Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 13 Dàmhair 2009

Tughadh

Stuthan airson tughadh

Ann an Alba, bha suas ri naoi neo deich stuthan ann uile gu lèir, ach, air a' Ghàidhealtachd, b' e luachair, fraoch, fodar agus bun-dubh bu chumanta.

An àitichean eile, bhathas a' cleachdadh luachair agus bealaidh, fianach, fraoch, fodar seagal, fodar cruithneachd, fodar eòrna agus cuilc.

Fraoch

Mur an robh am fraoch mòr is fada cha b'fhiach e, am beachd Dhonnchaidh MhicMhathain. Nam biodh esan a'dol a thughadh taigh, bhiodh e airson gum biodh e ceithir troighean a dh'fhaid, ach bhiodh sin a' cunntadh a' freumh.

A' tughadh le fraoch

Ged a bhiodh e beagan a' chòrr air ceithir troighean, cha dèanadh e cron. Bha Donnchadh ag ràdh gu feumadh tu a' fraoch a chumail uabhasach fhèin cas, leis gum bi thu ag iarraidh ruith math, leis a' snighe a bhios a' tighinn a-bhàn air.

Feumaidh an taigh a bhith cas, seach taighean eile mar a chì thu as na h-eileanan, agus feumaidh an cìrean a bhith gu math biorach aig a' cheann gus am faigh an t-uisge ruith gach taobh dheth. Bhon a tha fraoch cho fosgailte, feumaidh e bhith cas agus uabhasach fhèin teann air a thughadh.

A' tughadh le bealaidh

Uaireannan, gu h-àraidh a' tughadh le bealaidh, dh'fheumte beagan crèadh a chur dhan tughadh. Bha Donnchadh ag innse nach b' e crèadh cruaidh mar a bha i a' tighinn às an talamh a bhathas a' cleachdadh idir. Bhathas a' measgachadh na crèadha le uisge gus am biodh i riaghailteach bog, cho bog agus gun taomadh i às taoman, ach gun i bhith cho bog 's gun dòrtadh i buileach glan.

Nise, nuair bha an duine a bha a' tughadh a' dol suas a h-uile cùrsa, mu thimcheall gach troigh, bha e a' faighinn taoman dhen a' stuth a bha seo, 's bha e ga dhòrtadh thairis air a' fhraoch a bha fodha.

Cha robh e ga chur a-bhàn chun a' bhàrr aig a' fhraoch, no aig a' bhealaidh. Bha e dìreach a' leigeil leis tighinn a-bhàn trì chairteil no mar sin.

Na leigeadh e a-bhàn ro fhada e, dh'fhaodadh gu falbhadh an t-uisge leis.

Bha seo a' deanamh tughadh a bha uabhasach dìonach. 'S e droch thughadh a th' as a' bhealaidh oir tha e nas fhosgailte na fraoch fhèin ann an dòigh.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.