Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 20 Dàmhair 2009

Arbhar is cruachan

Filistich

A' togail na cruaich

Seo ainm eile airson na frèaman fiodha, ris an canadh cuid sagairt, a bhiodh am broinn nan cruachan arbhair, a' ciallachadh gu robh mar gum biodh toll am mullach na cruaich, a' toirt cothrom don èadhar faighinn a-staigh airson an coirce no an t-eòrna nach robh buileach tioram a chumail gun lobhadh.

A' chailleach mhall

Mur a biodh cabair fhiodh aca, bhiodh iad a' ceangal grunn sguaban ri chèile agus a' cur seo ann an teis mheadhan na cruaich, agus an uair sin a' togail na cruaich timcheall air na sguaban seo. B' e a' chailleach mhall ainm sònraichte a bh' aca airson seo.

Mur a robh duine airson filistich no sagairt no cailleach mhall a chleachdadh aig cridhe na cruaich, bha dòigh eile ann.

Bha cuid ann a bhiodh a' lìonadh poca dà bholla, poca dà sgèile, le arbhar no le feur agus an uair sin a' togail na cruaich timcheall air a' sin. Mar a bha iad a' gluasad suas, bha iad a' slaodadh a' phoca suas agus a' fàgail feadan a' dol suas ann an teis meadhan na cruaich.

Nuair a ruigeadh iad suas, mus tòisicheadh iad a' toirt a-steach na cruaich, bha iad a' stopadh ceann shuas an fheadain le feur no connlach, agus an uair sin a' toirt air falbh a' phoca.

Bho Dhòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach agus bho Dhòmhnall MacIlleathain, Uibhist a Tuath

Bile na cruaich

Air sgiobaig

B' e nàdar briseadh ann am meadhan na cruaich a bha seo. Bha a' chruach a' tighinn còmhnard an àrd, 's nuair a thòisicheadh tu ga toirt a-steach, bha thu a' fàgail a' chiad chuairt de na sguaban a-mach rud beag ach an cuireadh i an t-uisge dhith.

B' urrainn dhut am bile a dhèanamh grinn leis a' spaid às dèidh làimh, le bhith a' bualadh a' choirce no an t-eòrna a-steach.

Ma bha deagh bhile air cruach, air a dhèanamh ceart, b' e seo comharra an deagh chroitear a rinn obair an fhoghair, a bha a-nis deiseil, gu grinn agus gu dòigheil.

Bho Dhòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach, Uibhist a Tuath

Air sgiobaig

B' e seo a chante ri gèam a bha coltach ris a' ghèam Tig, as a' Bheurla. Bhite ga cluich timcheall nan cruachan coirce is eòrna ann an Uibhist a Tuath.

Bhiodh gille no nighean a' ruith, 's a' bualadh duine eile, 's an uair sin a' ruith air falbh. Dh'fheumadh an duine a chaidh a bhualadh an uair sin ruith as dèidh an duine a bhuail e, agus feuchainn ri bualadh annsan no inntese.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.