirdsidh Dòmhnallach, an t-Òban, ag innse do dh'Iain mu feadan na cruaich, thog e ceàrr e. Cha b' ann anns na cruachan coirce a bha feadan idir, ach as na cruachan feòir a-mhàin.

B' e filistich a bha anns na cruachan coirce.

Sùgan

Bha Tormod MacLeòid à Tolastadh a' Chaolais a' cuimhneachadh air mar a bhiodh daoine a' ceangal nan gocannan feòir mus robh lìn aca. 'S e sùgan a bhiodh aca, sùgan sìoman feòir le dhà no thrì dhuail ann.

Cruachan coirce

Bha thu a' tòiseachadh shìos aig a' bhonn le do dhà làmh agus na h-uilt an-àirde. Bha thu a' tarraing sop a-mach às a' ghoc, ach cha robh thu ga thoirt a-mach ach letheach slighe. Bha thu ga thoinneamh agus bha thu a' dol air adhart agus a' toirt sop eile às a' chruach, a' toirt sin timcheall agus a' dìreadh mar staidhre taigh-solais, staidhre spiral.

Bha seo a' toirt dhut sùgan, ach bha e ceangailte fhathast a-steach dhan ghoc. Bha thu a' cumail romhad mar sin gus a' ruigeadh tu am mullach, leis a' char mu deireadh faisg air a' mhullach.

Bha thu an uair sin a' cromadh agus bha thu a' dol tarsainn a' rud a rinn thu a' dol suas. Bha seo a' toirt mogul mar lìon dhut, 's bha thu a' cumail a' dol gus a ruigeadh tu sìos far an do thòisich thu.

Bha an goc a-nise air a dhìon le sùgan, 's bha fhathast grèim aig a h-uile sop dheth a-steach dhan ghoc. Bhiodh e gu math diongmhalta.

Seo aon rud a bhiodh daoine a' dèanamh an-aghaidh na grèine, chionns gum biodh e a' dol an aghaidh do làmh a bhith a' dol a' rathad eile mur a b' e a' chearrag a bh' agad.

Dais

'S e dais a chanadh cuid ri sìg no cruach fheòir.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.