Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 06 Dàmhair 2009

Cuimhneachain air oidhcheannan gealaich

Gealach

Ri oidhcheannan soilleir gealaich, bhiodh sean agus òg ri obair, ri spòrs, ri cèilidh agus ri dannsa, mar a chuala Flòraidh nuair a thadhail i air Mairead NicLeòid ann an Garrabost, Leòdhas.

Mairead: Bhiodh sinn a' dol a-mach às dèidh na suipeir agus bhiodh e sònraichte math nam biodh oidhche ghealaich ann, oir gheibheadh sinn air geamannan a dhèanamh a-muigh, le solas na gealaich.

Agus bhiodh na h-inbhich, 's ann air chèilidh a bhiodh iad a' dol, oir chitheadh iad càite an robh iad a' dol.

Cha robh na rathaidean cho math an uair ud agus 's e morghan a bh' air. Tha mi a' bruidhinn an-dràsta nuair a bha sinn glè òg, ron a' chogadh faodaidh mi a ràdh, agus toiseach a' chogaidh.

Tha, 's e rathaidean morghan a bh' ann, 's nuair a bhiodh tòrr bùrn ann, bhiodh lòin ann. Agus, air oidhche dhorcha, dh'fhaodadh tu a thuigsinn gum biodh tu cinnteach gun seasadh tu ann a' lòn, 's gun cuireadh tu steall.

Agus bha facal againne, nam biodh cuideigin a bhiodh math air cèilidh, agus gu faiceadh sinn i a' falbh a chèilidh, 's ann glè thric a bhaile eile. Agus, nuair a bhiodh iad a' dèanamh sin, bhiodh iad a' dol a bharrachd air aon taigh. Agus nuair a chitheadh sinn i a' falbh, chanadh sinn "O, 's iomadh lòn às an cuir thusa steall mun till thu!"

Flòraidh: Dearbha, tha mi cinnteach gun dèanadh i sin cuideachd!

Mairead: Ach nuair a bhiodh solas na gealaich a-nis ann, chitheadh tu a' ghealach a' deàlradh air na lòin 's gheibheadh tu air a dhol seachad orra.

Flòraidh: Chumadh sibh ur casan tioram?

Mairead: Chumadh sinn ar casan tioram co-dhiù. Ach bhiodh sinne ri cluich. Bhiodh sinn a' dèanamh a' chluich a bhiodh againn fhìn a-muigh. Bhiodh sinn a' dèanamh Ìog. 'S e sin a-nis a bhiodh againn air, Ìog, air hide and seek. Ìog.

Agus bhiodh stance againn, 's e glè thric a' chruach, cùl na cruaich. 'S bhiodh sreath againn ri seasamh ri taobh na cruaich, agus bhiodh aon duine againn a' dol a-mach. 'S bha rabhd againn ga ghabhail gum biodh aon duine air fhàgail.

Flòraidh: Cia mheud agaibh a bhiodh a' seo a-nis?

Mairead: Well, tha mi a' creids' gum biodh ochdnar no naoinear againn ann.

Flòraidh: Sin còmhlan a bhiodh agaibh ann?

Mairead: Sheadh. Bhiodh còmhlan, bhiodh cnap againn ann a' shin, clann-nighean agus balaich. Cha robh cus de chlann-nighean ann. Ach cha robh cus de dhiofar. Bhiodh sinn a' cluiche còmhla ri chèile.

Agus a' rabhd a bhiodh againn, tha, bhiodh an tè no am fear a bhiodh a-muigh air ar beulaibh, bhiodh e a' putadh a h-uile duine. Bhiodh e a' tòiseachadh leis a' chiad duine 's bha rud a' dol air adhart mar sin gus nach biodh air fhàgail ach aon duine.

Flòraidh: 'S dè bha a' tachairt dhan duine sin a-nis?

Mairead: Bha, bha, bha am fear no an tè sin, bhiodh e dìreach a' cur a chùlaibh, 's bhiodh càch a' sgapadh an taobh seo 's an taobh ud.

Abair nam biodh sinn air an talamh am measg nan adagan no am measg nan tudain gum biodh àitichean ann airson a dhol air falach.

Agus bhiodh an duine a bh' air fhàgail a' cunntadh gu fichead no rudeigin mar sin, agus a' sealltainn an uair sin timcheall ach a faiceadh e sinn.

Agus bhiodh sinn a' dèanamh ar dìcheall nach deidheadh greim fhaighinn oirnn. Bhiodh sinn a' tighinn car mu chnoc timcheall air ais chun a' stance.

Ach nan deidheadh breith oirnn, 's e sin an ath dhuine a dheidheadh, a bhiodh air fhàgail, 's an fheadhainn eile a' dol air falach.

Flòraidh: Tha mi a' tuigsinn.

Mairead: Och, chumadh e a' dol sinn ùine mhòr. Bha sinn cho cleachdte ris an dorchadas. Cha robh solas ann. Nuair a thigeadh solas na gealaich bha e dhuinn mar an latha agus chitheadh sinn cho math ri càil.

Bhiodh sinn nar sreath a-rithist an ceann, cùl cruach agus fear no tè a-muigh a' dèanamh, ag atharrais air duine, mar a bhiodh na daoine a' coiseachd, mar a bhiodh iad a' cur an làmhan, mar a bhiodh...

Cha robh bruidhinn, cha bhiodh sinn a' dèanamh bruidhinn idir. Bha sin ro fhurasta.

Ach bha bruidhinn a h-uile duine againn, 's bhiodh rudan sònraichte a bhiodh iad ag ràdh. Ach nan canadh sinn sin, bha fhios agad air a' bhad cò bh' ann.

Bhiodh sinn ga dhèanamh cho duilich 's a b' urrainn dhuinn. 'S chumadh sin a' dol sinn greis cuideachd.

Ach nise, nuair a chì mise a' ghealach, nuair a dh'fhàs sinn a-nis rudeigin suas, agus a chì mi a' ghealach, 's ann gu sònraichte air danns' a' rathaid a bhios mi a' cuimhneachadh.

Flòraidh: Seadh gu dearbha.

Mairead: Tha, bha sinn an uair sin nar deugairean suas, tha mu, air fàgail 's mathaid còig deug, suas mu chòig deug. Agus bhiodh sinn, 's e sin fear dhe na cur-seachadan a bh' againn.

Flòraidh: Robh sibh cho òg sin a' dol gu dannsa a' rathaid?

Mairead: Och, bhiodh. Bhiodh sinn a' dol còig deug mar sin. Bhiodh sinn suas còig deug 's sia deug. Bhiodh.

Tha, an uair sin bhiodh sinn a' coiseachd, mi-fhìn 's mo bhana-charaid, bhiodh sinn a' coiseachd bho seo fhèin sìos gu Na Fleisirin. Bhiodh sinn a' stad aig 's mathaid ceann rathad Sheiseadar, no 's mathaid gun tigeadh sinn suas gu ceann rathad Phabail. Bhiodh sinn a' cruinneachadh a-nuas romhainn.

'S mathaid gun tigeadh duine no dhithis a-mach à Seiseadar. Cha chreid mi gu robh duine againn ann a' Siadar. Ceann shìos Gharraboist, grunn math à Pabail, 's bhiodh sinn ann a' shin ma tha airson mu dhà uair a thìde.

Ach bhiodh e sònraichte math air oidhche ghealaich ach cha robh nach biodh gealach ann nar cumail idir. Mur a biodh gèile no cathadh ann, bhiodh sinne a-muigh.

Flòraidh: Bhiodh, tha mi cinnteach.

Mairead: Tha, nise, nuair a bhiodh gealach ann, tha, nam biodh droch aimsir air a bhith ann, 's gum biodh an coirce air a ghearradh toiseach an t-Sultain 's gun tigeadh an uair sin sìde mhath, nan tigeadh feasgar tioram agus gum biodh oidhche ann le gealach, tha, chunnaic mi feadhainn a' dol sìos a thudanachadh.

Flòraidh: Sin na h-inbhich?

Mairead: Sheadh. Och tha mi a' creids' gun deidheadh clann sìos cuideachd, dìreach a chruinneachadh na sguaban còmhla riutha. Ach bhiodh, bhiodh iad a' tudanachadh shìos le solas na gealaich. Bha e cho soilleir.

'S mar a thuirt mi mu thràth cha robh sinn cleachdte ri solas, a' chòrr a sholas ann. Agus bha solas na gealaich, bha i, saoilidh mise gu robh i tòrr na … well, tha i ann a' sin na bu shoilleir dhuinn na tha i an-diugh. Bha sinn na bu mhothachail oirre a bhith soilleir.

Agus rud eile cuideachd, bha sinn, nuair a bhiodh a' ghealach ann, bha deagh fhios againn cuin a bha i a' dol a thighinn, cuin a thigeadh i, 's cuin a bhiodh i slàn.

Flòraidh: An ann ag ionnsachadh seo a bhiodh sibh?

Mairead: Well, bhiodh sinn ga chluinntinn.

Flòraidh: Ga chluinntinn?

Mairead: O, bhiodh sinn ga chluinntinn. Cha robh iad ga ionnsachadh idir dhuinn ach bha sinn a' togail tòrr de rudan, tha, nach robhas ag ionnsachadh dhuinn idir.

Tha, mar a bha na seanfhacail fhèin a bh' againn bho chionn greis air ais, agus mar a bha mi a' bruidhinn air an atharrais a bha ann a' sheo, cha robh sinn idir a' leantainn nan daoine ach a' faiceadh sinn ciamar a… mar a bha iad a' coiseachd no càite robh iad a' cur an casan no làmhan no ciamar a bhiodh iad nan seasamh no dè bha iad a' dèanamh le làmh.

Ach bha sinn ga thoirt a-steach. Bha sinn ga fhoghlam gun ionnsachadh dhuinn, mar a bha sinn leis a' ghealach.

Agus bhiodh deagh fhios againn nuair a bhiodh gealach ùr ann, 's gealach shlàn ann, gum biodh an tràigh a-rèir sin.

Flòraidh: 'S bha diofar gealaich ann, nach robh?

Mairead: Tha. Well, a' ghealach a th' ann faidhear an-dràsta fhèin nam biodh oidhche ghlan ann. Chunnaic mi a-raoir dìreach sealladh dhith thall mu bheanntan Na Hearadh ann a' shiud. 'S bha i dìreach faidhear os cionn a' Chliseam. Tha i ìosal agus 's e gealach cùl nan cnoc a bhios againn oirre.

Nise, bhiodh i a' tighinn nan turchradh gum biodh i ann, air a bhith ann can toiseach na mìos a bh'ann a' sheo, toiseach an t-Sultain 's mar sin. Nuair a bhiodh, 's e gealach abachaidh a bhiodh aca oirre. Gealach abachaidh an eòrna.

Agus bhiodh a' chlann-nighean, bhiodh iad, nuair a bhiodh iad air falbh aig a' sgadan, bhiodh feadhainn aca leis a' chianalas. Agus nuair a chitheadh iad a' ghealach, bhiodh iad a' gal. Agus chanadh iad "O, gealach abachaidh an eòrna, bheir i sinne a Leòdhas dhachaigh."

Flòraidh: Sin agad e.

Mairead: 'S bha 'd ag ràdh gu robh abachadh innte.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.