Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 27 Dàmhair 2009

Seanfhacail agus Abairtean

'S e an geamhradh luath an geamhradh buan

Nan tigeadh an geamhradh tràth bha na seann daoine a' creidsinn gu robh e a' dol a sheasamh na b'fhaide.

Oidhche agus geàrr mhios o Shamhna gu Fèill Anndrais, agus trì oidhcheannan a dh'easbhaidh a' gheàrr mhìos eadar Fèill Anndrais agus an Nollaig

Bho oidhche Shamhna, an oidhche mu dheireadh de mhìos an Dàmhair, gu Fèill Anndrais, sin an oidhche mu dheireadh den t-Samhain, tha ochd thar fhichead latha agad. Sin a' gheàrr mhìos.

Welt

Bho Fhèill Anndrais gu Nollaig, tha thu a' toirt trì oidhche far an ochd thar fhichead, agus sin na "trì oidhcheannan a dh'easbhaidh a' gheàrr mhios" eadar Fèill Anndrais agus an Nollaig.

Oidhche Shamhna canar gamhna ris na laoigh

Latha Fèill Sheathain theirear aighean riutha a-rithist

A' tilgeil balach / nighean ort

Bhathas an còmhnaidh a' feuchainn ri balaich agus clann-nighean a chuir mu choinneamh a chèile. Bha an obair sin a' dol gun sguir, agus chante gu robhas "a' tilgeil balach no nighean ort".

Balt / Tha thu air a' bhalt!

Ma tha balt a' tighinn air an latha tha i dìreach a' soillearachadh.

Gheibh thu balt cuideachd air brògan, ann am Beurla welt.

Agus chanadh iad mu dheidhinn daoine, "Tha thu air a' bhalt!" a' ciallachadh gu robh thu faisg air na sgillinnean mu dheireadh a bh' agad san t-saoghal a chaitheamh.

'S e an dealbh a bha iad a' dèanamh gu robh fiù 's na brògan agad air caitheamh. Bha thu air leth-bhuinn nam bròg a chaitheamh, 's bha thu sìos chun a' bhalt. Bha thu "air thogail".

Bho Sheonaidh Ailig MacIlleathain a' Griomasaigh, Uibhist a Tuath.

Abair gu robh cosgaradh a' siud!

Bha cosgaradh a' ciallachadh an aon rud ri sùmachadh no colpachadh.

B' e sin an àireamh bheathaichean a b' urrainn a bhith aig croitear sam bith mu choinneamh meud na talmhainn a bh' aige.

Caoraich

Dh'fhaodadh e a bhith air a dhèanamh an-àrda le caoraich no le crodh no measgachadh bheathaichean, le àireamh shònraichte de chaoraich a' dol mu choinneamh aon mhart.

As na Geàrranan, Leòdhas, nuair a bhiodh iad a' cur a-mach a' chosgaraidh, dh'fheumadh coinneamh baile a bhith ann agus dh'fheumadh a h-uile duine a thighinn gu aonta mu cia mheud beathach a dh'fhaodadh a bhith air a' bhaile, taobh a-staigh nan riaghailtean a bha a' tighinn thuca.

Mar sin dheth, bhiodh buidheann dhaoine a' cruinneachadh, a h-uile duine a bha na chroitear no aig am biodh beathaichean a' cruinneachadh chun na coinneamh seo.

Tro thìde thàinig am facal cosgaradh gu bhith a' ciallachadh cruinneachadh sam bith a bhiodh ann an taigh. Nam biodh dithis no triùir a' cèilidh ann an taigh is iad a' còmhradh 's a' dèanamh beagan fuaim, 's dòcha gun canadh cuideigin, "Abair gu robh cosgaradh a' siud!"

Chuala Iain duine a' cantainn, 's e air a dhol seachad air taigh, agus air beagan gleadhraich 's còmhradh a chluinntinn a-staigh, "Bha cosgaradh a' siud, no bha dithis bhoireannach a-staigh!"

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.