Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 20 Dàmhair 2009

Seanfhacail agus Abairtean

Tha làn do sheacaid agad!

Nan canadh tu gu robh do leòr agad ri dhèanamh, bhiodh tu ag ràdh gur e sin an ìre mhath na b' urrainn dhut a dhèanamh. Agus dh'fhaodadh do charaid an uair sin cantainn, le co-fhaireachdainn, "Tha làn do sheacaid agad!"

Bho Lachaidh MacGillÌosa, Stafainn, An t-Eilean Sgitheanach

Ag òl deoch

Bha sin mus deach do ràimh a chnotadh!

Chante seo ri cuideigin a bha an-diugh gu math na b'fheàrr dheth na bha iad uaireigin. Bhite a' cur cnotain, coltach ri bogsaichean fiodha, uaireigin timcheall air luinn nan ràimh gus an suidheadh iad ceart air beul na h-eathar agus nach biodh iad a' caitheamh.

B' e lunn am pìos dhen ràmh a tha a' falbh bho far a bheil grèim agad air chun an liagh, am pìos a bhios as a' mhuir. Tha a' lunn fada agus cruinn, agus, gus a suidheadh e ceart air beul na h-eathar, bhiodh iad a' cur ceithir bùird timcheall air pìos dheth, mar bogsa, agus b' e sin an cnotan.

'S e mar gum biodh adhartas a bh'ann nuair a chaidh cnotain a chuir air ràimh agus, le sin, bha "mas deach do ràimh a chnotadh" a' ciallachadh "mas d'fhuair thu air adhart san t-saoghal".

Chan òl thu deoch dha d'aindeòin gu oidhche

Chante seo riut nam biodh tu air rudeigin a bha uabhasach saillte ithe.

'S ann agad a tha an calafònia!

Nam biodh tòrr dhaoine a-staigh agad chante seo le duine a thurchradh tighinn a-staigh. Bhiodh e a' ciallachadh gu robh tòrr fuaim, no fiù gleadhraich, as an taigh.

Bho Nan NicLeòid, An Rubha, Leòdhas

Air an allaban

Chante seo nuair a bha duine a' falbh bho àite gu àite, 's gun fhios càite an robh e.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.