Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 27 Dàmhair 2009

Tuilleadh mu Oidhche Shamhna

Snèap

Bha amannan dhen bhliadhna ann a bha sònraichte do chloinn, agus bha Oidhche Shamhna air aon dhiubh sin.

Criosaidh NicRath, Cuidhtinis, Na Hearadh: An Cuidhtinis a chaidh mise a thogail. Tha cuimhne mhath agam air Oidhche Shamhna nuair a bha sinn a' fàs suas. Bhiodh duff mòr ga dhèanamh. Agus bhite a' cur bonn ann, bonn sgillinn agus ga... a' cur cover air le pìos pàipear gus nach tigeadh puinnsean às. Cha robhas airson duine a phuinnseanachadh a' latha ud.

Agus bhiodh, bonn a-nise geal, ga chuir ann cuideachd. Agus cha chreid mi gu robh a' fear sin cho puinnseanta an car a' bhiadh idir.

Agus a-nise, na g' e b' e cò a lorgadh am bonn geal, bha iad a' dol a' phòsadh duine beartach.

'S g' e b' e cò a lorgadh am bonn dorcha tha, well, bha e a' dol a phòsadh duine rudeigin nach biodh cho soilleir fhios agad, 's nach biodh 's dòcha cho maiseach mar sin na ghnùis. Ach co-dhiù tha, 's dòcha nach biodh e cho beartach ris an fhear eile na rud dhen seòrsa sin.

Bhiodh iad an uair sin a' crochadh air... cha b' e slabhraidh idir ach a' meadhan an taighe, no tarraig air a' mhullach, no bho sail a choireigin, pìos sreang agus sgona thiugh. 'S e bonnach trèiceil a bh' ac air, agus nam biodh an trèiceil a' tuiteam às, 's nan glacadh tu e, bha sin gu do bhuannachd cuideachd.

Agus bha an uair sin, mar a bhiodh na bathaichean mòra zinc, tha cuimhn' agaibh uaireigin orra? 'S ann annta a bhite a' bathadh a' chlann nuair a bha iad beag. Cha robh bùrn an uair sin a' ruith as a h-uile taigh ann. Cha robh e ann an taigh idir tha mi a' creidsinn.

Bha na bathaichean mòr, 's bhiodh sinn a' nighe nam plaideachan annta 's rud dhen seòrsa sin, agus ga lìonadh le bùrn gu leth, agus a' cur ann, tha mi smaoineachadh gum biodh dhà no trì a dh' ùbhlan ann. Chan eil mi a' creidsinn gur e aonan idir a bhiodh ann. Ach, a feuchainn ach cò a-nise a bhreitheadh air an ugh sin na bheul, air an ubhal na beul.

Agus, 's ann an dèidh sin a dhol seachad an uair sin a bhiodh iad a' cur, tha mi smaoineachadh gur ann deireadh na h-oidhche a bhiodh iad a' cur ugh ann an glainne, 's e leigeil glainne a' chanadh iad ris agus bha thu a' cur leth na glainne de bhùrn fuar agus bha thu an uair sin a' cur a' ghealagan ugh ann a' shin.

Agus nan tuiteadh sin a-nis sìos gu ùrlar na glainne, bha e a' minigeadh nach robh thu dol a' fhaighinn duine, nach pòsadh tu gu bràth. 'S e seann nighean a bha gu bhith annad, ann an cainnt eile.

Agus nise, nan tigeadh suas a-nis tòrr de bhuilgein air, O, sin an teaghlach a bha gu bhith agad. Fhios agad, geasagan dhen t-seòrsa sin.

'S tha, bhiodh iad an uair sin, àite eile as am biodh iad a' cur bìdeagan pàipear is ainm nam balach a bha timcheall a-muigh, bhiodh iad a' falach air cùl nan cruachan coirce. Agus, tha, thigeadh na balaich sin a-steach aig an àm bhith a' sadadh a' phàipear a bha sin. 'S dh'fheumadh tè de na chlann-nigheanan a bhith a' dol a-mach ga iarraidh, a' fear a bha sin 's tha, no fear a bhiodh ann. 'S thuigeadh e gun tàinig an t-ainm aige an-àrda 's thigeadh esan a-steach. Agus 's e sin a-nis Oidhche Shamhna.

Ealasaid Sutharlanach, Port nan Long, An t-Eilean Sgitheanach: Nuair a bha mi a' fàs na bu shine, cha robh sinn a' cruinneachadh ann an àite. Cha robh sinn ach a' dol a-mach, 's a' siubhal fad na h-oidhche, a' siubhal bho thaigh gu taigh fad na h-oidhche 's a' dèanamh a' spòrs againn fhìn. Cha robh càil de bhiadh againn nuair a dh'fhàs mi na bu shine.

Bha na balaich còmh' rinn. Bhiodh sinn am measg a chèile ach tha mi a' creidsinn nuair a dh'fhàs sinn na bu shine, bhiodh na balaich a' dol a-mach air an ceann fhèin.

Ach tha mi a' smaoineachadh gur ann nuair a thòisich an cogadh, gun do rinn sin diofar mòr dhan ghnothaich. Cha robh e mar a bha e.

Cha chreid mi nach do sguir daoine a dhol a-mach cho mòr an uair sin, ach thàinig e air ais a-rithist as na leth-cheudan 's na trì ficheadan.

Katie Watt, Sgìre a' Bhataraigh, Steòrnabhagh, Leòdhas: A' chiad ullachadh a bha sinn a' dèanamh, bhiodh na balaich a' faighinn snèapan, snèapan mòr, mòr. Of course, bha dùil againne gu robh iad mòr. Nuair a tha thu na do leanabh tha thu a' smaoineachadh gu bheil a h-uile càil cho mòr. Agus bhiodh iad a' gearradh... tha mi a' creids' gu robh iad gan goid, ach cha robh duine a' trod rinn.

Agus bhiodh sinn a' dol do bhàthach. Bha feadhainn shìos a' siud 's bha bò aca, 's bhiodh sinn a' dol a-steach dhan a' bhàthach a' sin. Cha robh e uabhasach comhfhurtail. Bhiodh sinn a' suidhe air coirce, badan coirce, 's bhiodh sinn a' toirt an taobh a-staigh às na snèapan.

'S bha na balaich cho math air a' sin. 'S dhèanadh iad an uair sin aghaidh. Ghearradh iad aghaidh man, nam b' e aghaidh jolly a bhiodh ann, bhiodh am beul suas. Nam b' e aghaidh greannach a bhiodh ann...

Co dhiù, bhiodh ceithir no còig. Cha robh solais air na sràidean ann. Bha dà sholas gas, cha robh electric as a' bhaile an uair sin ann. Cha robh e air a thighinn a Leòdhas.

Bhiodh sinn an uair sin a' cur coinneal dhan an t-snèap, 's bha sinn a' cur làmh air, le sreang. Bha sinn a' dèanamh tri tuill, 's a' cur làmh air.

'S bha sinn a' falbh an uair sin timcheall nan taighean 's a' gabhail an rann "Halloween is coming and the goose is getting fat."

Cha robh false faces ann an uair sin, no adan no càil mar sin, ach tha cuimhn' agam nuair a thàinig na false faces do bhùth Syme air Church Street, 's gheibheadh tu fear air sgillinn.

Ach bha sinne, bha sùith gu leòr, a h-uile taigh, 's e teine fosgailte a bh' ann, 's làmhan a' dol suas, 's bha sinn a' cur sùith oirnn. Bhiodh mo mhàthair a' cantainn rinn a' sùith a chumail bho ar sùilean, 's bhiodh sin geal, timcheall air na sùilean, agus air ur beul.

Agus feadhainn eile, 's e flùr a bhiodh iad a' cur orra, a' dèanamh ghosts.

Agus a-nise, bha sinn a' cur seann aodach oirnn. Cha robh fancy dress ann a bharrachd, piullag sam bith a gheibheadh tu.

'S bhiodh sinn a' cur coirce timcheall air ur meadhan. Bhiodh sinn a' falbh le na badan coirce. Cha robh duine a' trod rinn. 'S a h-uile duine cho aoigheil 's cho gasta rinn. Bheireadh iad, O, gheibheadh sinn sgillinn, gheibheadh sinn sgillinn co-dhiù.

Nise, bha naoi taighean fichead as a' Bhataraidh, 's na faigheadh tu sgillinn as a h-uile taigh, bha sin mìorbhaileach!

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.