Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 10 Samhain 2009

Muileann Gharraboist

Tomhas peck

Chaidh Iain cuairt gu muileann Gharraboist, An Rubha, Leòdhas airson bruidhinn ri Iain Moireasdan, Seonaidh a' Mhuilleir. Tha dà einnsean anns a' mhuileann, aon airson solas a dhèanamh, an tèile airson a' mhuileann obrachadh. Thoisich iad leis an àth. (Le taing do Graham Moireasdan airson na dealbhan de Mhuileann Gharraboist)

Seonaidh: Seo far a bheil a' sluagh a' tighinn len cuid eòrna, agus le coirce cuideachd, le sìol coirce cuideachd, nuair a bhiodh iad a' tighinn dhan a' mhuileann.

Agus bha 'd as a' chiad àite a' tighinn a-steach ann a' seo. Bhathas an uair sin ga sgaoileadh air an àth shuas ann a' seo. Gabhaidh an àth sin mu leth-tunna gràn còmhla.

'S bha teine mòr ga chur ann a' seo. Bha sibh a' cur poca mònach air còmhla agus a' cumail an teine sin a' dol airson mu chòig uairean a thìde. Agus bha a' sìol an uair sin, bha e a' fàs cho cruaidh, dìreach gum briseadh tu e eadar d' fhiaclan. 'S bhiodh e an uair sin deiseil airson a dhol a-steach dhan mhuileann.

Nise faodaidh sibh a' dhol suas a' staidhre ach a faic sibh pleataichean na h-àth shuas a' sin.

Iain: Tha sinn a-nis air a' lobhta, mar gum biodh.

Seonaidh: Tha, seo lobhta na h-àthadh ann a' seo. 'S e. Agus mar a tha sibh a' coimhead, tha pleataichean iarrainn ann a' seo. Bidh sinn a' sgaoileadh a' ghràin air mullach nam pleataichean sin, a' cur leth-tunna air còmhla, agus ga thionndadh a h-uile fichead mionaid no leth-uair a thìde gus nach loisg e.

'S an uair sin tha e a' fàs... tòisichidh e a' steamaigeadh. Uaireannan bidh e cho dùmhail nach fhaic thu dud tha thu a' dèanamh. Agus an dèidh dha a bhith air a' seo airson ceithir no còig uairean a thìde, a rèir dè a' suidheachadh as a bheil a' ghràin, eil fhios agad, bidh e a' fàs cho cruaidh gum bris thu eadar d' fhiaclan e.

Bidh e an uair sin deiseil airson a dhol sìos. Bidh sinn ga chuir sìos a' staidhre tro na tuill a tha ann a' sin.

Iain: O, as gach còrnair.

Seonaidh: As gach còrnair, seadh. Bidh na pocannan shìos a' staidhre air na dubhanan, agus ga thoirt à sin a-steach dhan a' mhuilinn.

Iain: Dhan a' mhuilinn. Nise, mas tèid sinn a-null dhan a' mhuilinn, tha, bha sibh ag innse dhomh gum biodh sluagh na sgìre a' tighinn ann a' sheo le na pocannan sìl aca.

Seonaidh: Bha.

Iain: Dè mar a bha iad ag aithneachadh an cuid fhèin?

Seonaidh: Well, bhiodh iad a' cur comharran air na pocannan. Glè thric, pìos luideag, 's dòcha luideag dhearg no luideag dhonn no eadhon snàilean dubh air na pocannan, gus am biodh fhios aig a h-uile duine air na pocannan aca fhèin, nach deigheadh iad troimh-a-chèile orra.

Iain: Nise, air ar slighe a-nuas a' seo mhothaich mi, tha, gu bheil gleann a' ruith ann a' sheo agus mar allt no abhainn bheag. Aig aon àm, an e sin a bha ag obrachadh na muilne?

Seonaidh: O 's e. Bha dam mòr ann a' seo. Bha dam làn uisge agus sin a bha ag obrachadh na muilne. Allt nan Gall a bh' aca air.

Iain: An e sin an t-ainm?

Seonaidh: Allt nan Gall. 'S e.

Iain: Ach ghluais sibh à sin gu bhith ag obrachadh na muilne le einnsean?

Seonaidh: Well, chaidh einnsean a chur innte ann a' 1908, air sgàth nuair nach biodh uisge aca as t-samhradh, cha robh rian aice a bhith ag obair ann, 's chuir iad einnsean innte an uair sin airson sin.

Iain: Ach am b' urrainn dhaibh a bhith ag obair?

Seonaidh: Seadh, sin e.

Iain: Chan eil sgeul air an dam an-diugh, tà?

Seonaidh: Well, chan eil. Dh'fhalbh an dam. Ann a' 1928 bha, aon oidhche, bha tuil uabhasach ann agus dh'fhalbh an dam an uair sin agus cha deach a chuir na chèile a-riamh bhon uair sin. Cha deach.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.