Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 29 Sultain 2009

Diofar dhòighean iasgaich

Ag iasgach le slat

Tràla agus tàbh no taigh-thàbhaidh, sin dòighean iasgach air an robh iomradh sa phrògram.

Fionnlagh: Tha tràla bheag ga cur a-mach ann a' Siabost fhathast. 'S bha mi a' bruidhinn an-dè fhèin ri dithis a bhios ga cur a-mach.

'S chan eil Am Bodach uabhasach àrd, 's bithidh cunnart orr'. Bidh e a' dol suas gu bhroilleach ga toirt a-mach air an tràigh, 's dìreach mar sin ga toirt a-steach.

Iain: Airson smalagan?

Fionnlagh: O, airson chudaigean, 's mar sin. Bidh.

Flòraidh: 'S a bheil beachd againn a bheil seo a' tachairt an àiteachan eile?

Fionnlagh: Well, tha mi a' smaoineachadh far an robh cladaichean fosgailte. Cha robh e ann an Nis ri m' aire-sa co-dhiù. 'S e bh' ann ach rud air a robh taigh-thàbhaidh, lìon mòr le cas innte, eil fhios agad, bhon cha robh e furasta piorraichean fhaighinn air an deidheadh tu a-mach 'son a toirt gu chèile, 's mar sin.

'S chan aithne dhomh gu robhas ga dhèanamh air tràigh, ach 's dòcha gu robh. Ach tha i ann a' shiud gu nàdarrach fhathast ann a' Siabost, air tràigh Shiaboist, ga cleachdadh.

Iain: Well, 's e corra sgìre as nach robh tràigh a choireigin far am b' urrainn dhut obrachadh rud dhen t-seòrsa. Tha, tha mi a' tuigs' a' rud a th' agad, daoine, na creagan, 's mar sin air adhart. Ach, eil fhios agad, ann an Nis fhèin tha àiteachan far am faigheadh tu air a' ghainmhich no mar sin, air tràla dhen t-seòrsa seo obrachadh. Tha, mar a bha Ailigean ag ràdh, 's ann, tha, a' dol a-mach leis a' rud ann an eathar a bha iad, 's a' fàgail ceann a' rud air tìr, 's an uair sin, tha, a' tarraing a' rud a-steach.

Agus chan aithnicheadh tu càil, gu robh càil as an tràla an toiseach, gus an tòisicheadh i dìreach a' tighinn dhan an fhìor thanalach, a-steach air a' ghainmhich. 'S bha thu an uair sin a' faicinn a' phlacail 's an cop nuair a bha an t-iasg ag aithneachadh gu robh iad air an cròthadh.

Fionnlagh: 'S a' robh tàbh no taigh-thàbhaidh air an t-slios sin, shuas an Càrlabhagh?

Iain: O bha. Tha làn-chuimhne agam fhìn air a' sin.

Fionnlagh: A thuilleadh air an tràla?

Iain: Tha sin ceart. Bhiodh iad ag obair sin bho na piorraichean air a robh thu fhèin a' bruidhinn. Dìreach an aon àite as am biodh iad ag obair le na slatan cuilc.

Fionnlagh: Bha.

Iain: Agus nach robh riaghailtean aca? Nach biodh iad a' cumail a-mach gu feumadh an duine a bha le... leis an t-slat àite a thoirt dhan an duine a bha ag obair an tàbh no an taigh-thàbhaidh.

Fionnlagh: Dh'fheumadh. Dh'fheumadh e teiche ron taigh-thàbhaidh.

'S iongantach mur e cleachdadh aosta a bha sin cuideachd.

A' cruidheadh eich

Goibhneachd

A' cruidheadh eich

Nuair a bhiodh gobha ag obair a' cruidheadh each, bhiodh aige ri seasamh agus an t-each ri chliathaich, is e a' togail bròg an eich. Bha e na chleachdadh glè thric aig na h-eich a bhith a' leigeil an cuideam a-null air a' ghobha. Gu nàdarrach, leis a' chuideam a bh' anns na h-eich, bha seo rudeigin sàraichte dhan ghobha.

Nuair a sheallas sibh ri dealbhan de dh' eich gan cruidheadh, gu tric, 's ann an doras na ceàrdaich a tha iad nan seasamh. Agus b' e an t-adhbhar airson sin gum biodh an t-each a' leigeil a chuideam air a' chòmhla no air cliathaich an dorais seach air a' ghobha bhochd.

Buntàta

Glùineach

Bàrr a' bhuntàta

Bha duine ag innse do dh'Iain gur e glùineach an t-ainm a bh' aca air buntàta nuair a thàinig e dhan dùthaich an toiseach. Agus b' e an t-adhbhar airson sin gu robh daoine a' creidsinn nach robh mòran brìgh ann am buntàta agus gum biodh daoine a bhiodh gan ithe buailteach a bhith a' fulang galaran co-cheangailte rin altan. 'S le sin, 's e glùineach a bh' aca air buntàta.

Laomadh

Bha Fionnlagh a' coimhead air fear is e a' togail buntàta dubh. Bha dùil aige gu robh e a' dol ga thogail ach cha robh e ann. Bha bàrr brèagha gorm air a bhith air ach cha robh am buntàta idir ann, 's bha e a' smaoineachadh gur e laomadh a bh' ann.

Bha e a' smaoineachadh gur mathaid gur e cus feamainn a chuir e air an talamh bu choireach, ged nach robh e a' smaoineachadh ron a' sin gun toireadh feamainn laomadh air buntàta.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.