Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 13 Dàmhair 2009

A' tughadh le bun-dubh

Donnchadh MacMhathain

Seo an còmhradh a bha aig Donnchadh agus Iain mu tughadh le bun-dubh.

Donnchadh: An tughadh a rinn mise leis a' bhun-dubh, rinn mi leis mar a bha mi a' dèanamh leis a h-uile tughadh eile.

Bha mi a' dèanamh sguaban beaga, well meadhanach beag airson an diaball. Nise an diaball, sin agad eaves ann am Beurla.

Iain: 'S e. Well, bha mi dol a dh' fhaighneachd na ceist. 'S e sin a bh' agaibh air eaves?

Donnchadh: Well, sin an diaball. 'S feumaidh an diaball a bhith gu math làidir, a bheil thu a' tuigsinn?

Iain: Tha.

Donnchadh: Bhon tha e a' tighinn thar a' bhalla.

Iain: Tha sin ceart.

Donnchadh: Agus bha mi a fàgail a' sguab mar a bha i. Tha, fhios agad, a' dèanamh sguaban speisealta air a shon, 's gan ceangal cruaidh agus a' cur tè dhiubh sin dìreach thairis a' bhalla.

Bha thu a' tòiseachadh mar sin 's bha thu a' ceangal sin cho math 's a ghabhadh e ceangal, ris an fhiodh a bha fodha.

Iain: Ciamar?

Donnchadh: Well, bha mise ga fhuaigheal air le teudan sam bith. Well, as an t-seann latha, 's e, cha b' urrainn dhut dad dhen t-seòrsa sin fhaighinn. 'S e tarred hemp tha mi a' creidsinn a' stuth a b'fheàrr air a shon bhon sheasadh e an t-uisge 's sheasadh e .... Cha bhiodh e dona air grodadh leis an teàrr a bhith ann.

Ach gheibh thu cuideachd air taghaidhean nuair nach robh sin aca no rud sam bith leis am b' urrainn dhaibh a cheangal agus 's e lathaisean agus dromanaich a bha 'd a' cleachdadh.

Iain: Nach inns sibh dhomh a-nis man deidhinn-san.

Donnchadh: Well, na lathaisean, 's e sin slatan fada, caola, mar is trice dhe calltainn. Agus nuair a, nan dèanadh tu cùrsa dhe tughadh, bha thu a' cur fear dhuibh sin na laighe an teis mheadhan a' chùrsa a bha sin, mar a theireadh tu.

Agus dh'fheumadh tu an uair sin iad sin a shnasachdainn. Agus 's ann le dromanaich a bha thu a' dèanamh sin. An dromanach, 's e pìos eile dhe calltainn. Abair, bhiodh tu ga dhèanamh cho fad 's a bha feumach aig an àm.

Nam b' e tughadh uabhasach tiugh a bh' ann, dh'fheumadh iad a bhith na b' fhaide, tha fhios agad, mar a thuigeas tu.

Agus an dòigh as an robh thu gan dèanamh, bha thu gan gearradh. Bhithinn-sa gan gearradh aig troigh gu leth gach taobh. Bhiodh sin mu trì troighean de dh'fhaid air fad.

Agus bha thu gan dèanamh biorach aig gach ceann. Bha thu an uair sin a' togail teine eadar dà clach agus bha thu a' leagail na dromanaich a bha seo air uachdar an dà chlach gus nach robh an teine a' faighinn dad ach a' meadhan aig an fhiodh air a bheil mi a' bruidhinn.

Iain: Tha mi a' tuigse.

Donnchadh: 'S nuair a bha e aig an ìre cheart, agus tu a' saoilsinn gu robh e teth gu leòr bha thu a' breith air fear agus bha thu a' toirt tionndaighean uabhasach luath dha, fhios agad, eadar do làimh, faisg air a' mheadhan.

Agus bha e a' lùbadh timcheall. Agus bha thu ga tharraing ri chèile agus bha, dìreach mas urrainn dhomh a chur ann an dòigh as an tuig thu e, bha e mar gum biodh stapall air a dhèanamh dhe fiodha.

Iain: Well, bha mi dìreach a' smaoineachadh gur e sin a bha sibh a' dol a ràdh.

Donnchadh: Sin a bhiodh ann. Bha thu a' stobadh sin as an talamh 's chumadh e a chumadh meadhanach math mar sin, eil thu a' tuigsinn?

Iain: Chumadh, chumadh.

Donnchadh: Na leigeadh tu às e, 's a thilgeil air an talamh, dòcha gum biodh e gu math, thigeadh e còmhnard air dhòigh 's gu... ach nuair a leigeadh tu leis fuarachdainn.

Iain: Nise, faod mi aon cheist a chur oirbh?

Donnchadh: Faodaidh, na thoilicheas tu!

Iain: Far a robh sibhse, cha robh sibh a' losgadh, ach a' teasachadh, tha, a' challtainn. An robh sin dha neartachadh no dha lagachadh no a' dèanamh rud sam bith ris?

Donnchadh: O well, bha thu ga dhèanamh gu math teth chionn agus na robh am pìos calltainn a bh' agad meadhanach tiugh, 's e duine glè thapaidh a thionndaigheadh e. Dh'fheumadh e a bhith gu math teth. Bhiodh e dubh.

Ach cha robh sin a' dèanamh cron sam bith air an fhiodh. 'S ann a bha e a' dèanamh feum dha.

Iain: Seadh, 's e sin mo cheist, ma tha.

Donnchadh: 'S e. Bha a' dèanamh feum dha. Fiodh sam bith a bhiodh tu a' cur fon talamh, no airson gu seasadh e, tha, tha e uabhasach math dha, a losgadh.

Nam biodh mise a' dol a chur post as an talamh, na rud sam bith dhen an t- seòrsa sin, 's gu robh tìde agam air a shon, loisginn bàrr a h-uile gin dhuibh.

Chan e am bàrr buileach glan, abair, ach far a bheil iad a' dol a-staigh as an talamh, eadar a... a bheil thu a' tuigsinn?

Iain: Tha.

Donnchadh: Beul an talamh, mar a their iad.

Iain: Tha mi a tuigs'. Tha mi a tuigs'.

Donnchadh: Sin agad far an grod pìos fiodh sam bith.

Iain: 'S ann, 's ann.

Donnchadh: 'S ann am beul an talamh. Agus ma loisgeas tu e, tha e a' dèanamh feum uabhasach dha. 'S tha mi creids gu faigh thu dhà uair, dhà thìde às, co-dhiù, ma nì thu sin. Agus cha robh e a' dèanamh cron sam bith air na dromanaich leis a' sin.

Iain: Cha robh. Agus bha e a' toirt dha duine an comas a lùbadh cuideachd?

Donnchadh: O, an comas a lùbadh. Airson na dromanaich. Bha, gun teagamh.

Iain: Seadh a-nis. Sin an dòigh a bh' aca air an tughadh a cheangal.

Donnchadh: 'S e.

Iain: Seadh. Dè a-nise an ath cheum? Bha an tughadh a bha sin, am bun-dubh, a' dol air bho aon cheann dhan an taigh chun a' cheann eile?

Donnchadh: Bha, ach cha b' urrainn dhut a dhèanamh aig an aon àm, a bheil thu a' tuigsinn? Cha bhiodh tu a' dèanamh ach stiallan dheth, rud a bhiodh freagarrach.

Tha dòigh air a' bhun-dubh eadar-dhealaichte ri tughadh sam bith eile. Agus tha thu a' cur dà fhàradh an àrda, eil thu a' tuigsinn?

Iain: Tha. Siuthadaibh.

Donnchadh: Aig astar àraid bho chèile. Agus tha thu a-rèiste a' faighinn dèile mhòr, tiugh, làidir, agus tha thu a' cur sreath dhen a' bhun-dubh air uachdar an dèile.

Iain: Seadh.

Donnchadh: Agus nuair a nì thu a' streath a tha sin, tha thu a' cur an dèile an àrda pìos eile.

Iain: Tha mi a' tuigse. Tha, tha mi a' tuigs'.

Donnchadh: Agus mar sin, 's mar sin air adhart, gus am bi e ann a cheann, abair.

Bhithinn-sa ga chaitheamh, aig och, mu h-uile troigh, agus a-rèist a' tòiseachadh a-rithist an aon dòigh, a bhith na cheann dòigh a choireigin le lathaisean no le teudan eile.

Chunnaic mi a bhith a' cur air, cuideachd as a' latha an-diugh faodaidh tu rudan a bhith agad nach robh aca uaireigin, eil fhios agad. Chunnaic mi a bhith a' cur wire caol air, fhios agad, as an robh neart mòr is dh'fhaodadh tu a tharraing cruaidh 's a thoilicheadh tu 's mar sin.

'S bha thu a' cumail air adhart an àrda gu mullach an taigh mar sin, chun a' chìrean.

Iain: Seadh.

Donnchadh: Ach cha b' urrainn dhut an cìrean a dhèanamh le stuth mar sin agus cha b' urrainn dhut a dhèanamh le cuilc làidir na bu mhotha. Chionn agus nach lùb iad a-null thar a' mhullach.

Iain: Chan eil iad mar gum biodh bog gu leòr airson tionndadh?

Donnchadh: Chan eil iad bog gu leòr is cha mhotha na sin a tha raineach agus 's ann a bu dualaich e air bristeadh, bheil thu a' tuigsinn?

Iain: 'S dè bhiodh sibh a' dèanamh aig cìrean an taighe, ma tha?

Donnchadh: Well, dh'fheumadh tu stuth eile a chur air, ged nach biodh ann ach luachair, no chunnaic mi bhith cur, tha, maran air no muran. Agus dhèanadh tu le fodar e cuideachd. Rud sam bith a lùbas thairis.

Cha leig thu leas sin le fraoch. Nì thu an gnothaich leis a' fhraoch.

Iain: Nì. Tha e fada gu leòr agus tha e bog gu leòr.

Donnchadh: Tha, 's tha dòigh eile air cuideachd.

Nuair a... ma thig mi air adhart chun a' fhraoch, nuair a thig thu chun a' chìrean, tha thu a' cur, 's e rud a theireadh m' athair ris, bhiodh e a' cantainn rium, "Nuair a thig thu chun a' chìrean, cuir cas mu sheach e", bhiodh e a' cantainn rium, "Cuir aon ultach no dòrnach co-dhiù a' rathad seo, 's cuir an dòrnach eile a' rathad eile gus a bheil thu a' faicinn, tha, a' rud caol dheth a' dol a-null" agus...

Iain: Tha, tha. Bha mi a' smaoineachadh gur e sin a bha sibh a' ciallachadh.

Donnchadh: Agus a' rud caol an uair sin chun an taobh eile.

Iain: An taobh eile, 's e.

Donnchadh: Agus bha e a' tighinn a-mach ceart gu leòr an uair sin mar sin.

Iain: 'S dè mu dheidhinn ceangal a' chìrein a-nise, bhon chan eil rian air nach buaileadh a' ghaoth gu math làidir air-san?

Donnchadh: Abair thusa. Well, bhiodh iad a' cur lathaisean uabhasach fhèin tapaidh aig a' chìrean.

Agus, well an-diugh, cha leig thu leas sin. Tha lìn, lìn iarainn 's lìn eile, lìn iasg 's faodaidh tu rudan sam bith mar sin a chuir orra, 's chan eil dragh mòr ann.

Ach as na seann làithean bha obair mhòr air. Agus dh'fheumadh tu cuideachd sìoman a chur gu math dlùth ri chèile agus air uachdar na lathaisean. Agus bha sin ga chumail teann ri mullach an taigh.

Iain: Bha, bha.

Donnchadh: Nuair a bha na sìomain a bha sin a' tighinn a-bhàn air mullach na lathaisean.

Iain: Bha, bha, 's bha sin a' ceangal a h-uile càil a bh' ann.

Donnchadh: O, a h-uile rud a bh' ann. Bha.

Iain: Nise, a' ceangal na sìomanan a tha sin, dè mar a bha iadsan air a' ceangal? Bha 'd air an ceangal ri acraichean, gu follaiseach.

Donnchadh: Bha. 'S e clachan a bhiodh aig a' bhonn aca.

Iain: 'S e.

Donnchadh: Agus bha na lathaisean gan cumail gun a bhith a' greimeadh a-staigh as an tughadh, bhon dhèanadh sin milleadh air, agus bhiodh an t-uisge a' ruith as an tòc a dh'fhàgadh na sìomain air mullach an taighe. Bheil thu a' tuigsinn?

Iain: Tha, a' tuigse gu mionaideach, bhon bha sibh ag iarraidh gum biodh mullach an tughaidh rèidh.

Donnchadh: O, cho rèidh 's a ghabhadh e bhith. Bhon mar a biodh, cha bhiodh e math, agus 's e, 's e an cìrean a' rud as cugalaiche dhan taigh a th' ann.

"Agus g' e bith dè a' chuid eile dheth a chumas tu suas, feumadh tu an cìrean a chumail suas!" bhiodh m' athair a' cantainn rium.

Agus ma chumas tu an cìrean suas, is ann an òrdugh math, mairidh an tughadh fada, fada, fada. Ach mur a cum thu an cìrean a' dol, falbhaidh an tugadh uile gu lèir.

Agus tha sin furasta a thuigsinn chionn gheibheadh an t-uisge a-staigh aig an fhìor mhullach agus bhiodh e a' tighinn a-bhàn am broinn an tughadh, mar tha thu a' tuigsinn.

Iain: Bhiodh. Bhiodh. Bhiodh. Tha, bha, rudan aca mar maide feannaig?

Donnchadh: Bha.

Iain: Nach innis sibh dhomh mu dheidhinn sin, 's a' feum a bh' as a' mhaide a bha seo?

Donnchadh: Well, a' maide-feannaig, 's ann gu mòr as na taighean as na h-eileanan a bhiodh iad a' dèanamh feum dhiubh. 'S coiriche ris a' sin gu mòr, 's e an dòigh a bh' aca air an ceann. Agus bha maide-feannaig a' tighinn a-mach aig gach ceann dhan an taigh. Cha bhiodh stuaigh idir air na taighean sin, a bheil thu tuigsinn?

Iain: Tha.

Donnchadh: Agus cha bhiodh dad eile ann air an ceangaladh tu sìoman mar sin, mur a biodh pìos fiodh a' tighinn a-mach mar sin. Agus sin am pìos fiodh ris an canadh iad a' maide-feannaig.

Agus 's ann buileach glan airson ceann a' sìoman a bha e. Cha robh feum mòr sam bith eile ann. 'S ann nach b'fheàirrde an taigh idir e, oir bhiodh an t-uisge dualach air leantainn a-bhàn cliathaich a' mhaide.

Iain: Bhiodh. Bhiodh. Agus...

Donnchadh: Agus dh'fheumadh tu beagan tughadh a' dhèanamh air fhèin aig a' bhonn.

Iain: Well, tha mi creids'.

Donnchadh: Dh'fheumadh.

Iain: Cha do smaoineachadh mi air sin a-riamh. Ach tha mi a' creids' gu bheil sin ceart.

Donnchadh: O nam biodh tu ga dhèanamh ceart dhèanadh tu beagan, bìodach tughadh air a' cheann, uabhasach dlùth ris a' mhaide.

Iain: Seadh, gus nach fhaigheadh uisge sam bith a leanadh a' maide a-steach?

Donnchadh: Sin agad mar a tha thu a' dèanamh a' similear cuideachd. Tha thu ga thughadh mar sin. Rinn mi gràinne dhuibh bho chionn bliadhna, bho chionn bhliadhnaichean.

Agus bha mi gan tughadh an-àrda mar sin. Nuair a bha mi a' ruigsinn a' mhullach aca, bhiodh na similearan, bha mi an uair sin a' faighinn rud ris a canadh sinn ròpa buidhe. Tha fios agad fhèin dè tha sin?

Iain: Tha.

Donnchadh: Bhiodh e aca airson feur is eile. Is bha mi a' toinneamh sin timcheall mullach an t-similear dlùth ri chèile, 's cho tight sa ghabhadh e cur, airson troigh no mar sin. Agus chan fhaigheadh boinne uisge a-staigh air a' sin.

'S a' bheagan bìodach a bha a' dol air mullach a' ròpa co-dhiù, well bha teas an t-simileir fhèin, teas an taigh fhèin, cha robh e a' dèanamh cron no grodadh sam bith.

Iain: Bhathas ga thiormachadh.

Donnchadh: Bha e ga thiormachadh, dìreach mar a bha e a' tighinn.

Iain: Agus bha an tughadh beag a bha sin a' dèanamh an aon fheum agus a tha luaidhe air taighean?

Donnchadh: O dìreach glan.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.