Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 03 Samhain 2009

Creideasan

Bha daoine a' creidsinn nam biodh losgadh-bràghad air boireannach a bha trom gur e balach a bu dualtach a bhith aice, agus balach a dheigheadh a bhreith le cràic fuilt air.

Bhathas cuideachd a' creidsinn nach robh gu math dhut càil sam bith a chaitheamh air boireannach a bha trom.

Bho Fhionnlagh MacLeòid, Nis agus Siabost

Luachair

Lusan

Luachair às An Èipheit am Bragar, Leòdhas

Tha luachair sònraichte a' fàs faisg air an sgoil ann am Bragar a thathas a' smaoineachadh a thàinig as an Èipheit, 's gur e fear de Chlann Ic Phàil a thug ann e. Tha e mòr, coltach ri bulrush.

Bhite ga ghearradh, 's ga thiormachadh air an t-sìoman, 's bha roill a' tighinn às. Aon uair is gu robh e tioram, dubh, bhathas ga shnìomh, 's ga thoinneamh airson sìoman a dhèanamh airson chruachan agus airson eallaich choirce a ghiùlain.

Bho Fhionnlagh MacLeòid, Nis agus Siabost

Innealan

Tora

Bha Donnchadh ag innse mar a fhuair bràthair a sheanmhair dà thora airson a bhith a' dèanamh thuill ann am fiodh. Bha e ag ràdh gu robh e an uair sin air a mheas mar dhuine beartach chionns gu robh tora aige. Bha an tora sin fhathast aig Donnchadh fhèin.

Solas na gealaich

Facail

Feadan

Tha feadan ann a bhios tu a' cluich agus gheibh thu feadan a tha mar gil bheag air a' mhòintich. Tha feadan cuideachd ann a' sine na bà.

Dàmhair na h-oidhche / Marbhan na h-oidhche

Tha dàmhair na h-oidhche no marbhan na h-oidhche a' ciallachadh teis-meadhan na h-oidhche no an t-àm bu duirche.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.