Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 13 Dàmhair 2009

Tughadh

Bun-dubh

'S e a' freumh aig a' raineach a tha anns a' bhun-dubh agus bha Donnchadh MacMhathain ag innse mar a bhathas ga spìonadh às an talamh, bun le bun.

Tha e coltach gu bheil trì no ceithir a dh' òirlich uaireannan de bhun-dubh air a' raineach agus gu bheil maireannachd uabhasach ann. Bha bodaich ag innse dha nach biodh e neo-àbhaisteach do thaigh a bha air a thughadh le bun-dubh mairsinn ceithir fichead bliadhna co-dhiù, nas fhaide na fraoch no cuilc Shasannach.

Raineach

Slacan

'S ann dìreach mun àm seo dhen bhliadhna a bhite a' tarraing a' raineach, dìreach nuair a tha i a' fàs ruadh agus a' fàs righinn aig an aon àm.

Bha 'd ga tarraing bun le bun agus bha 'd a' toirt an duilleach air a' cheann aice dhith le bhith ga shlaodadh tro làmh. Bhiodh cromag bheag fiodh aca le dul bheag ann agus b' e slacan a theireadh iad ris. Tharraingeadh iad tron t-slacan e oir bha raineach glè throm air làmh. Nuair a bha i a' fàs tioram is cruaidh, dh'fhaodadh stob a dhol tro do làimh.

Dusan bun san dòrn; dusan dòrn san t-slocan; dusan slocan sa chàrn

Bha dòigh aca air innse nuair a bha gu leòr bun-dubh aca airson taigh a thughadh. 'S e theireadh iad, "dusan bun san dòrn." Bha sin dusan bun a bha thu a' tarraing an toiseach 's gan cuir an dara taobh.

Agus bha thu rèiste a' cur dusan dòrn ann a' slocan 's bha sin mar gum biodh sguab mhòr agad.

An uair sin bha "dusan slocan sa chàrn", agus b' e sin an càrn-slaod a bhiodh aca airson a thoir dhen a' mhonadh. Bhiodh iad a' cur dusan dhe na slocain as a' chàrn-slaod.

Sin a theireadh iad nuair a bha 'd ga bhuain. "Dusan bun san dòrn. Dusan dòrn san t-slocan. Agus dusan slocan sa chàrn."

Dh'fheumadh tu mòran sluagh airson bun-dubh a thional oir bha obair mhòr ann a bhith a' cruinneachadh na dh'fheumadh tu airson mullach taighe.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.