Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 29 Sultain 2009

Croitearachd

A' tarraing bhannan

'S e "a' tarraing bhannan" a chante, cha b' e "a' dèanamh bhannan".

Sin a' chiad obair arbhair a bhite a' toirt don chloinn, a' tarraing nam bannan dham biodh iad a' cur na raoidean, 's gan snaidhm ri chèile 's gan cur nan sìneadh air an talamh.

Am bun-dubh

A' chruach arbhair

Bhathas uaireannan a' spìonadh an arbhair, gu h-àraidh eòrna, às an talamh, 's bha beagan de thalamh a' tighinn an cois na freumhan. Sin am bun-dubh. Bha agad an uair sin ri sgathadh, 's bhathas a' cleachdadh bun-dubh airson tughadh.

A' chruach arbhair

Nuair a bhiodh iad a' dèanamh nan cruachan no na sìgean, bha an toiseach na torran, no na càirn, no na toitean gan dèanamh. 'S bhiodh iad a' fàgail an arbhair ann a' shin airson dèanamh cinnteach gun tiormaicheadh e ceart mas deidheadh a chuir dha na cruachan airson a' gheamhraidh, no am feur dhan t-sìg.

Bhiodh na bodaich a' cumail a-mach nan cuireadh tu feur rudeigin gorm nach robh air tiormachadh ceart ann an cruach no ann a' sìg, gum biodh a' chruach, mar a bhiodh iad ag ràdh, a' gabhail teas.

Bha dòigh àraidh aca air aithneachadh gu robh fodar ceart no sìg mhath aca. Nuair a thigeadh latha rudeigin fiadhaich sa gheamhradh bhiodh iad a' sealltainn an robh a' chruach no an t-sìg a' gluasad, no mar a chanadh iad, a' dannsa. Sin comharra air deagh chruach le arbhar math, tioram innte.

Nam biodh a' feur a bh' innte rudeigin gorm agus fliuch bhiodh e air socrachadh agus suidheachadh air a chèile, 's cha ghluaiseadh e idir.

A' dlùthadh

Bha Ceit Anna NicIllFhalain, Taigh a' Ghearraidh, Uibhist a Tuath ag innse gur e "a' dlùthadh" a chanadh iad nuair a bhiodh iad a' cruinneachadh an arbhair agus a' dèanamh nan cruachan. Dh'fheumadh a' sìol a bhith air an taobh a-staigh dhen chruaich, agus bha iad a' dol timcheall ann an cearcaill ga togail suas, 's an uair sin a' lìonadh as a' mheadhan air an tarsainn. B' e "a' lìonadh na cruaich" a chante ris a' sin.

Dh'fheumadh lìonadh gu leòr a bhith innte no dh'fhàsadh a' chruach fliuch. 'S bhathas mar bu trice ag obair deiseil timcheall na cruaich, leis a' ghrèin.

Bha Ceit Anna cuideachd ag ràdh gum bite a' spealadh sealastair airson cruach a thughadh 's a' dìon bho uisge, 's uaireannan gun cleachdadh iad seasgan airson seo.

Obair an arbhair

Biodan / bàrr-cuileig

B' e biodan a chanadh iad an Uibhist a Tuath ri mullach na cruaich agus bhiodh ròpa is crios is clachan ris an cante acraichean aig bonn na cruaich.

As an Eilean Sgiathanach nuair a bhiodh iad a' tionndadh fear de na sguaban no na badan, dhà aca, le na diasan sìos agus am bun aige gu h-àrd, 's ga chuir timcheall aon bhad no aon sguab air taobh an fhasgaidh agus am bad eile taobh an fhuaraidh mar gum biodh, agus ga cheangal timcheall dìreach mar bonaid, 's e bàrr-cuileig a chante ris.

Sagart am bonn cruaich

Bhiodh iad a' cur gainmheach no fàdan no fiodh ris an cante sagart am bonn cruaich airson a cumail tioram.

Uaireannan chuireadh na seann daoine goca feòir am broinn na cruaich coirce agus creideas aca gu robh seo a' dìon a' choirce bho luchainn is radain.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.