Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 06 Dàmhair 2009

Creideasan

Cron ann an gathan na gealaich?

Bha fear a b' aithne do Mhairead NicLeòid ag innse dhith nuair a bha e ri seòladh a-null do na tìrean cèin far am biodh e glè theth, bu toigh le na seòldairean a bhith a' cadal air deic a' bhàta far nach robh e cho buileach teth 's a bha e fo rum.

Gealach

Ach thigeadh an sgiobair far am biodh iad agus chanadh e riutha, "Chan fhaod sibh cadal a-nis idir fo sholas na gealaich." Bha e air a chasg dhaibh chionns gu robh cuid a' creidsinn gu robh rudeigin ann an gathan na gealaich mum feumadh iad a bhith faiceallach.

Ann an tè de na sailm (CXXI) tha "A' ghrian cha bhuail i thu san là, no a' ghealach fòs san oidhche."

Buaidh na gealaich air daoine is beathaichean

Tha cuid a' creidsinn gu bheil buaidh aig a' ghealaich air daoine. Bhathas ag ràdh cuideachd gum biodh cuid de choin ag èigheach 's a' rànail nuair a bhiodh a' ghealach slàn.

Bodach

Nuair a bha inbhich airson nach rachadh clann gu àite sònraichte chanadh iad gu robh bodach ann, no gu facas bodach ann. B' e dòigh a bha seo air clann a chumail à àiteachan cunnartach.

Cleachdaidhean

Miastadh ri solas na gealaich

Bha e na chleachdadh aig balaich òga gu h-àraidh, a bhith a' goid shneapan is churranan à liosan an nàbaidhean. Ach cha robh e air fhaicinn mar goid ann. Cleas eile a bhiodh aca, b' e sin a' cur ceap air mullach similear gus an lìonadh an taigh le ceò. Cha deidheadh seo a dhèanamh air duine dòigheil idir, ach air duine a dheidheadh fiadhaich 's a thigeadh as an dèidh a' trod.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.