Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 03 Samhain 2009

Amannan sònraichte

Geata

Bho chleachdaidhean agus crostachd Oidhche Shamhna gu aois a' chaorainn aig àm na Bliadhn' Ùire.

Fionnlagh: Chuir e annas ormsa mar a bha na h-aon chleachdaidhean cho sgapte. Tha e an còmhnaidh annasach cionnas a tha dualchas a sgaoileadh, eil fhios agad?

Na rudan beaga, a' falbh le beathaichean no a' falbh le cairtean, 's rudan airson plòidh 's fealla-dhà a dhèanamh. Beathaichean a bhith ann an àite ceàrr mar a' fear a bh' agad-sa, 's an t-each leis a' chairt air gach taobh dhan fheansa. 'S rudan mar sin.

'S tha cuimhn' agam fhìn aon mhadainn as dèidh Oidhche Shamhna, 's cha b' e a' bhò cheart a bh' ann an gin dhe na bàthchannan.

Flòraidh: Geataichean air an tionndadh.

Fionnlagh: Geataichean, bhathas air falbh 's air a' bhò... O geataichean! Cha robh sgeul air geata.

Flòraidh: Cha robh sgeul air geata.

Fionnlagh: 'S bhiodh tu a' falbh le cairt. Tha cuimhn' agam aon oidhche gealaich, mar a chanadh an tèile, 's mur do chuir sinn a-mach an fhuil cha robh ach...

'S sinn le cairt air a' mhachaire agus an duine as ar dèidh. Gu dearbha, cha b' e plòidh a bh' ann an-còmhnaidh. 'S ma bha sinne luath, bha esan luath. 'S bonaid dubh banntraich air, 's eagal ar tòin oirnn nam...

Agus leig sinn às i bho dheireadh, is sgap sinn. Bhon bha a' ghealach ann is chitheadh e sinn.

Flòraidh: 'S a' cur tuirneipean ann a' simileirean dhaoine cuideachd. Bha sin a' dol. 'S cha toireadh duine an aire gus an tòisicheadh an toit a' tighinn a-nuas.

Fionnlagh: Bha, eil fhios agad, 's a' cur sgrathan air simileirean 's rudan. Bha. Agus sin bho àite gu àite.

Iain: Bha aon rud, tha, dhan a mhothaich mi. A' chuimhne a th' agamsa air a' rud, 's e a' chlann-nighean a-mhàin a bh' aig Oidhche Shamhna. An ann mar sin a bha sibhse?

Fionnlagh: 'S ann, gu ìre. Gu ìre. Cha b' ann a thaobh falbh le cairtean is rudan.

Iain: Cha b' ann, ach a-staigh mar gum biodh aig a' phàrtaidh.

Fionnlagh: O, cha b' e partaidh a bh' againn idir. Cha b' e. 'S ann a-muigh, air a' chois a-muigh, aig na geataichean 's na rudan sin.

Chan eil càil a' chuimhne agamsa air ùbhlan. Bha sibhse fada na b' adhartaiche an Càrlabhagh na bha sinne. Cha bhiodh ùbhlan againn ann a' mìas no càil mar sin.

Flòraidh: Cnothan?

Fionnlagh: Cnothan. O bha sin math. Cnothan gan cuir dhan a' stòbha, 's ainm nam balach orra.

Flòraidh: Sin e.

Fionnlagh: 'S mar a spreadhadh e a-mach a rèir cò...

Flòraidh: Sin e. Bha e math nach robh?

Fionnlagh: Bha.

Iain: Bha an t-uabhas dhan a' sin ann, a' tilgeil balach air nighean no an taobh eile. Tha, bha sin, tha mi a' smaoineachadh gu robh sin a' dol gun sguir. Ach feumaidh mi tilleadh chun nan ùbhlan.

Tha mi a' smaoineachadh gu robh na h-ùbhlan, gu robh rudeigin, tha, chan eil diofar cò ris a bhruidhneas tu mu dheidhinn oidhche Shamhna.

Fionnlagh: Cha b' e ùbhlan a' bhuntàta a bh' agaibh, an e?

Iain: Cha b' e. 'S dòcha gur h-e. Carson a bha na h-ùbhlan cho cumanta? Carson a bha iad a' togail ceann? An e gu robh iad air ùr thighinn a-steach no?

Fionnlagh: O well, chan eil fhios. Cò às a bha iad a' tighinn, an dùil?

Bha oraindsearan a' tighinn cuideachd, beagan dhiubh, ach cha robh an t-uabhas. Chan eil fhios agam mu dheidhinn nan ùbhlan ach 's e cleachdadh a th' ann a tha gu math cumanta air taobh a-muigh na Gàidhealtachd, 's gu math farsaing.

Iain: 'S carson a bha an trèiceil? Sin dà rud a bhithinn-sa a' cluinntinn mu dheidhinn an-còmhnaidh. Chan eil diofar dè am pàirt dhan a' rìoghachd as am bruidhinn thu ri daoine mu dheidhinn Oidhche Shamhna, sin an dà rud as cumanta a thig a-mach, ubhlan agus trèiceil.

Fionnlagh: 'S e. Well, tha e mar mòine ann a' stocainn na Bliadhn Ùir. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e aosta, aosta, na rudan sin. A' dol air ais ùine mhòr, na rudan sin.

Iain: An d'fhuair thu fhèin an caoran a-riamh?

Fionnlagh: O, dud eile ach an caoran. Ach tha mi a' smaoineachadh nach b' e plòidh a bh' ann, gur e rud a bh' ann a bha cho aosta ri na bruthaichean bàna, pìos mònach fhaighinn, pìos connadh fhaighinn air Latha na Bliadhn Ùir.

Iain: Tà, bha e ag innse rudeigin dhut.

Fionnlagh: Bha e ag innse dhomh nach robh mòran as a' stocainn! Chan eil fhios agam dè eile a bha e ag innse dhomh.

Iain: Well, dhomhsa bha e ag innse rud sònraichte.

Fionnlagh: Dè bha sin?

Iain: Cha robh mise a' faighinn a' chaorain as a' stocainn gu robhas a' cantainn rium, 's e an dòigh a bh' aig daoine air cantainn "Siud e seachad! Cha bhi do stocainn a' dol an-àrd tuilleadh! Tha thu a-nise air ruighinn aois, tha, aig nach bi thu a' crochadh do stocainn."

Fionnlagh: Aois a' chaorainn?

Iain: Aois a' chaorainn!

Fionnlagh: Fhuair thu an caoran an turas mu dheireadh a chroch thu do stocainn?

Iain: Sin e.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.