Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 20 Dàmhair 2009

Cleachdadh sònraichte a bh' aca an Uibhist

Ban-tighearna nan Eilean, Uibhist a Deas

B' ann mun bhliadhna 1952 a thòisich cleachdadh sònraichte ann an cuid a choimhearsnachdan an Uibhist a Deas, le ìomhaigh de Mhoire Mhàthair a' dol bho thaigh gu taigh, oidhche an dèidh oidhche. Dh'innis Màiri Nic Ruaraidh às a' Chaolas, Loch a' Chàrnain, do Fhlòraidh mun chuimhne a bh' aice fhèin air a' chleachdadh seo.

Màiri: Tha, mìos October, bhathar riamh a' cleachdadh a bhith gabhail na Conair Mhoire, chionn bha 'n cleachdadh ann, tha, a h-uile h-oidhche agus mun aon àm, mu naoi uairean, bha an teaghlach uileag a' dol air an glùinean sìos, agus a' gabhail na Conair Mhoire.

Agus, bha a h-uile sìon, gach leughadh, 's gach Leadan, 's a h-uile sìon a bha co-cheangailte ris na còig rùin gan gabhail.

'S e m' athair, fois na sìorrachd dha, 's e a bhiodh a' gabhail na Conair Mhoire a-staigh, agus bhiodh sinn a' gabhail fadachd gu leòr, chionn bhiodh e a' toirt mu fhichead mionaid. Agus fichead mionaid air do ghlùinean air ùrlar cruaidh, bhiodh tu ga fhaireachdainn gu math fada.

Ach 's e deagh chleachdadh a bh' ann; cleachdadh brèagha, cleachdadh a bha luachmhor do theaghlach a chionn chuala tu a' facal, "A' rud a chì a' chlann bheag, 's e a nì a' chlann bheag." Agus leanaidh e fhad 's a bhios tu beò.

Flòraidh: Nise, bha bho chionn bhliadhnachan, 's faodaidh tu fhèin innse dhuinn cuin a bha sin, thòisich cleachdadh, nach do thòisich, nuair a bhiodh a' statue, 's e bhiodh aca air, a' dol timcheall nam bailtean.

Màiri: 'S ann as a' bhliadhna, tha mise a' smaointinn, dà fhichead agus a dhà dheug. Saoilidh mi gur ann, ri linn Maighstir Iain Moireasdan, fois na sìorrachd dha, a bhith ann an Àird Choinnich. 'S e a thòisich air a' chleachdadh a bha sin.

Flòraidh: Sin agaibh Father Rocket, 's e bhiodh aca air, nach e?

Màiri: 'S e dìreach. Sin agad Father Rocket. 'S ioma rud àraid a rinn e as a' pharaiste, agus 's e aon dhiubh gun do chleachd e a' statue beag, brèagha a bha sin, ìomhaigh Moire ann an case beag, snog, a' falbh o dhachaigh gu dachaigh.

Flòraidh: Agus bidh e a-nist a' tòiseachadh aig aon cheann, tha, well, can 's a' chiad bhaile nach e, 's a' chiad taigh 's a' chiad bhaile?

Màiri: 'S e. Tha e a' tòiseachadh an ceann shìos a' pharaiste, an Àird a' Mhachaire, 's tha e ag obrachadh gun cuir e cuairt agus gus an ruig e mu chuairt gu Gròigearraidh.

Flòraidh: Sin agad e. Seadh ma tha. An oidhche a tha a' statue a' tighinn gu teaghlach, dè seòrsa ullachadh a tha a' dol?

Màiri: O bha. Nuair a bha a' statue ann, bha ullachadh mòr ga dhèanamh. Bha an taigh, an taigh air a sgioblachadh suas, bòrd air leth, le tubhailt gheal air a chuir a-mach.

'S bhiodh dà choinneal, 's bhiodh uisge coisrigte, airson gu suidhicheadh a' statue ann am meadhan a' bhùird a bha sin.

A bharrachd air a' sineach, bhathar airson, as dèidh an ùrnaigh a bhith seachad, tì 's a h-uile sìon àraid mar a bha bèicearachd is rudan milis, is rudan matha, a chionn an uair sin bhiodh deagh chuid de dhaoine a' cruinneachadh gu aon dachaigh airson na h-ùrnaigh.

Flòraidh: Sin agad e. Nise, tha seòrsa de chuimhne agam fhìn air a' seo cuideachd, a Mhàiri, agus bhiodh clann a' coimhead air adhart leis a' seo gu mòr, chionns, fhios agad, bha cothrom aca, nach robh, a dhol bho thaigh gu taigh as a' bhaile aca fhèin?

'S mar sin bha, cha mhòr nach biodh, well a rèir 's an àireamh thaighean, bha oidhche mar gum biodh oidhche aca a-staigh 's daoine a' tighinn chun an taighe, 's oidhche aca ann an taighean dhaoine eile, nach robh siud ceart?

Màiri: O bha. Agus, agus fios aca gu faigheadh iad rudan matha ri ithe, mar briosgaidean matha, 's bonnaich, 's a h-uile sìon àraid mar sineach.

Flòraidh: Bha, 's rud eile tha cuimhne agam air cuideachd, chan eil fios agam a bheil mi ceart seo a ràdh gus nach eil, ach bhiodh seòrsa de dh'fharpais ann fiù 's am measg na cloinneadh, cò an taigh as am b'fheàrr a faigheadh tu, o well, cèic as an taigh ud, 's gheibh sinn siud ann an taigh eile, fhios agad, 's bhiodh sinn a' comharrachadh a-mach dè bhiodh sinn a' dol a dh'fhaighinn.

Màiri: O bhiodh. 'S bha, bha fios agad, bha cuid a thaighean as am biodh barrachd gu h-àraidh airson chloinne na bhiodh ann an taighean eile.

Tha cuimhne 'am fhìn nuair a bha a' statue a-muigh againn fhìn agus bhiodh sinn a' falbh a-mach a Chailtirnis, coimhearsnachd an-diugh a tha...

Flòraidh: A tha air a dhol bàn. Chan eil duine ann.

Màiri: Tha i air a dhol mu sgaoil. Chan eil duine a' fuireach an Cailtirnis an-diugh.

Agus nuair a bhiodh an t-sìde math, chionn cha robh rathad a' dol ann 's chan eil fhathast, ach bha sinn, gu math tric bheireadh m' athair nach maireann a-mach a' statue as a' sgothaidh. Agus 's e trip air leth a bh' ann dhuinn falbh a-mach ann a' shin.

Flòraidh: Spòrs gu leòr agaibh, ma tha?

Màiri: Agus a Chailtirnis. Agus a bharrachd air gu robhas a' cruinneachadh airson na h-ùrnaigh, bha e a' dèanamh cèilidh, agus bha daoine a' faighinn còmhla 's bhiodh naidheachdan a' dol. Agus abair thusa gu robh e àraidh.

Flòraidh: Sin agad e. Nise, a' bruidhinn air... nuair a thigeadh i chun an taighe, eil fhios agad, na h-ùrnaighean. Ciamar a bha sin a' tachairt?

Innsibh dhuinn, dèanaibh dealbh air dè bha a h-uile duine a' dèanamh, 's cò a bha a' dèanamh dè.

Màiri: Bha, bhathar a' toir urram mhòr dhith. Bha coinneal laiste air a coinneamh. Bhathas ga suidheachadh air a' bhòrd, tha, a bha deiseil air a son, agus coinneal laiste air gach taobh.

Agus cha robhar a' dèanamh mòran cèilidh no seanchas gus am biodh a' Chonair Mhoire seachad agus ùrnaigh no dhà.

'S bha aon ùrnaigh air leth ann, airson a' statue fhèin. Baintighearna nan Eileanan a chante ris an ùrnaigh agus...

Flòraidh: 'S bha sin a bharrachd air a' Chonair Mhoire agus ùrnaighean eile cuideachd nach robh?

Màiri: O bha. Eil fhios agad nuair a tha thu a' gabhail na Conair Mhoire, tha thu ag usachadh a' leabhair, leabhar ùrnaigh, 's e Leabhar Iùil a' Chrìosdaidh.

Flòraidh: 'S e, leabhar beag uaine. Tha cuimhn' agam air.

Màiri: Tha. Sin agad a' leabhar, agus tha e againn fhathast. 'S bidh sinn a' gabhail na h-ùrnaigh. Sin a' leabhar a thathar ag usaigeadh. Ach nuair a shuidhichte a' statue air a' bhòrd a bha air a dheisealachadh air a son, bha a h-uile duine a bha a-staigh, 's na daoine a thigeadh chun an taighe, bha iad a' dol sìos air an glùinean agus bha an duine a bha a' dol a ghabhail na h-ùrnaigh, na Conair Mhoire, bha e a' beannachadh a h-uile duine a bha sin leis an uisge choisrigte. Agus 's e esan, 's e a bhiodh a' cumail roimhe. 'S bha sin a' tachairt as a h-uile dachaigh.

Flòraidh: Dè an ùine a bhiodh e a' dol?

Màiri: Well, bhiodh gu math tric còrr is fichead mionaid, no suas gu leth-uair an uaireadair, a-rèir dè cho luath 's a bhiodh an duine a bhiodh a' gabhail na h-ùrnaigh.

Flòraidh: Sin e dìreach.

A Mhàiri, fhios agaibh dè an dealbh as fheàrr a tha nam inntinn-sa dhe seo? Tha cuimhn' agam an tè a bhiodh a' dèanamh nan ùrnaighean as a' bhaile againn fhìn, an Àrd na Mònadh.

Màiri: Seadh.

Flòraidh: Tha. Bheil cuimhn' agad, tha pìos ann, far am bi an duine a tha a' leughadh na, nan ceistean 's rudan a' dol. fhios agad, "A Naomh Ghabriel 's a Naomh Ghriogoraidh," 's mar sin.

Màiri: Seadh.

Flòraidh: 'S bidh sinn ag ràdh, "A' guidhe air ar son."

Màiri: Sin a' rud ris an can iad na Leadain.

Flòraidh: Na Leadain. Aidh. A' dèanamh na Leadain.

Màiri: Seadh.

Flòraidh: Bhiodh ise a' dèanamh na Leadain. Agus bhiodh a h-uile duine eile a' freagairt, "A' guidhe air ar son."

Màiri: Bhiodh.

Flòraidh: Agus bhiodh sinne nar cloinn, còmhla 's dòcha air cùlaibh chàich, agus 's dòcha mar as luaithe a bhiodh iad a' dol air adhart, bha "A' guidhe air ar son" a' dol gu "Gu son, gu son."

Màiri: O well, tha deagh chuimhne agamsa nuair a bhite a' gabhail na Conair Mhoire a-staigh againn fhìn. Chan eil seo aig àm na statue idir, ach nuair a bhite a' gabhail na Conair Mhoire ann a' mìos October.

Nan saoileadh m' athair nach maireann gu robh duine againn, no gu robh sìon de mhì-mhodh no gàireachdainn a' dol air adhart.

Flòraidh: Rud a bhiodh uaireannan, am measg chloinneadh, beagan dheth co-dhiù.

Màiri: Stadadh e, agus choimheadadh e, agus dh'fheumadh tu a bhith gu math cinnteach gu robh thu a' toir aire air a' rud a bha, air an ùrnaigh a bha a' dol.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.